Naidheachdan
Tha an còmhnaidh tòrr a' dol aig a' Cholaiste agus gheibh thu cothrom cumail suas le na bha a' dol le bhith leughadh nan cuairt-litrichean, brathan-naidheachd is liosta de thachartasan againn. Tha cuideachd cothrom ann air barrachad fiosrachaidh fhaighinn mu Òraidean an t-Sabhail.
-
11/2012
Cuirm-chiùil shònraichte aig Celtic Connections a’ comharrachadh an 40mh ceann-bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig
Mar phàirt de shreath de thachartasan a bhios a’ comharrachadh ann an 2013 gu bheil 40 bliadhna ann bhon a chaidh Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Ghàidhlig na h-Alba, a stèidheachadh, tha an fhèis chiùil ainmeil Celtic Connections gu bhith cur air dòigh ‘Cuirm-chiùil an t-Sabhail – SMO a’ comharrachadh 40... -
10/2012
Còmhraidhean Stiùideo
Cumaidh Mhairi Killin, fhad ‘s a bhios i ann an dreuchd an neach-ealain, feasgar fosgailte a h-uile mìos san stiùideo far an gabh daoine cupa tì còmhla is far an dèan iad beagan còmhraidh ri chèile. Tha seo airson luchd na colaiste agus an neach-ealain a dhèanamh aithnichte dha chèile... -
10/2012
Calor Gas a’ toirt càr ùr do Shabhal Mòr Ostaig
Fhuair Sabhal Mòr Ostaig càr ùr le seachd suidheachain, Mazda CX-7, mar thiodhlac bho Chalor na h-Alba, companaidh aig a bheil dlùth cheangal ris a’ cholaiste. Tha an càr air a ruith air LPG agus cuidichidh sin a’ cholaiste le a h-amas gus sgaoilidhean gualan dà-ogsaid (CO2) a lùghdachadh 20%... -
10/2012
Sgeama banna-leathainn nach eil ro dhaor a’ toirt an Eadar-lìn gu sgìrean iomallach
Tha dachaighean agus gnothachais ann an àiteachan iomallach air a’ Ghàidhealtachd agus an Eileanan na h-Alba a’ faighinn buannachd bho chothrom air bann-leathann fìor luath, ri linn iomairt coimhearsnachd. Le cuideachadh bho eòlaichean, tha coimhearsnachdan air lìonra eadar-lìn fìor luath a thoirt gu ìre airson eileanan Eige, Eilean Ruma, Eilean... -
10/2012
Sabhal Mòr Ostaig a’ Gabhail Seilbh air Fearann na Cille Bige
Dh’ainmich Neach-cathrach Bòrd Stiùiridh Sabhal Mòr Ostaig (SMO) aig Ceumnachd bhliadhnail na Colaiste air Dihaoine 5mh Dàmhair gu bheil SMO a-nis air cha mhòr 40 acair de thalamh na Cille Bige a cheannach bho Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill (UFCD. Tha an 40 acair mar phàirt den Phrìomh Phlana airson Baile... -
09/2012
’S i Màiri Anna NicUalraig an Ceòladair ùr air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig
Tha e na thoileachas mòr do Shabhal Mòr Ostaig agus Alba Chruthachail an naidheachd fhoillseachadh gur i an seinneadair is craoladair, Màiri Anna NicUalraig, an Ceòladair ùr air Mhuinntireas aig an t-Sabhal Mhòr, a tha na h-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultair na Gàidhlig. Cuideachd, bidh Mhàiri Killin, neach-ealain cliùiteach... -
09/2012
Òraid an t-Sabhail 2012
Thuirt Stiùiriche BBC Alba Coinneach MacGuaire gum bi an dleastanas a bhios air a’ BhBC naidheachdas ùghdarrasail, neo-eisimeileach agus cothromach a lìbhrigeadh a' sìor fhàs nas cudromaiche ann am margaidh dhùmhail nam meadhanan. A' toirt seachad Òraid Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach Dimàirt (11 Sultain), thuirt stiùiriche BBC Alba... -
09/2012
Coimhearsnachd is còmhradh aig cridhe Sgoil Shamhraidh na Gàidhlig
Fhuair oileanaich Ghàidhlig àrd-ìre bho air feadh na h-Alba cothrom aig Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain seo na sgilean labhairt aca sa Ghàidhlig a leasachadh aig an 7mh Sgoil Shamhraidh Nàiseanta na Gàidhlig a thàinig gu crìch an-diugh (Dihaoine 7 Sultain). Tha an sgeama cànain a’ toirt cothrom do dh’oileanaich... -
09/2012
Ro-Innleachd 2012-2017
Ro-innleachd_2012-2017 ... -
08/2012
Moladh eadar-nàiseanta ga dhèanamh air Cùrsaichean Goirid an t-Sabhail
Tha oileanaich à 22 diofar dhùthchannan air tadhal air Sabhal Mòr Ostaig as t-samhradh seo agus iad a’ dèanamh aon de na cùrsaichean goirid a tha ruith eadar an Cèitean is an Lùnastal gach bliadhna. Thòisich cùrsaichean goirid ann an Gàidhlig is ceòl traidiseanta aig a’ cholaiste ann an 1973...
Duilleag 2 de 10: Duilleag air ais 1 2 3 4 Duilleag air adhart
Duilleag 2 de 10: Duilleag air ais 1 2 3 4 Duilleag air adhart