Naidheachdan
Tha an còmhnaidh tòrr a' dol aig a' Cholaiste agus gheibh thu cothrom cumail suas le na bha a' dol le bhith leughadh nan cuairt-litrichean, brathan-naidheachd is liosta de thachartasan againn. Tha cuideachd cothrom ann air barrachad fiosrachaidh fhaighinn mu Òraidean an t-Sabhail.
-
08/2012
Duais mhòr na pìoba do Neach-obrach Sabhal Mòr Ostaig
Meal-a-naidheachd air Dr Decker Forrest, a bhuannaich Bonn Dhùn Bheagain aig Geamannan Gàidhealach an Eilein Sgitheanaich am Port Rìgh air 8 An Lùnastal. Chluich e am port, Spaidsearachd Iarla Rois. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil cothrom aige pàirt a ghabhail ann an co-fharpais ‘An Fheadain Airgid’ aig Caisteal Dhùn... -
08/2012
Cothrom a-nis ceum ann an Gàidhlig a dhèanamh air astar
Bhon t-Sultain am-bliadhna tha Sabhal Mòr Ostaig gus a bhith uidheamaichte airson a bhith a’ tabhann gach ìre de cheum BA (le Urram) air astar airson a’ chiad uair. Tha seo a’ dol a thoirt cothrom do dhaoine a tha ag iarraidh ionnsachadh tron Ghàidhlig slighe ionnsachaidh a leantainn a... -
07/2012
Am Prìomh Mhinistear a’ tadhal air Sabhal Mòr Ostaig
Bha am Prìomh Mhinistear, Alex Salmond, aig a’ Cholaiste Diluain 23 An t-Iuchar far an do dh’fhoillsich e fios mu thaic-airgid de £130,000 airson Tobar an Dualchais agus obair fhoghlaim MG Alba tro Film G. Bha Alasdair Friseal, fìdhlear a tha aithnichte air feadh an t-saoghail, an làthair a’ teagasg... -
07/2012
Bòrd na Gàidhlig a’ toirt tabhartas-taice ùr do dh’Fhàs Mòr
Chaidh fhoillseachadh an t-seachdain seo gu bheil Fàs Mòr, an t-ionad cùram-chloinne ann an Slèite san Eilean Sgitheanach, air gealltanas ùr air maoineachadh £48,000 fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig thairis air an ath thrì bliadhna gus cur ris an obair a tha iad a’ dèanamh a thaobh cùram-chloinne Gàidhlig agus... -
07/2012
Cothroman gu leòr do chuid ciùil a chur air ghleus aig Sabhal Mòr Ostaig
Tha prògram air leth de chùrsaichean ciùil ga chumail as t-samhradh seo aig Sabhal Mòr Ostaig far am faigh daoine cothrom piseach a thoirt air na sgilean ciùil is seinn aca fo stiùir oidean a tha fìor eòlach air ceòl is òrain dhualchasach nan Gàidheal agus na h-Alba. Mar phàirt... -
06/2012
Is i Laura, tè a thuigeas na meadhanan, oileanach na bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig OGE
Tha oileanach air leth a tha fìor dhealasach airson na Gàidhlig agus a cultar an dèidh bhith air a h-ainmeachadh mar oileanach na bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig UHI. Tha Laura Nic’Ill’Fhinnein à Leòdhas 21 bhliadhna a dh’aois, agus chan eil i ach an dèidh crìoch a chur air bliadhna... -
06/2012
Cothrom ionnsachaidh don ath ghinealach de stiùirichean telebhisein
Thàinig buidheann de sgoilearan, a tha ma dh’fhaoidte gu bhith nan ath ghinealach de stiùirichean is riochdairean telebhisein, cruinn còmhla aig Sabhal Mòr Ostaig air an t-seachdaiin a' tòiseachadh 11 An t-Ògmhios gus a’ chiad phàirt de chùrsa mheadhanan a dhèanamh, a bheir sgilean dhaibh a bhios air leth feumail... -
06/2012
Trì cùrsaichean dràma a bheir piseach air sgilean cleasachd agus teagaisg
Mar phàirt den Mheòrachan Cho-obrachaidh eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Conservatoire Rìoghail na h-Alba thèid trì cùrsaichean dràma a chumail as t-samhradh seo. Bidh cothrom aig actairean agus daoine le ùidh ann an dràma air na sgilean cleasachd is teagaisg aca a leasachadh fo stiùir cheathrar a tha mion-eòlach air... -
05/2012
Fuinn, fiosrachadh is fearas-chuideachd aig Ceòl Mòr Ostaig
Bha latha is oidhche air leth aig Sabhal Mòr Ostaig aig Ceòl is Craic ann an Glaschu aig an deireadh-sheachdain. Thàinig àireamh mhath de dhaoine cruinn còmhla aig Ceòl Mòr Ostaig, tachartas sònraichte, a chuir a’ cholaiste is Ceòl is Craic air dòigh gus taisbeanadh a dhèanamh air ceòl, obair... -
05/2012
Ceòl Mòr Ostaig
Bidh muinntir an t-Sabhail Mhòir a’ cruinneachadh ann an Glaschu air 26 An Cèitean airson Ceòl Mòr Ostaig. Thèid an tachartas a chumail mar phàirt den phrògram aig Ceòl 's Craic ann an Ionad nan Nuadh Ealain (an CCA) sa bhaile, agus bidh luchd-obrach na colaiste, oileanaich agus daoine a...
Duilleag 3 de 10: Duilleag air ais 1 2 3 4 5 Duilleag air adhart
Duilleag 3 de 10: Duilleag air ais 1 2 3 4 5 Duilleag air adhart