Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cothroman Dràma is Craolaidh 2013

Tron bhliadhna shònraichte SMO@40 bidh Sabhal Mòr Ostaig a’ tairgsinn diofar phròiseactan dha bun-sgoiltean, àrd-sgoiltean agus inbhich aig a bheil ùidh ann an dràma tro mheadhan na Gàidhlig. Thig na pròiseactan gu buil le bhith ag obair ann an compàirteachas le diofar bhuidhnean a tha an sàs ann a bhith cur air adhart dràma Ghàidhlig. Ar taing do Bhòrd na Gàidhlig agus Alba cruthachail airson an taic-airgid a tha iad air a chur mu choinneamh feadhainn de na pròiseactan seo.

A thuilleadh air na tachartasan sònraichte, bidh Artair Donald, Neach-dràma an t-Sabhail, a’ cumail sheiseanan dràma gach Dimàirt aig a’ cholaiste far am faod oileanaich agus daoine bhon choimhearsnachd a dhol an sàs ann an dràma Ghàidhlig. Bho chleasachd gu sgrìobhadh faodaidh sibh beachdachadh air gach taobh de dhràma ann an suidheachadh spòrsail is taiceil, agus sgilean ionnsachadh bho aon de na sàr chleasaichean Gàidhlig a th’ againn ann an Alba an-diugh.

Oidhche Chomadaidh: 15 Gearran

Oidhche làn spòrs is fealla-dhà, agus cèilidh bheag a bharrachd. A' tòiseachadh aig 8.00f, tha tiocaidean a' cosg £5 (£2 do dh'oileanaich).

 

Cùrsaichean Rèidio: 16-17 Gearran; 9-10 Màrt; 20-21 Giblean; is 5-9 Lùnastal

Bheir na cùrsaichean sàr sgilean rèidio cothrom beachd airson prògram rèidio a chur an cèill agus a thoirt gu buil, fo stiùir eòlaichean is craoladairean air leth fiosrach.  Thèid na trì cùrsaichean deireadh-seachdain a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig agus bidh an cùrsa mu dheireadh san Lùnastal air a chumail aig  Conservatoire Rìoghail na h-Alba ann an Glaschu, far am bi cothrom aig daoine na sgilean ùra aca a chur air ghleus agus an cur gu deagh fheum. Tha gach cùrsa deireadh-seachdain a' cosg £20 (£10 do dh'oileanaich) agus chuirear àite air dòigh air-loidhne aig
www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cursaichean-goirid/cursaichean-deireadh-sheachdain/

 

Fèis Dhràma Ghàidhlig: 11-16 Màrt

Tha bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean, agus daoine bhon choimhearsnachd bho air feadh an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse gu bhith tighinn còmhla airson fèis far am bi iad a’ cur ris na sgilean dràma aca, agus a’ taisbeanadh nan tàlantan aca air an àrd-ùrlar. Tha an fhèis ga cumail mar phàirt den Sgeama Lìonraidh Dràma Ghàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig.

 

Murt aig a' Bhanais! (5-6 Giblean)

'S e seo deireadh-seachdain sònraichte de dhìomhaireachd is murt! Fhad ’s a tha daoine ag ullachadh airson ‘banais na bliadhna’, bidh aca, na h-aoighean, ri sùil gheur a chumail air cùisean agus am pàirt fhèin a ghabhail annta, thig nithean am follais a bha còir a bhith dìomhair, agus thig an gnothach gu ceann nam fianais fhèin. An tèid gach nì mar bu chòir do bhean na bainnse, agus an e sonas is sìth a tha an dàn dhi fhèin is don duine aice nam pòsadh?

Bidh dà latha làn dibhearsain sa Ghàidhlig ann, far am bi pòsadh, dràma, seinn, fealla-dhà agus gaireasachadh gu leòr ann! Bidh sgioba beag de chleasaichean ùra ann a bharrachd air duine no dithis a tha nas aithnichte, ach ’s ann an urra riuthasan, na h-aoighean aig a’ bhanais, a bhios e obrachadh a-mach cò rinn am murt? Gheibhear cothrom àite a chur air dòigh aig
www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cursaichean-goirid/murt-aig-a-bhanais

 

Cleasachd (29 Iuchar-2 Lùnastal)

Seo cothrom air leth le cùrsa dràma còig latha, far am bi daoine ag ionnsachadh bho shàr chleasaichean Gàidhlig agus eòlaichean dràma. Bheir an cùrsa misneachd dhaibh agus bidh iad a’ cur eòlas air na diofar dhòighean san urrainn dhaibh ancorp is an guth a chleachdadh ann an dràma. Gheibh daoine eòlas air leasachadh charactaran, ionnsaichidh iad mar a thèid iad an sàs ann an teacsaichean le sùrd is ealantas, agus bidh fios aca mar a lìbhrigeas iad sgriobt aona-neach ro dheireadh a’ chùrsa. Tha an cùrsa freagarrach do dhaoine a tha 17 is nas sine a tha airson na
sgilean dràma Gàidhlig aca a leasachadh. Chuirear àite air dòigh air-loidhne aig www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cursaichean-goirid/acting_gaelic_drama_29_07_2013

 

A' Teagasg Dràma (5-9 An Lùnastal)

Tha an cùrsa seo airson daoine aig a bheil ùidh ann a bhith teagasg dràma tro Ghàidhlig. Fo stiùir oidean bho Conservatoire Rìoghail na h-Alba agus Artair Donald, bidh daoine ag ionnsachadh mu dhòighean teagaisg ùra is buadhach. Chan ann a-mhàin gum bi iad a’ togail sgilean ùra, ach bidh iad cuideachd a’ cur ris an deasbad mu dè an t-àite a th’ aig Gàidhlig ann an dràma ann an Alba. Chuirear àite air dòigh air-loidhne aig www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cursaichean-goirid/teaching_acting_05_08_2013

 


 

 --}