Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

"A’ Chrannag” - GAIRM AIRSON IARRTASAN SGRÌOBHAIDH

11/2018

 

GAIRM AIRSON IARRTASAN SGRÌOBHAIDH - Pod-chraoladh Geàrr-fhicsean Gàidhlig.

'S e pod-chraoladh ùr Gàidhlig a th' anns "A' Chrannag" a bhios a' taisbeanadh cuid den fhicsean ghoirid ùr as fheàrr sa Ghàidhlig.

Tha sinn a' sireadh pìosan ficsein anns a' Ghàidhlig le 4 sgrìobhadairean, a thèid clàradh le cleasaichean gutha proifeiseanta agus thèid an craoladh mar chlàr pod-craolaidh aig toiseach 2019.

Gabhaidh sinn ri rosg, bàrdachd, dràma aon-neach, nua-sgrìobhadh no cruth sam bith eile a bhiodh freagarrach, cho fad 's a ghabhas e leughadh le aon chleasaiche gutha a-mhàin agus gu bheil e eadar 1000 agus 5000 facal a dh'fhaid.

Tha sinn a' sireadh sgrìobhaidh a tha gu sònraichte stèidhichte air beul-aithris agus a tha sgrìobhte a dh'aona-ghnothach airson aithris. Tha sinn cuideachd a' sireadh obair sgrìobhte a tha a' cleachdadh na Gàidhlig ann an dòigh ùr no annasach. 

Faodar pìosan a chur thugainn nach deach sgrìobhadh a dh'aona-ghnothach don phròiseact ach cha ghabh sinn ri sgrìobhadh a chaidh fhoillseachadh mar-thà.

Gabhaidh sinn ri earrannan à pìosan nas fhaide ma sheasas iad mar phìos sgrìobhaidh cruinn leotha fhèin.

Gabhaidh sinn ri sgrìobhadh ioma-chànanach a rèir co-theacsa a' phìos agus mar a tha an cànan ga chleachdadh.

Gheibhear cuibhreann luach £200 mu choinneimh gach pìos a thèid cleachdadh agus 's ann leis an ùghdar a dh'fhanas a h-uile còir air an teacsa sgrìobhte. 

'S e pròiseact Outboard (outboard.online) a tha seo, an co-bhann le Stiùdio Ostaig aig Sabhal Mòr Ostaig agus le taic maoineachaidh le Maoin Ealain na Gàidhlig / Bòrd na Gàidhlig / Alba Chruthachail.

For further information, please contact hec.macinnes@gmail.com (Hector MacInnes), or visit http://www.outboard.online

The deadline is Friday 21 December 2018 at 17:00.