Naidheachdan
Tha an còmhnaidh tòrr a' dol aig a' Cholaiste agus gheibh thu cothrom cumail suas le na bha a' dol le bhith leughadh nan cuairt-litrichean, brathan-naidheachd is liosta de thachartasan againn. Tha cuideachd cothrom ann air barrachad fiosrachaidh fhaighinn mu Òraidean an t-Sabhail.
-
06/2011
Ceann latha air faire son farpaisean Gleus agus Gnìomh.
Tha an ceann latha sìor teannadh nas fhaisge airson tagraidhean gu farpaisean Gleus agus Gnìomh Coimhearsnachd agus Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna 2011. Chan eil ach colladeug air fhàgail mus feumar tagraidhean a chur gu Comunn na Gàidhlig, a tha a' riaghladh na farpaisean, leis an ceann-latha air an 30mh dhan... -
06/2011
Stòras rannsachaidh aig Soillse - 2011
Tha Soillse ' Lìonradh Nàiseanta Rannsachaidh airson Glèidheadh agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig - a' cur Stòras Rannsachaidh air bhog airson taic a thoirt do phròiseactan beaga a bhios a' rannsachadh chuspairean ceangailte le ath-bheothachadh na Gàidhlig. Thuirt Iain Caimbeul, Àrd-Mhanaidsear air a' phròiseict Soillse: 'Tha e na prìomh amas aig... -
06/2011
'S i Heather Clyne a choisinn duais Oileanach na Bliadhna - Sabhal Mòr Ostaig OGE
Shiubhail a' bhana-Ghàidheal Heather Clyne air feadh an t-saoghail mar eòlaiche-mara an dèidh ceumannan a chosnadh an Dùn Dèagh is Dùn Èideann ' agus i a-nis na h-oileanach an t-Sabhail Mhòir, a tha na pàirt de Oilthigh na Gàidhealtachd, rud a tha na adhbhar moit dhi. Tha Heather na h-oileanach... -
05/2011
Sgeama Pìolait ùr do Luchd-teagaisg
Tha dusan neach-teagaisg bho air feadh Alba a' gabhail pàirt ann am prògram trèanaidh pìolait ùr a chuidicheas leis an iarrtas a tha a' sìor fhàs airson luchd-teagaisg bun-sgoile is àrd-sgoile aig a bheil Gàidhlig. Ann an com-pàirteachas ùr eadar Bòrd na Gàidhlig agus Oilthigh Ghlaschu, tha luchd-teagaisg air ceithir... -
05/2011
A' chiad teadaidh air an t-saoghal le Gàidhlig ga fhoillseachadh as t-Fhoghar
Tha teadaidh beag tarraingeach a bhios a' teagasg 33 facail ann an Gàidhlig do leanabain, pàistean òga agus clann, air an t-slighe gu bhith mar aon de na nithean as cudromaiche a bhios san stocainn Nollaige ann an Alba am-bliadhna. Nì a dh'fheumas a bhith aig pàistean agus a bhios... -
05/2011
Cùrsa sònraichte ga thairgsinn do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann am Flòdaigearraidh
Thèid cùrsa sònraichte a thairgsinn do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig as t-samhradh a tha ga chur air dòigh le Sabhal Mòr Ostaig agus muinntir Fhlòdaigearraidh sa cheann-a-tuath an Eilein Sgitheanaich. Bidh cothrom aig luchd-ionnsachaidh seachdain thlachdmhòr a chur seachad le muinntir na sgìre ag ionnsachadh mu chànan agus mu chultar an... -
05/2011
Taic ga thairgsinn do dh' oileanaich a' trèanadh mar luchd-teagaisg Gàidhlig
Tha Bòrd na Gàidhlig, a' bhuidheann reachdail an urra ri adhartachadh agus leasachadh na Gàidhlig agus comhairleachadh Ministearan Riaghaltas na h-Alba, air sgeama ùr ainmeachadh agus a chur air bhog a' tairgsinn taic do dh' oileanaich ag obair a dh' ionnsaigh dreuchd ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh... -
04/2011
Cuideachadh le planadh nan ealan Ghàidhlig san àm ri teachd
Thathar a' toirt cuireadh do roinn nan ealan ann an Alba a dhol an sàs ann an leasachadh agus liubhairt Ro-Innleachd Nàiseanta nan Ealan Ghàidhlig a thathar a' sgrìobhadh gu làithreach gus a bhith air a ghabhail a-steach don ath Phlana Nàiseanta na Gàidhlig (2012-17). Thathar a' toirt cuireadh do... -
04/2011
Sabhal Mòr Ostaig a' faighinn sàr mholadh bho luchd-sgrùdaidh HMIe
Tha Luchd-sgrùdaidh na Banrìgh airson Foghlaim air aithisg fhoillseachadh, as leth Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, a tha a' dèanamh moladh mòr air mar a tha Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig, a' toirt seachad foghlam aig ìre leantainneach. Chaidh an sgrùdadh a dhèanamh... -
04/2011
Ministear na Gàidhlig air chuairt aig an t-Sabhal Mhòr
Chuir An t-Ollamh Boyd Robasdan fàilte chridheil air Alasdair Ailean BPA don t-Sabhal Mhòr o chionn ghoirid is e a' tadhal air a' Cholaiste airson a' chiad uair on a chaidh a chur na dhreuchd mar Mhinistear airson na Gàidhlig. Fhuair am Ministear cothrom coinneachadh ri luchd-stiùiridh na Colaiste agus...
Duilleag 6 de 10: Duilleag air ais 4 5 6 7 8 Duilleag air adhart
Duilleag 6 de 10: Duilleag air ais 4 5 6 7 8 Duilleag air adhart