Na h-Ealain Lèirsinne
Mhairi Killin, Neach-ealain Lèirsinne air Mhuinntireas
Thairis air an fhichead bliadhna chaidh seachad tha Mhairi Killin air tighinn am bàrr mar ghuth sònraichte ann an ealain Albannaich an latha an-diugh. Tè a tha air iomadh duais fhaighinn, nam measg Duais Leasachadh Cruthachail an CEA (SAC) ann an 2007, tha Mhairi gu cunbhalach air dùbhlan a thoirt don dòigh anns a bheil an sluagh a’ coimhead air modhan-obrach nan Ealain Fìnealta agus Ceàirde.
Tha dualchas teaghlach Mhairi ann an ceàird obair-airgid agus an t-ionnsachadh a fhuair i ann an Sgoil Ealain Ghlaschu (BA le Urram ann an Aodach Fighte ’s le Obair-ghrèis), ann an Colaiste Ealain Duncan of Jordanstone (MPhil ann an Ealain Phoblaich), agus na sgrùdaidhean aice ann an Arc-eòlas A-muigh aig Oilthigh Ghlaschu air stiùireadh a thoirt dhi, mar a tha i a’ dol air adhart a’ rannsachadh na h-àrainneachd aice san àm seachad agus san latha an-diugh.
Fhad ’s a bha Mhairi a’ toirt modh-obrach na stiùidio aice gu ìre tha i air feum a dhèanamh de dhualchas ealain beairteach Eilean Ì, a dachaigh màthaireil, far a bheil i air gailearaidh agus stiùidio a stèidheachadh agus far a bheil i air leasachadh làrach ann an com-pàirt le Urras Nàiseanta na h-Alba.
Rinn Mhairi obair-ealain do ‘An Leabhar Mòr’ ann an 2002, pròiseact com-pàirteachais a chaidh a thaisbeanadh ann an GOMA Glaschu, An Ostair, Èirinn, Canada agus sna Stàitean Aonaichte, agus tha Mhairi air a cuid obrach a thaisbeanadh fad is farsaing agus e air a riochdachadh ann an cruinneachaidhean prìobhaideach mun cuairt an t-saoghail.
Neach-ealain barraichte agus neach-labhairt brosnachail, tha Mhairi air bruidhinn aig fòraman agus co-labhairtean agus air tadhal mar òraidiche airson teagasg aig Colaiste Ealain Scarborough, Sgoil Ealain Lìte, Sgoil Ealain Ghlaschu, agus Sgoil Ealain Duncan of Jordanstone.
www.mhairikilin.com
samhuinngubealtuinn.wordpress.com
Kath NicLeòid, Oifigear Leasachaidh Ealain
'S i Kath NicLeòid às Àird a' Bhàsair, Slèite, an t-Oifigear Leasachaidh Ealain agus tha mòran eòlais aice a thaobh obair leasachaidh ealain agus foghlam. Tha i air a bhith an sàs anns na h-ealain lèirsinneach airson ùine mhòr agus i air tòrr dhiofar phròiseactan a lìbhrigeadh, mar An Dealbh Mòr. Tha Kath ag obair còmhla ris an Neach-ealain Lèirsinneach air diofar phròiseactan agus tha i cuideachd an sàs ann a bhith a' cur taisbeanaidhean air dòigh sa Cholaiste.
Tha na dreuchdan seo air am maoineachadh tro Alba Chruthachail mar phàirt de phrògram a mhaireas trì bliadhna.