Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cuimhneachan 100 bliadhna Jon Schueler - Co-chomhairle is Taisbeanadh

An Linne - Co-labhairt agus Taisbeanadh Jon Schueler 2016, ceud bliadhna às dèidh a bhreith

Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach, Alba 27-29 An Cèitean 2016

Ath-ghairm, ath-thilgeil, ath-dhealbhadh

 

FÀILTE

Fàilte ort gu làrach-lìn An Linne, Co-labhairt is Taisbeanadh Jon Schueler 2016, ceud bliadhna às dèidh a bhreith.

Co-labhairt is taisbeanadh eadar-nàiseanta aig Colaiste Gàidhlig na h-Alba anns an Eilean Sgitheanach, an cois cladach na Linne Shlèitich a thug buaidh mhòr air obair Schueler fad iomadh bliadhna.

A' comharrachadh ceud bliadhna bhon a rugadh Jon Schueler, thèid sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air obair is buaidh Schueler cho math ri bhith a' toirt sùil air a bheatha gu mì-fhoirmeil le òraidichean a b' aithne dha is a bha ag obair cuide ris ann an Alba agus tro thaisbeanaidhean acadaimigeach. Bidh taisbeanadh aonair ann aig a' cho-labhairt anns am bi obair ealain a rinn e ann am Malaig, an dà chuid obair ola is obair pàipeir, cuide ri taisbeanadh de thriùir luchd-ealain a rinn greisean obrach tro Sgoilearachd Jon Schueler aig Sabhal Mòr Ostaig eadar 2013 agus 2015 - Takeshi Shikama, Helmut Lemke & Oliver Mezger.

Thathar a' comharrachadh ceud bliadhna bhon a rugadh Jon Schueler le taisbeanaidhean aonair is buidhne ann am Breatainn is Ameireaga ann an 2016.


Òraidichean is Com-pàirtichean

An t-Àrd-ollamh Meg Bateman, Sabhal Mòr Ostaig, ri dhearbhadh; Dr Lindsay Blair, OGE; Mary Ann Caws, Àrd-ollamh Urramach na Beurla, na Fraingis agus Litreachais Choimeasaich, City University of New York; Richard Demarco, CBE; Kenneth Dingwall, neach-ealain: Marian Leven RSA, neach-ealain; Dr Iain Mac an Sporain (Sabhal Mòr Ostaig); Murchadh MacDhòmhnaill, Àrd-ollamh Ealain na h-Alba, Oilthigh Dhùn Dè; Will MacGillEathain RSA; An t-Àrd-ollamh Donnchadh MacMhaolain; Aonghas Màrtainn, bàrd is eòlaiche eachdraidh; Dr Anna NicLeòid; Marissa Roth, dealbhadair, sgrìobhaiche agus neach-glèidhidh; Carl Schmitz, Leabharlannaiche Ghoireasan Lèirisinn agus Rannsachaidh Ealain, The Richard Diebenkorn Foundation; Dr Joanna Soden HRSA.

Bidh Fionnlagh Fionnlasdan na Chathraiche ann an còmhradh le daoine à baile iasgaich Mhalaig.

Helmut Lemke (neach-ealain fuaime, Neach-ealain Sgoilearachd Jon Schueler 2014) agus Oliver Mezger (neach-ealain film, Neach-ealain Sgoilearachd Jon Schueler 2015), ri dhearbhadh.
 

Prògram

 Prògram An Linne 2016

 

Thèid barrachd fiosrachaidh a sgaoileadh air an làraich seo.

Tha àireamhan muinntir na co-labhairt cuibhrichte. Airson an tuilleadh fiosrachaidh no airson litir-naidheachd na Co-labhairt fhaighinn, cuir fios gu Kath NicLeòid js.smo@uhi.ac.uk

 

Glè Àite

Leanaibh an ceangal gu h-ìosal airson àite a ghlèidheadh:

https://www.eventbrite.com/e/an-linne-jon-schueler-centenary-symposium-and-exhibition-tickets-19837313940

 

Tha grunnan àiteachan rim faotainn dha oileanaich agus daoine a gheibheadh prìsean nas ìsle agus faodar campadh a thaghadh cuideachd.

 

Taisbeanaidhean, Dihaoine 27 Cèitean – Dihaoine 24 an t-Ògmhios.  Bidh an taisbeanadh fosgailte gach Diluain gu-Disathairne 9.00m – 19.00f aig Sabhal Mòr Ostaig

Bidh taisbeanadh de dh'obair ealain Schueler ri fhaicinn aig a' cho-labhairt agus fad an Ògmhios. Bidh taisbeanadh ann cuideachd leis an triùir luchd-ealain Sgoilearachd Jon Schueler a rinn greisean-obrach aig Sabhal Mòr Ostaig bho 2013.

http://www.smo.uhi.ac.uk/en/ealain-is-cultar/jon-schueler/

 

Taisbeanaidhean Co-cheangailte

http://www.gairlochheritagemuseum.org/exhibitions.html

http://alisondunlop.com/

 

"B' e còmhradh air thuairmeas agus ìomhaigh tìr a' gheallaidh a thug air Jon Schueler imrich don Ghàidhealtachd aig àird a chliù ann an saoghal ealain New York. Ann an 1957 nuair a bha e a' taisbeanadh a chuid ealain eas-chruthach aig Gaileiridh Leo Castelli ann an New York, thog e air a Mhalaig, an cois na Linne Slèitich. Bha an strì eadar Scheuler agus cuan Innse Gall domhain agus lasanta ach tha smachd is rian ri fhaicinn na fhreagairtean ealanta. Ann an aon bheum tha e a' togail smuaintean air àrainn na h-Alba às an t-seòmar-cuideachd far a bheil i tarraingeach, àrsaidh, àraid agus a' cur sgèile eile oirre, doimhneachd eile, làthaireachd eile, 'fèin-aithne' eile." Dr Lindsay Blair, Neach-eagraiche na Co-labhairt    

www.jonschueler.com 
 

Ann an com-pàirteachas le Urras Carthannach Jon Schueler agus prìomh luchd-taic Crannog Concept Ltd, West Highland seafood, cruises and Underwater Centre, Gearastan Loch Abar. http://www.crannog.net/