Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Tachartasan is Naidheachdan

  • 06/2013 A’ taisbeanadh ealain is cultar nam mion-chànanan Ceilteach is Eòrpach

    A’ taisbeanadh ealain is cultar nam mion-chànanan Ceilteach is Eòrpach

    Bithear a’ togail bratach nan cànanan Ceilteach agus mion-chànanan Eòrpach nas fhaide air a’ mhìos seo aig co-labhairt ealain is chultarach aig Sabhal Mòr Ostaig. Thig buidhnean nàiseanta is eadar-nàiseanta còmhla aig ‘Tional’ eadar 26-28 Ògmhios gus taisbeanadh a dhèanamh air iomairtean is pròiseactan sa bheil iad an sàs agus... barrachd...
  • 05/2013 Aonta air Leasachadh baile ùr na Cille Bige

    Aonta air Leasachadh baile ùr na Cille Bige

    Maoineachadh Eòrpach a’ coilionadh earrann mhaoineachaidh Ìre 1 baile na Cille Bige Chuir Bòrd Stiùiridh Sabhal Mòr Ostaig OGE, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, an-diugh deagh fhàilte air an naidheachd gun do dh’fhoillsich An Leas Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, BPA, gun tèid £1.908m de mhaoineachadh calpa a shònrachadh... barrachd...
  • 05/2013 Dealbhadair tàlantach à Alba na Neach-ealain Lèirsinne ùr aig SMO

    Dealbhadair tàlantach à Alba na Neach-ealain Lèirsinne ùr aig SMO

    Tha an dealbhadair Albannach Alex Boyd gu bhith na Neach-ealain Lèirsinne ùr air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig OGE. Tha Alex air ainm a dhèanamh dha fhèin o chionn beagan bhliadhnaichean agus tha daoine air moladh mòr a dhèanamh air an obair aige, gu sònraichte na dealbhan a tha e... barrachd...
  • 05/2013 Neach-ealain eadar-nàiseanta air ciad Sgoilearachd Jon Schueler aig Sabhal Mòr Ostaig

    Neach-ealain eadar-nàiseanta air ciad Sgoilearachd Jon Schueler aig Sabhal Mòr Ostaig

    Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE air ciad Sgoilearachd Jon Schueler a bhuileachadh air an neach-ealain Iapanach Takeshi Shikama ann am pròiseact ùr, tarraingeach airson ealain air mhuinntireas, stèidhichte aig an Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an Alba. Bha mòran ùidh sa phròiseict an dà chuid gu... barrachd...
  • 05/2013

    Cèilidh nan Seann Oileanach 18 an Cèitean 2013

    Tha sinn a' cumail cèilidh do sheann oileanaich an t-Sabhail air Disathairne 18 An Cèitean ann an Union Oilthigh Ghlaschu, mar phàirt de na tachartasan gus 40 bliadhna na colaiste a chomharrachadh. Bidh Deoch 'n Dorus a' cluiche agus tha sinn an dùil gur e oidhche làn spòrs a bhios... barrachd...
  • 04/2013 Neach-ciùil an t-Sabhail Mhòir le coimisean iomraiteach airson Geamannan a’ Cho-fhlaitheis

    Neach-ciùil an t-Sabhail Mhòir le coimisean iomraiteach airson Geamannan a’ Cho-fhlaitheis

    Tha Ceòladair na Colaiste aig Sabhal Mòr Ostaig Màiri Anna NicUalraig air coimisean fhaighinn airson cuirm-chiùil shònraichte a dhealbh agus a chur air dòigh mar phàirt de sgioba eadar-nàiseanta airson na h-iomairt chiùil iomraiteach ‘Ceòl Ùr 2014’ aig PRSF airson Geamannan a’ Cho-fhlaitheis 2014 ann an Glaschu. ’S e compàirteachas... barrachd...
  • 04/2013

    ‘Open Session’ le Alba Chruthachail

    Dimàirt 23 Giblean 2013 TDC Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach 12-4f   Tha a’ bhuidheann Alba Chruthachail air prògram atharrachaidhean a chur air bhonn agus tha iad gu bhith a’ cumail sreath ‘Open Sessions’ air feadh na dùthcha gus deasbad a thogail mu Alba Chruthachail fhèin agus an t-àite... barrachd...
  • 04/2013

    SMO a’ togail bratach ceòl is cultar na Gàidhlig ann an Glaschu

    Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE gu bhith cumail tachartas sònraichte nas fhaide air a’ mhìos seo ann an Glaschu ann an co-bhuinn ri Ceòl ’s Craic. Thèid Ceòl Mòr Ostaig a chumail Disathairne 27 Giblean ann an Ionad nan Nuadh Ealain (CCA) far am bi am pìobaire ainmeil Ailean Dòmhnallach,... barrachd...
  • 03/2013 Sgoilearan Gàidhlig a’ faighinn cothrom air oideachadh ann an dràma

    Sgoilearan Gàidhlig a’ faighinn cothrom air oideachadh ann an dràma

    Fhuair sgoilearan bun-sgoile agus àrd-sgoile bhon Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse cothrom o chionn ghoirid piseach a thoirt air na sgilean dràma aca agus na dealbhan-cluiche aca a shealltainn air an àrd-ùrlar. Chaidh Fèis Dràma a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig sa Mhàrt do sgoilearan le Gàidhlig. Eadar 11-12 Màrt... barrachd...
  • 03/2013 Murt aig an t-Sabhal Mhòr!

    Murt aig an t-Sabhal Mhòr!

    Airson a’ chiad uair riamh bidh cothrom aig daoine a dhol an sàs ann an deireadh-seachdain de dhìomhaireachd agus murt mas fhìor ann an Gàidhlig. Mar phàirt den bhliadhna far a bheil Sabhal Mòr Ostaig OGE a’ comharrachadh gur e 40 bliadhna bhon a chaidh a’ cholaiste a stèidheachadh, agus... barrachd...