Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Seall

http://www.smo.uhi.ac.uk/images/uploads/SEALL-BANNER-2012.jpgAm measg nam buidhnean coimhearsnachd a tha ag obair leis a' Cholaiste tha Seall gu mòr an sàs sna h-ealain. Bidh SEALL a' deasachadh taigh-cluich is àite consairt sa Cholaiste gu tric airson nan cuirmean mòra a bhios a' tadhail an seo. Tha SEALL na bhuidheann choimhearsnachd ealain air leth a bhios a' cur còrr is 40 tachartas air dòigh a h-uile bliadhna. Anns a' phrògram gheibhear sàr luchd-ciùil traidiseanta, na dealbhan-cluich as fheàrr a bhios a' siubhail an Alba, dannsa ùr-nòsach, cèilidhean, ceòl clasaigeach is ceòl an t-saoghail.

Bidh SEALL a' deasachadh consairtean Fèis an Eilein a h-uile seachdain as t-Samhradh nuair a bhios Cùrsaichean Goirid na Colaiste a' ruith. Chaidh SEALL is Fèis an Eilein a stèidheachadh an 1991 airson a' chothroim nach d' fhuaireadh riamh ann an Slèite airson sàr thachartasan cultarail a sholar do dh'oileanaich, luchd-tadhail is luchd-èisteachd. Gheibh sibh am barrachd fiosrachadh air an làrach aca. http://www.seall.co.uk/

 --}