Sgrìobhadh
Catriona Lexy Chaimbeul, Sgrìobhadair air Mhuinntireas
Tha Catriona Lexy Chaimbeul à Eilean Leòdhais ach chuir i seachad cuid dhe beatha sa Phloc ann an Loch Aillse. Tha i air obrachadh mar neach-ealain dràma, cleasaiche agus na sgrìobhadair airson mòran bhliadhnaichean, ag obair mar as tric sa Ghàidhlig. Tha ceithir leabhraichean aice ann an clò – Balach Beag a Mhàthar (Stòrlann 2004), Sgeulachdan Eagalach Feagalach (Acair 2008), Samhraidhean Dìomhair (Comhairle nan Leabhraichean 2009) agus Cleasan a’ Bhaile Mhòir (Sandstone Press 2009) – agus tha dà leabhar ùr aice ri thighinn am bliadhna. Tha i cuideachd ag obair a’ sgrìobhadh dhealbhan-cluiche airson bhuidhnean leithid Theatar Nàiseanta na h-Alba, Òran Mòr agus Rural Nations agus bha dealbh-chluich a sgrìobh i airson a’ BhBC stèidhte air an leabhar aice, Samhraidhean Dìomhair, air an rèidio san Dùbhlachd 2012.