Naidheachdan
Tha an còmhnaidh tòrr a' dol aig a' Cholaiste agus gheibh thu cothrom cumail suas le na bha a' dol le bhith leughadh nan cuairt-litrichean, brathan-naidheachd is liosta de thachartasan againn. Tha cuideachd cothrom ann air barrachad fiosrachaidh fhaighinn mu Òraidean an t-Sabhail.
-
04/2011
Oileanaich SMO a' tilleadh don eilean 'son sreath ùr de Ghleusta
Chruinnich oileanaich a b' àbhaist agus a tha fhathast aig Sabhal Mòr Ostaig OGE, Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig, 'san Eilean Sgitheanach o chionn ghoirid airson filmeadh an dàrna sreath den phrògram chloinne, Gleusta. Bha measgachadh mòr de dh' oileanaich anns an sgioba riochdachaidh, bho luchd-camara gu... -
04/2011
HMIE a' foillseachadh lèirmheas air èifeachdas nan ullachaidhean làithreach airson foghlam Gàidhlig
Tha HMIE an-diugh air lèirmheas fhoillseachadh Foghlam Gàidhlig: A' togail air nithean soirbheachail, a' dèiligeadh ris na bacaidhean, mu na nithean a tha an urra ri foghlam Gàidhlig ann a bhith a' toirt taic do Phlana Nàiseanta na Gàidhlig, a tha ag amas air a bhith a' stèidheachadh àm ri... -
04/2011
Ceangal Choimhearsnachdan air a' Chosta: Rannsachadh cheanglaichean eadar nòsan iasgaich ann an coimhearsnachdan na h-Alba
Tha Colmcille ' prògram com-pàirteachais a tha ag adhartachadh dualchas cànanach is cultarach co-roinnte na h-Èireann agus na h-Alba ' a' cur taic ri rannsachadh ùr a tha a' coimhead ris na ceanglaichean eadar nòsan iasgaich coimhearsnachdan nan eilean san dà dhùthaich. Bheir maoineachadh Cholmcille cothrom do dh'Iain MacFhionghain às... -
04/2011
Luchd obrach bhon t-Sabhail a' toirt seachad taisbeanadh aig Oilthigh Hawaii
Bha Alasdair MacMhaoirn ann an Hawaii a' mhìos seo, a' toirt seachad taisbeanadh aig Oilthigh Hawaii. Seo mar a chaidh leis: 'Sa mhios seo chaidh, fhuair mi cothrom a dhol dhan 2nd International Conference on Language Documentation and Conservation (ICLDC), "Strategies for Moving Forward, Oilthigh Hawaii, àrainneachd Manoa, Honolulu. Thug... -
04/2011
Bòrd na Gàidhlig a' cur taic ris a' chùis airson Sgoil Bonnington ann an Dùn Èideann
Tha Bòrd na Gàidhlig air iarraidh sgoil Ghàidhlig ainmichte a stèidheachadh ann am Bonnington ann an Dùn Èideann. Tha dleastanasan sònraichte reachdail aig Bòrd na Gàidhlig a thaobh adhartachadh na Gàidhlig agus comhairle a sholarachadh do Mhinistearan agus do bhuidhnean poblach mu chùisean co-cheangailte ri cànan, cultar agus foghlam Gàidhlig.... -
04/2011
Plana Lùghdachadh Carbon.
Chaidh gabhail an t-seachdain seo leis an Carbon Trust ri Plana Lùghdachadh Carbon na colaiste a tha ag amas air na tha sinn a' cruthachadh de thruailleadh carbon dioxide (CO2) a lùghdachadh 20% ron bhliadhna 2015. Tha an Carbon Trust air a mhaoineachadh leis an Riaghaltas gus taic a chumail... -
03/2011
"Fruitmarket Gallery" suas airson duais airson Ionnsachadh Taigh-tasgaidh
Duilich, chan eil an duilleag seo ach ann am beurla a-mhàin.... -
03/2011
Sùil às ùr air ainmean bailtean Leòdhais
Cluinnear òraid air ainmean bailtean Leòdhais bhon Ollamh Richard Cox mar chomharra air inbhe proifeasair a chaidh a bhuileachadh air bho Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Bidh an t-Oll. Cox a' bruidhinn an ath mhìos ri luchd-èisteachd aig Sabhal Mòr Ostaig agus air feadh an oilthigh tro cheangal bhideo... -
03/2011
Co-chruinneachadh ùr de bhàrdachd a' comharrachadh ceann-latha iomraiteach Shomhairle
Chaidh leabhran ùr fhoillseachadh le co-chruinneachadh de bhàrdachd, a' comharrachadh 100 bliadhna bhon rugadh an sàr-bhàrd Somhairle MacGillEain (1911-1996). Chaidh an leabhran a chur an clò le Urras Shomhairle agus Leabharlann Bàrdachd na h-Alba. Tha bàrdachd (le eadar-theangachadh) anns an leabhran 'Dàin do Shomhairle' bho Meg Bateman, Aonghas Phàdraig Caimbeul,... -
03/2011
Sgoiltean Gàidhlig cruinn còmhla ann an Dùn Èideann
Bha faisg air 300 neach-cloinne bho air feadh Alba a' tighinn do phrìomh bhaile na dùthcha an t-seachdain seo a fhrithealadh an t-siathamh seachdain Ghàidhlig airson sgoiltean a tha air a chur air dòigh le Comann nam Pàrant le taic bho Comunn na Gàidhlig. Am bliadhna tha an tachartas a'...
Duilleag 7 de 10: Duilleag air ais 5 6 7 8 9 Duilleag air adhart
Duilleag 7 de 10: Duilleag air ais 5 6 7 8 9 Duilleag air adhart