Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

A’ gairm air Ceòladairean Gàidhlig aig am biodh ùidh ann an pròiseact eadar-nàiseanta agus saor air na deiteach gu h-ìosal.

04/2016

TOSTA - 'S e pròiseact co-obrachaidh cultarail a th' ann an Tosta stèidhichte ann an grunnan choimhearsnachdan Eòrpach air cladaichean a' Chuain Siar, a bhios na theachdaire taistealach an lùib Donostia / San Sebastian 2016 European Capital of Culture. Tha am pròiseact eadar-nàiseanta a' brosnachadh cruthachaidh sna h-ealain, iomadachd chànanan is chultaran agus stiùireadh chothroman air cànanan ionadail.

Thathar a' cleachdadh sgaoileadh "a' bhathair chultarail" ann an cruth shoithichean mara airson clàr-ama a dhealbhadh a thadhaileas air na coimhearsnachdan a tha a' gabhail pàirt ann, far am bi fèis 2-3 làithean airson fios air iomadachd chànanan is chultaran san Roinn Eòrpa agus prionnsabalan San Sebastian 2016 a sgaoileadh.

'S e suidheachan bàta as ciall don fhacal 'tosta', facal a tha cumanta, ann an riochdan diofraichte, ann an iomadh mion-chànan Eòrpach air feadh cladach a' Chuain Siar.
 

Feumalachdan:  Sàr cheòladair (air an fhidheall neo a’ bhocsa, ach fosgailte gu ionnstramaidean eile) a tha cuideachd comasach air seinn ann an Gàidhlig.

Se measgachadh de cheòladairean & seinneadairean a bhios anns a chòmhlan TOSTA (11 uile gu lèir) le 4 ceòladairean bho dhùthaich nam Basgach agus aonan bho gach de na sia dùthchannan mhion-chànanach eile a tha a’ gabhail pàirt: Alba, Frìoslann, Gailìsia, A' Chòrn, A' Chuimrigh agus Èirinn.

Gheibh sibh: 400 Euro (£318) gach cuirm-chiùil +  cosgaisean aithris, siubhal, àite-fuirich, agus cosgaisean biadh.

 

Liosta cinn-latha (+ fèisean & duthcanann)

Aithris  28/04 – 30/04/16  An Daingean, Èirinn

Cuirmean-ciùil

01/05 Féile na Bealtaine, An Daingean, Èirinn

18/06 Falmouth International Sea Shanty Festival, A' Chòrn

25/06 Ceredigion, Teatr Felinfach, A' Chuimrigh

06/07 TOSTA @ Fèis an Eilean, Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach, Alba

03/09 Dokkum fest, Dokkum, Frìoslann

17/09 Rock in Rian-Festas da Guadalupe, Rianxo, Gailìsia

24/09 Atlantikaldia, Errenteria, Dùthaich nam Basgach

 

Airson am barrachd fios, cuiribh post-d gu:

Kath NicLeòid, Sabhal Mòr Ostaig kl.smo@uhi.ac.uk

no Igor Otxoa , Artistic Director, aig : txalapart@gmail.com 

no Arantza, production  aig tosta@txalapart.com

 

TOSTA Band Diversity Orchestra Singers

Mixel Ducau - Music Director

Igor Otxoa - Artistic Director

 

Làrach-lìn TOSTA - http://tosta2016.eu/