Naidheachdan
Tha an còmhnaidh tòrr a' dol aig a' Cholaiste agus gheibh thu cothrom cumail suas le na bha a' dol le bhith leughadh nan cuairt-litrichean, brathan-naidheachd is liosta de thachartasan againn. Tha cuideachd cothrom ann air barrachad fiosrachaidh fhaighinn mu Òraidean an t-Sabhail.
-
12/2011
Sabhal Mòr Ostaig a' cur fàilte air Sgrìobhadair agus Neach-Ealain ùr na Colaiste
Thathas toilichte dhà-rìreabh fàilte a chur air Pàdraig MacAoidh agus Aileen Stackhouse mar Sgrìobhadair agus Neach-ealain Lèirsinneach air Mhuinntireas Bidh Pàdraig còmhla rinn airson bliadhna agus Aileen airson ceithir mìosan. 'S ann à taobh siar Eilean Leòdhais a tha Pàdraig (ged a tha a mhàthair às an Eilean Sgitheanach). Thug... -
10/2011
Ceòladair Ùr air Muinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig
Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig, air Ceòladair ùr air Muinntireas fhastadh a choisinn an tiotal "Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna" ann an 2008. Rugadh agus thogadh Maighread Stiùbhart ann am baile Chuil Uaraich, Eilean Leòdhas, far an robh seinn agus bàrdachd mun... -
10/2011
Rionnagan ciùil na Gàidhlig am measg luchd-ceumnachaidh an t-Sabhail
Bha Julie Fowlis, a choisinn an duais airson Seinneadair Dùthchasach na Bliadhna bho BBC Radio 2, agus Gillebrìde MacIllemhaoil, a bhuannaich Bonn Òr a' Chomuinn Ghaidhealaich agus a tha air duais bho Na Trads fhaighinn, am measg nan 45 oileanach a choisinn ceuman agus a fhuair teisteanasan cùrsa bho Phrionnsapal... -
09/2011
Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna 2011 Ceuman beaga gu soirbheachas aig Fàs Mòr
'S e 'Fàs Mòr', ionad cùram chloinne tro mheadhan na Gàidhlig ann an Slèite an Eilean Sgiathanaich, a th' air duais 'Gnìomh Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna 2011 - a bhuannachd. Aig an ìre sa tha 75 duine cloinne clàraichte leis an ionaid, far am bheil a h-uile tachartas is conaltradh... -
08/2011
Foillseachadh Plana Cànain Sabhal Mòr Ostaig airson co-chomhairle phoblaich
Chaidh Plana Cànain Shabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, a chur air bhog an-diugh le cothrom aig a' mhòr-shluagh beachdan a chur mu choinneamh. Fhuair Sabhal Mòr iarrtas bho Bhòrd na Gàidhlig plana cànain a dheasachadh fo chùmhnantan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005... -
07/2011
A' comharrachadh 25 bliadhna de Sheachdain Alasdair Fhriseil aig Sabhal Mòr Ostaig OGE
Tha am fìdhlear ainmeil Albannach, Alasdair Friseal, a tha air cliù mhòr a chosnadh air feadh an t-saoghail, air ais 'san Eilean Sgitheanach an t-seachdain sa a' teagasg aig campa na fidhle sònraichte aige, an aon champa dhe leithid aige an Alba, a tha stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig OGE,... -
07/2011
Am Prìomh Mhinistear a' tadhal air Sabhal Mòr Ostaig.
Taic-airgid airson trèanadh sgilean ann an co-fharpais filmichean goirid na Gàidhlig. Bha sinn air leth toilichte gun do dh' fhoillsich Ailig Salmond an-diugh faisg air £40,000 de thaic-airgid airson trèanadh a thoirt do dhaoine òga le iarrtas film a dhèanamh, nuair a bha e a' tadhal ann an Sabhal Mòr... -
07/2011
Neach-ealain Dràma Ùr air Muinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig
Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig, air Neach-ealain Dràma ùr air Muinntireas fhastadh a bha e fhèin na oileanach ann aig aon àm. Rugadh Artair Dòmhnall ann an Tiriodh agus tha e air a bhith na chleasaiche phroifeiseanta airson fichead bliadhna. Tha... -
06/2011
A' comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Shomhairle MhicGill-Eain
Duilich chan eil an duilleag seo ach sa Bheurla a-mhain.... -
06/2011
An Dàrna Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a' togail air soirbheachadh Foghlam Gàidhlig
Chaidh am pròiseas co-chomhairleachaidh poblach airson an dàrna Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig, a tha a' mìneachadh nan gnìomhan a tha riatanach gus fàs a thoirt air an àireamh ag ionnsachadh agus a' cleachdadh na Gàidhlig ann an Alba, fhoillseachadh ann an Alba an-diugh le Ministear Riaghaltas na h-Alba airson Ionnsachadh...
Duilleag 5 de 10: Duilleag air ais 3 4 5 6 7 Duilleag air adhart
Duilleag 5 de 10: Duilleag air ais 3 4 5 6 7 Duilleag air adhart