Naidheachdan
Tha an còmhnaidh tòrr a' dol aig a' Cholaiste agus gheibh thu cothrom cumail suas le na bha a' dol le bhith leughadh nan cuairt-litrichean, brathan-naidheachd is liosta de thachartasan againn. Tha cuideachd cothrom ann air barrachad fiosrachaidh fhaighinn mu Òraidean an t-Sabhail.
-
05/2013
Aonta air Leasachadh baile ùr na Cille Bige
Maoineachadh Eòrpach a’ coilionadh earrann mhaoineachaidh Ìre 1 baile na Cille Bige Chuir Bòrd Stiùiridh Sabhal Mòr Ostaig OGE, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, an-diugh deagh fhàilte air an naidheachd gun do dh’fhoillsich An Leas Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, BPA, gun tèid £1.908m de mhaoineachadh calpa a shònrachadh... -
05/2013
Dealbhadair tàlantach à Alba na Neach-ealain Lèirsinne ùr aig SMO
Tha an dealbhadair Albannach Alex Boyd gu bhith na Neach-ealain Lèirsinne ùr air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig OGE. Tha Alex air ainm a dhèanamh dha fhèin o chionn beagan bhliadhnaichean agus tha daoine air moladh mòr a dhèanamh air an obair aige, gu sònraichte na dealbhan a tha e... -
05/2013
Ceud Mìle Fàilte air a h-uile Ball Pàrlamaid
Air feadh na seachdain a’ tòiseachadh air 13 Cèitean bithear a’ cur ‘Ceud Mìle Fàilte’ air Buill Pàrlamaid na h-Alba. Bithear a’ toirt cuireadh don a h-uile Ball Pàrlamaid tighinn a dh’fhaicinn taisbeanadh a bhios ga chumail sa Phàrlamaid agus coinneachadh ri riochdairean bho Bhòrd na Gàidhlig agus MG ALBA... -
05/2013
Neach-ealain eadar-nàiseanta air ciad Sgoilearachd Jon Schueler aig Sabhal Mòr Ostaig
Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE air ciad Sgoilearachd Jon Schueler a bhuileachadh air an neach-ealain Iapanach Takeshi Shikama ann am pròiseact ùr, tarraingeach airson ealain air mhuinntireas, stèidhichte aig an Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an Alba. Bha mòran ùidh sa phròiseict an dà chuid gu... -
05/2013
Tional
Bidh an co-labhairt, cruinneachadh is fèill eadar-nàiseanta nan ealain 's a' chultair, Tional, a' gabhail àite aig Sabhal Mòr Ostaig 26-28 Òg-mhìos. Le daoine a' tighinn à dùthchannan a leithid Alba, Èirinn, A’ Chuimrigh, Galicia, Na h-Eileanan Fàro, Dùthaich nam Basgach agus Fryslan, 'se cothrom a bhios ann dòighean-obrach nas... -
05/2013
Cèilidh nan Seann Oileanach 18 an Cèitean 2013
Tha sinn a' cumail cèilidh do sheann oileanaich an t-Sabhail air Disathairne 18 An Cèitean ann an Union Oilthigh Ghlaschu, mar phàirt de na tachartasan gus 40 bliadhna na colaiste a chomharrachadh. Bidh Deoch 'n Dorus a' cluiche agus tha sinn an dùil gur e oidhche làn spòrs a bhios... -
04/2013
Neach-ciùil an t-Sabhail Mhòir le coimisean iomraiteach airson Geamannan a’ Cho-fhlaitheis
Tha Ceòladair na Colaiste aig Sabhal Mòr Ostaig Màiri Anna NicUalraig air coimisean fhaighinn airson cuirm-chiùil shònraichte a dhealbh agus a chur air dòigh mar phàirt de sgioba eadar-nàiseanta airson na h-iomairt chiùil iomraiteach ‘Ceòl Ùr 2014’ aig PRSF airson Geamannan a’ Cho-fhlaitheis 2014 ann an Glaschu. ’S e compàirteachas... -
04/2013
‘Open Session’ le Alba Chruthachail
Dimàirt 23 Giblean 2013 TDC Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach 12-4f Tha a’ bhuidheann Alba Chruthachail air prògram atharrachaidhean a chur air bhonn agus tha iad gu bhith a’ cumail sreath ‘Open Sessions’ air feadh na dùthcha gus deasbad a thogail mu Alba Chruthachail fhèin agus an t-àite... -
04/2013
Latha làn spòrs, cur-seachad agus Gàidhlig don choimhearsnachd aig SMO
Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE gu bhith cumail an dàrna Fèill Ghàidhlig aca Disathairne (20 Giblean) – latha làn spòrs is geamannan, le Gàidhlig aig cridhe ghnothaichean. Chaidh a’ chiad Fhèill Ghàidhlig a chumail an-uiridh agus chòrd e gu mòr ri daoine agus tòrr theaghlaichean an làthair. A thuilleadh air... -
04/2013
Fèill Ghàidhlig
Bidh Sabhal Mòr Ostaig a’ cumail Fèill Ghàidhlig air Disathairne 20 Giblean bho 12f gu 5f. ‘Se latha làn spòrs, càirdeas agus cabadaich a bhios ann le bùthagan de stuthan Gàidhlig, caisteal bogadaich, bùithtean-obrach, geamannan, BBQ agus ceòl agus tha e fosgailte do dhuine sam bith. Bidh cèilidh ann cuideachd...
Duilleag 1 de 12: 1 2 3 Duilleag air adhart
Duilleag 1 de 12: 1 2 3 Duilleag air adhart