Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Pròiseactan Eòrpach

Thairis air na bliadhnaichean tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith an sàs ann am pròiseactan còmhla ri colaistean eile air tìr-mòr na Roinn Eòrpa.  Leis a sin, thog sinn ceanglaichean le cànanan eile leithid Basgais, Spàinntis, Greugais, Turcais, Gàidhlig na h-Èireann, Catalanais, agus torr a barrachd. 

Tron chompàirteachas aig Tobar an Dualchais sa phròiseact Europeanna Sounds, a ghabh a-steach 24 buidhnean bho air feadh na Roinn Eòrpa, chuidich sinn ri dualchas fuaime agus labhairteach na h-Eòrpa fhosgladh nas farsainge, agus ri barrachd is 600,000 chlàran-fuaim na Roinn Eòrpa a chruinneachadh air loidhne.

An-dràsta tha sinn a’ gabhail pàirt chudromach sa phròiseact trì-bliadhna COOL (2018-2021).

 

COOL

’S e COOL am pròiseact as ùire anns an t-sreath shoirbheachail “POOLS” - pròiseactan a shìolraich às phròiseact POOLS fhèin (2005-2007), a chaidh a stiùreadh le SMO agus a fhuair duais Eòrpach.  Tha SMO air pàirt a ghabhail ann am POOLS, POOLS-2, POOLS-3, POOLS-T, TOOLS agus barrachd. Agus ‘s ann à POOLS a thàinig am pròiseact “Guthan nan Eilean” cuideachd, a tha fhathast a’ dol. Tha na pròiseactan seo a’ lìbhrigeadh ghoireasan fosgailte air-loidhne gus taic a thoirt dhan neach-ionnsachaidh cànain.  Tha iad ag amas gu h-àraid air taic a thoirt do “CLIL”, content and language integrated learning, ionnsachadh cànain agus chuspairean eile aig an aon àm, dìreach mar a tha oileanaich an t-Sabhail air a bhith a’ dèanamh bhon a thòisich a’ Cholaiste.  A bharrachd air SMO, tha com-pàirtichean COOL ann an Valencia, san Danmhairg, Oilthigh Uladh, Màlta agus Milan.

Ann an COOL bidh sinn a’ leasachadh agus a’ neartachadh nan goireasan aig multidict.net: Multidict, Wordlink agus Clilstore.  Bidh sinn a’ togail gu h-àraid air na goireasan aig Clilstore, le bhith a’ tabhainn login don neach-ionnsachaidh a bheir goireasan a bharrachd dha.  Bidh e furasta dhan neach-ionnsachadh stòr-fhaclan a thrusadh gus a chuideachadh fhèin le briathrachas ionnsachadh.  Bidh eacarsaichean stèidhte air an sin, gus a chuideachadh le na faclan ùra a chur an cuimhne.  Bidh e furasta do thidsearan cuideachd, eacarsaichean cànain a chur ri na h-aonadan Clilstore a sgrìobhas iad.  Agus bheir sinn eadar-aghaidh iol-chànanach do Clilstore an àite Beurla a-mhàin mar a tha an-dràsta.

Làrach-lìn aig http://www.languages.dk/
Goireasan aig http://multidict.net/
Làrach-lìn agus blog Guthan nan Eilean aig https://guthan.wordpress.com/about/