![]() |
Dachaigh | Oileanaich & Luchd-Obrach | Seòlaidhean | Clàr na Làraich | | Stòrdàta Briathrachais | Read in ENGLISH | | |
![]() |
|||
| DACHAIGH | GÀIDHLIG AIR AN LÌON | |||||
| Dachaigh » An Leabharlann: | ||||||||||||||||
|
Leabharlann Dachaigh |
Fàilte don Leabharlann | |||||||||||||||
|
Bidh fàilte chridheil romhad ann an Leabharlann Shabhal Mòr Ostaig. Gheibh thu a-mach barrachd mu ghoireasan an Leabharlainn is mar a bhios tu gan cleachdadh air duilleagan na làraich seo. ’S e rùn Leabharlann Shabhal Mòr Ostaig a bhith a’ leasachadh cruinneachadh dhe ghoireasan air cànan, cultar is dualchas na Gàidhlig a bhios slàn agus coileanta, agus a bhrosnaicheas ionnsachadh, rannsachadh agus sgoilearachd; a’ cumail taic ris a’ Cholaiste agus i na sàr ionad-foghlaim na Gàidhlig; a’ brosnachadh fèin-mhisneachd air a’ Ghàidhealtachd a thaobh a litreachais is a cultair fhèin. Uairean-fosglaidh
Bidh an leabharlann fosgailte corra deireadh-seachdain air feadh bliadhna na Colaiste. Bu chòir do dh'oileanaich agus don luchd-obrach sùil a chumail air teachdaireachdan GroupWise. Bu chòir don luchd-tadhail bruidhinn ri luchd-obrach an Leabharlainn anns a' chiad dol a-mach. Inntrigeadh an Leabharlainn air loidhne Bheir am fiosrachadh seo stiùireadh dhut air ciamar a chleachdas tu an Leabharlann agus ciamar a gheibh thu an tuilleadh fiosrachaidh is taic bho luchd-obrach an Leabharlainn. Tha Leabhar-làimhe an Leabharlainn ri fhaighinn mar fhaidhle PDF. Càit a bheil sinn? Tha an leabharlann air a’ chiad làr ann an Àrainn Chaluim Chille, ri taobh ionad-fàilte na Colaiste. Cuir fios thugainn Ceannard an Leabharlainn: Cairistìona Cain, MA(Hons), MSc, DipPsych An Leabharlann - Sabhal Mòr Ostaig - An Teanga - Slèite - An t-Eilean Sgitheanach IV44 8RQ Fòn: 01471 888447 / 888431 Post-d: sm00ll@uhi.ac.uk |
||||||||||||||||
|
Sàbhal Mòr Ostaig,
Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, Alba IV44 8RQ Fòn: +44
(0) 1471 888 000 Post-dealain
|
||||||||||||||||