Naidheachdan
Tha an còmhnaidh tòrr a' dol aig a' Cholaiste agus gheibh thu cothrom cumail suas le na bha a' dol le bhith leughadh nan cuairt-litrichean, brathan-naidheachd is liosta de thachartasan againn. Tha cuideachd cothrom ann air barrachad fiosrachaidh fhaighinn mu Òraidean an t-Sabhail.
-
03/2021
Lìonra Oifigearan Coimhearsnachd Gàidhlig
Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte gu bheil lìonra taice proifeasanta airson oifigearan coimhearsnachd Gàidhlig gu bhith a’ tòiseachadh. Thèid a chur an gnìomh tro chom-pàirticheas eadar Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh Obar Dheathain is Comunn na Gàidhlig. Tha barrachd is barrachd bhuidhnean san treas roinn a’ fastadh oifigearan Gàidhlig... -
03/2021
Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra
Chaidh dithis sgrìobhadairean Gàidhlig ainmeachadh a-measg na shoirbhich ann an Duais nan Sgrìobhadairean Ùra bho chionn ghoirid, agus b’ e fear dhiubh Ruairidh Nethercut a tha na neach-oide aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha Ruairidh a’ teagasg air diofar chùrsaichean air astar an-dràsta, agus e fhèin na Neach-ceuma bhon t-Sabhal, agus... -
02/2021
Pròiseact Ùr Àrd-amasach gus taic a chur ri Ionnsachadh na Gàidhlig
Tha fios mu iomairt ionnsachaidh, ùr, farsaing agus ioma-fhillte air ainmeachadh, a’ tabhann mheadhan cho iomlan ’s a th’ air a bhith ann fad ginealach airson Gàidhlig ionnsachadh. Thèid SpeakGaelic a chur air bhog anns an t-Sultain 2021 le cùrsa, làrach-lìn sònraichte agus prògramadh air ùrlaran BBC ALBA, a’ gabhail... -
01/2021
THA SINN FOSGAILTE, AGUS AG OBAIR AIR-LOIDHNE!
THA SINN FOSGAILTE, AGUS AG OBAIR AIR-LOIDHNE! Tha làrach na Colaiste dùinte ri linn riaghailtean Covid-19 aig Riaghaltas na h-Alba. Tha sinn an dùil gum bi i dùinte fad na mìos agus ’s dòcha tron Ghearran cuideachd. Ach tha sinn fhathast fosgailte agus ag obair: tha na cùrsaichean, ionnsachadh,... -
12/2020
Ceann-là Sònraichte do Làrach-lìn Tobar an Dualchais
An t-seachdain seo tha Tobar an Dualchais (TAD) a’ comharrachadh 10 bliadhna bho chaidh an làrach-lìn a chur air bhog. Bha 10,000 clàr ri fhaotainn air-loidhne nuair a chaidh an làrach a chur air bhog gu h-oifigeil ann an Dùn Èideann air 8 An Dùbhlachd 2010 agus an-diugh tha an... -
12/2020
Ullachadh an ath Phlana Nàiseanta Gàidhlig a' tòiseachadh
Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) a’ cur air bhog ceisteachan air-loidhne airson beachdan a thrusadh air na bu chòir a bhith anns an ath Phlana Nàiseanta Ghàidhlig. Tha am Plana Nàiseanta Gàidhlig làithreach a’ ruith bho 2018 gu 2023, leis an dùil gun tèid am plana ùr fhoillseachadh ann an... -
12/2020
Seiseanan Ceistean is Freagairtean (Cùrsaichean Fo-Cheum is For-Cheum)
Dè tha romhad ann an 2021? A’ cur iarrtas gu UCAS? Am beachd tòiseachadh air cùrsa ùr làn-ùine no pàirt-ùine? Am bu toil leat Gàidhlig a dhèanamh no a bheil ùidh agad ann an dreuchd ann an teagasg, ceòl, cultar no na meadhanan? Coimhead air na seiseanan cheistean againn beò... -
11/2020
Sianar oileanach bho Shabhal Mòr Ostaig air bursaraidh Gàidhlig fhaighinn
Tha sianar oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig air taic-airgid fhaighinn am bliadhna tron Sgeama Bursaraidh Gàidhlig a tha air a ruith le Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Seo an fhicheadamh bliadhna den sgeama seo a tha a’ toirt taic-airgid do dh’ oileanaich ann an sgìrean na Gàidhealtachd is nan... -
11/2020
Dùbhlanan agus Dòchas: Dà Leabhar Ùr a’ Sealltainn an Rathaid air Adhart do dh’iomairt na Gàidhlig
Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cur fàilte mhòr air dà leabhar chudromach a chuireadh an clò o chionn ghoirid: Gaelic in Scotland: Policies, Movements and Ideologies, leis an Àrd-Ollamh Wilson McLeod aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus The Crisis in the Vernacular Community: A Comprehensive Sociolinguistic Survey of Scottish Gaelic, leis... -
10/2020
Neach-ealain ùr Sgoilearachd Jon Schueler air tòiseachadh aig Sabhal Mòr Ostaig
Tha an neach-ealain is cùradair Èireannach, Conor O’ Grady, air tòiseachadh mar Neach-ealain ùr Air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig, fo Sgoilearachd Jon Schueler a tha air a bhith ruith a-nis son ochd bliadhna aig Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach. ’S e com-pàirteachas gun...
Duilleag 1 de 35: 123 Duilleag air adhart
Duilleag 1 de 35: 123 Duilleag air adhart