Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Murray Robasdan

Neach-ealain Lèirsinneach 2015

 "Mapping Scotia I Wild Boundaries"

Dh'fhoillsich Dualchas Nàdarra na h-Alba mapa ann an 2013 air an robh 'The Core Areas of Wild Land'. Ged nach robh mòran fiosrachaidh ri fhaicinn sna meadhanan mun dealbh ùr seo den àrainneachd air a bheil sinn eòlach, 's ma dh'fhaoidte gum bi e air leth cudromach fhathast do mhuinntir na h-Alba, na roinnean poblach is prìobhaideach agus a thaobh poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba.

'S ann san Eilean Sgitheanach a tha a dhà de na 42 prìomh àiteachan air mapa Dualchas Nàdarra na h-Alba: An Cuiltheann agus Diùranais.

"'S e sgrùdadh saidheansail a th' anns a' mhapa aig SNH stèidhichte gu tur air dàta cruinn-eòlais a fhuaradh bho dhealbhan saideil. Ach san t-saoghal seo fhèin chan eil 'crìochan' stèidhichte eadar na 'prìomh fhiadh-sgìrean' agus an còrr den tìr. Tha ùidh agamsa ann a bhith coimhead air na 'crìochan' agus far a bheil na h-àiteachan seo a' coinneachadh, gu h-àraidh a thaobh na tha daoine ionadail a' smaoineachadh air na 'prìomh fhiadh-sgìrean' seo agus na beachdan a th' aig daoine a bhios a' tadhal orra mar luchd-turais no airson chur-seachadan."

"Bha ùidh agam o chionn fhada ann an sgrùdadh mhapaichean agus mar a thathar a' riochdachadh na talmhainn le comharran agus tha mi a' faicinn mhapaichean mar nithean cultarail a tha àraid agus iom-fhillte, a dh'fheumar tuigsinn ann an co-theacs an linn is nan daoine a rinn iad. Mar neach-ealain lèirsinneach tha obair le fiosrachadh iom-fhillte a' còrdadh rium agus bu mhath leam beachdan is freagairtean fhaighinn bho mhuinntir na sgìre agus luchd-obrach is oileanaich Sabhal Mòr Ostaig a thaobh a' chuspair seo." 

Mar eisimpleir:

 1. 'Fiadhaichead' agus 'nàdarrachd': tha mi air grunn chuspairean a rannsachadh a leithid freumhan nam faclan 'wild' agus 'wilderness' anns a' Bheurla. Bu mhath leam fiosrachadh air, no tùsan de na faclan Gàidhlig 'fiadhaich' agus 'fàsach' a lorg cuideachd.

2. A rèir coltais, chan eil crìochan mapa Dualchas Nàdarra na h-Alba a' sealltainn bhailtean a chaidh fuadachadh san Eilean Sgitheanach is sa chòrr de dh'Alba. Bu mhath leam fiosrachadh sam bith fhaighinn air seann bhailtean agus ciamar a fhreagras crìochan a' mhapa seo leotha.

3. Bha mi ag obair ann an Leòdhas an-uiridh agus ghlac na h-ainmean-àite Gàidhlig m' aire, an dàimh eatarra is an àrainneachd, agus ciamar a tha sinn gan cleachdadh is gam mìneachadh air mapaichean (http://murrayrobertson.dunked.com). Dh'innis iomadh Leòdhasach rium nach robh na h-ainmean ceart mar a nochd iad air mapaichean OS. Mar sin, dè mu dheidhinn an Eilein Sgitheanaich? Bu mhath leam sgeulachdan inntinneach mu ainmean-àite a chluinntinn, gu h-àraid anns a' Chuiltheann no ann an Diùranais.

'S e 'Mapping Scotia' sreath obrach air a bheil Murray ag obair an-dràsta a' cleachdadh nan tursan air feadh na h-Alba o chionn ghoirid. Tha a' ghreis obrach air mhuinntireas a' toirt cothrom àraid dha airson obair iomchaidh a leasachadh.
 

Mapadh na h-Alba (1)

Mapadh na h-Alba (2)

Mapadh na h-Alba I Garbh Chrìochan

 

Bha Murray Robasdan na oileanach aig Sgoil Ealain Ghlaschu agus tha e ag obair is a' fuireach ann an Glaschu. Ged a tha ùidh aige fhathast sna clò-ealain grinn traidiseanta, agus e air a bhith ag obair còmhla ri Stiùidio Clò-ealain Ghlaschu fad iomadh bliadhna, tha e air tòrr obrach a dhèanamh ann a bhith a' rannsachadh, a' leasachadh agus a' cleachdadh teicneòlais ùr gus ealain a dhèanamh, gu h-àraidh ìomhaigheachd is clò-ealain didseatach. Tha Murray air obair a thaisbeanadh air feadh an t-saoghail thar nan 25 bliadhna a dh'fhalbh. Tha e air a bhith an sàs ann an grunn phrògraman air mhuinntireas agus prògraman co-obrachaidh a leithid: Künsterlhaus Bethanien, Berlin (1989-93); Yamanaka Fine Arts Centre, Kyoto, Iapan (1995); JJ School of Art, Mumbai, na h-Innseachan (2001/2003); Museo Grabado, Zacatecas, Meagsago (2004); agus o chionn ghoirid ann an Eilean Leòdhais (2013).

Ceangal Tumblr - http://imurrayrobertson.tumblr.com/

Tha a' ghreis-obrach seo air a maoineachadh le Alba Chruthachail le taic bho Acadamaidh Rìoghail na h-Alba agus i na pàirt de phrògram air mhuinntireas làn-ùine a' cruthachadh is a' brosnachadh litreachais, dràma, ciùil is nan ealain ùr aig Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig.