Naidheachdan
Tha an còmhnaidh tòrr a' dol aig a' Cholaiste agus gheibh thu cothrom cumail suas le na bha a' dol le bhith leughadh nan cuairt-litrichean, brathan-naidheachd is liosta de thachartasan againn. Tha cuideachd cothrom ann air barrachad fiosrachaidh fhaighinn mu Òraidean an t-Sabhail.
-
04/2012
Plana Cànain a’ cur ri inbhe na Gàidhlig aig Colaiste Ghàidhlig na h-Alba
Chaidh Plana Cànain Sabhal Mòr Ostaig fhoillseachadh an-dè (25 Giblean), plana a chuireas ri inbhe na Gàidhlig aig an Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig anns gach raon de dh’obair na colaiste. Fhuair Sabhal Mòr Ostaig iarrtas bho Bhòrd na Gàidhlig plana cànain a dheasachadh fo chùmhnantan Achd... -
04/2012
Latha don choimhearsnachd agus don Ghàidhlig aig Sabhal Mòr
Chaidh a' chiad Fhèill Ghàidhlig a chumail Disathairne (21 Giblean) aig Sabhal Mòr Ostaig far an robh spòrs is dibhearsan am pailteas ann air latha a chuir a' cholaiste air dòigh gus sanasachd a dhèanamh air a' Ghàidhlig agus air diofar bhuidhnean agus daoine aig a bheil ceangal ris a'... -
04/2012
Tabhartas ùr do dh'oileanaich a bheir sùil air saothair is saoghal Clann MhicMhuirich
Thadhail Bob MacMhuirich, Ceann-suidhe Comann Clann MhicMhuirich, air Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain seo (Dimàirt 17 Giblean) gus Duais Clann MhicMhuirich fhoillseachadh, tabhartas ùr a bhios ri fhaotainn gach bliadhna do dh'oileanaich na colaiste a nì rannsachadh air bàrdachd, litreachas agus eachdraidh Clann MhicMhuirich. Thuirt Mgr MacMhuirich, a thàinig bho... -
03/2012
MacLaverty gu bhith leughadh aig Sabhal Mòr Ostaig
Bidh an sgrìobhadair ainmeil Bernard MacLaverty an làthair aig oidhche litreachais an ath sheachdain aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach. 'S e seo an dàrna tachartas ann an sreath fon ainm 'Agus Dàin Eile', far a bheil sgrìobhadairean bhon Rìoghachd Aonaichte aig a bheil cliù eadar-nàiseanta a' nochdadh còmhla... -
03/2012
Stiùidio Ostaig a' cur ceòl aig cridhe na colaiste agus na coimhearsnachd
Chaidh Stiùidio Ostaig, an goireas clàraidh is ciùil ùr, fhosgladh an-dè (29.3.12) agus e a' stèidheachadh goireas ciùil cho math ri gin ann an Alba sa cholaiste Ghàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, agus ann an coimhearsnachd Shlèite. Tha an stiùidio clàraidh ùr ' a chosg £80,000 agus a fhuair taic bho... -
03/2012
A' cuimhneachadh air Sir Iain Noble, agus dìleab nach gabh àicheadh
'Bha e daonnan a' bruidhinn air fhèin mar chuideigin a bha air bàrr a shòlais nuair a bha e a' cruthachadh rudeigin ùr, a' dealbh gnìomhachas, no a' cur iomairt air adhart.' Sin aon de na cuimhneachain phearsanta air Sir Iain Noble a bh' aig an Sgitheanach Ailean Caimbeul agus... -
03/2012
A' chiad òraid chuimhneachaidh air Sir Iain
Sir Iain NobleThèid a' chiad Òraid Chuimhneachaidh air Sir Iain Noble a lìbhrigeadh le Ailean Caimbeul aig Sabhal Mòr Ostaig an ath sheachdain. Chaochail Sir Iain air 25 Dùbhlachd 2010 agus mar chuimhne air na rinn e don cholaiste, don Ghàidhlig, agus don Eilean Sgitheanach tha Sabhal Mòr Ostaig agus... -
03/2012
Sabhal Mòr a' cur taic ri iomairt gus nach bi tinneas-inntinn na adhbhar nàire do dhaoine
Bha riochdairean bho Sabhal Mòr Ostaig ann an Inbhir Nis Dihaoine (9mh Màrt) gus an làmh a chur ri gealltanas a tha mar phàirt den iomairt 'seall ormsa' no 'see me'. Tha 'seall ormsa' ag iarraidh air buidhnean oidhirp a dhèanamh gus nach bi tinneas-inntinn na adhbhar nàire tuilleadh agus... -
03/2012
Danny Alexander a' Tadhal air a' Cholaiste
Thadhail Danny Alexander BP, Àrd-Rùnaire an Ionmhais, air a' Cholaiste air Diardaoin 1mh den Mhàrt. Bha e anns an eilean airson toiseach sgeama ùr a chomharrachadh aig Riaghaltas Westminster son prìs a' chonnaidh a lùghdachadh. Choinnich Mgr Alexander ri stiùirichean na Colaiste agus ghabh e cuairt timcheall air togalach Fàs.... -
02/2012
Oilthigh a' comharrachadh ciad cheann-bliadhna
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a' comharrachadh a chiad cheann-bliadhna an t-seachdain-sa. Bhon a fhuair a' bhuidheann tiotal oilthigh air 1 Gearran 2011, ruig i àireamh de chlachan-mìle. Bha tachartas coisrigidh oifigeil an Oilthigh agus caismeachd an Inbhir Nis san Lùnastal, thòisich HRH a' Bhana-phrionnsa Rìoghail mar Sheansalair...
Duilleag 4 de 10: Duilleag air ais 2 3 4 5 6 Duilleag air adhart
Duilleag 4 de 10: Duilleag air ais 2 3 4 5 6 Duilleag air adhart