Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

A’ sireadh bhall ùra airson Bòrd Stiùiridh an t-Sabhail

02/2016

Tha riaghladh an t-Sabhail an urra ri Bòrd Stiùiridh agus tha sinn a’ sireadh bhall ùra.  Bhiomaid gu h-àraid toilichte cluinntinn bho neach sam bith aig a bheil eòlas air leasachadh eacanomaigeach, gnothachas agus sgrùdadh ionmhais.

’S e obair saor-thoileach a tha seo ach thèid cosgaisean reusanta a phàigheadh a thaobh a bhith a’ frithealadh choinneamhan a’ Bhùird agus a chomataidhean agus dleastanasan sam bith eile a ghabhas buill os làimh. Tha co-dhiù ceithir choinneamhan gan cumail gach bliadhna agus tha na buill cuideachd air comataidhean a’ Bhùird.

‘S ann aig a’ Cholaiste a bhios na coinneamhan, mar as trice.

Thathas cuideachd a’ sùileachadh gum bi buill a’ frithealadh ghnothaichean eile a bhuineas ris a’ Cholaiste bho àm gu àm, leithid a’ Cheumnachd agus an Òraid Bhliadhnail.

Tha na buill a tha air a’ Bhòrd a-cheana an sàs ann an diofar obraichean, nam measg, an lagh, foghlam, gnìomhachas, ionmhas agus obair coimhearsnachd.

’S e cothrom a tha seo a bhith an sàs aig cridhe ath-leasachadh na Gàidhlig agus, anns a’ chiad àite, bhiodh sibh anns an dreuchd airson còig bliadhna.

Bidh agaibh ri dhol tro Disclosure Scotland.

Tha co-ionannachd aig cridhe Sabhal Mòr Ostaig.

Airson am barrachd fios, cuiribh brath gu obair@smo.uhi.ac.uk