Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

A’ sireadh neach-tagraidh PhD airson pròiseact beul-aithris air leth

06/2020

Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Tobar an Dualchais air leth toilichte innse gu bheil iad a’ sireadh neach-tagraidh PhD sònraichte, fileanta sa Ghàidhlig agus le ceum Maighstireachd ann an raon-eòlais freagarrach, gus pròiseact PhD a ghabhail os làimh.

Bidh am pròiseact, a tha maoinichte le Duais Dotaireachd Cho-obrachail le Sgoil Ceumnachaidh na h-Alba airson Ealain agus Daonnachdan, a’ coimhead air a’ chuspair Macroscòp Beul-aithris nan Eilean: 170 bliadhna de chultar-beòil Gàidhlig ann an Innse Gall.

Fo stiùir an Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart agus an Ollaimh Ùisdean Cheape aig Sabhal Mòr Ostaig, agus Stiùiriche Thobar an Dualchais Flòraidh Forrest, bheir am pròiseact seallaidhean ùra eitneografach cho math ri sgoilearachd ùr-nodha gu buil ann a bhith a’ sgrùdadh a’ bheairteis de dhualchas-beòil a gheibhear air-loidhne tro Thobar an Dualchais, goireas didseatach beul-aithris agus eachdraidh-bheòil na h-Alba.

Chuir Domhnall Uilleam Stiùbhart fàilte air an naidheachd, ag ràdh:  “’S e togail-misneachd mhòr a th’ anns a’ PhD seo do dhuine sam bith aig a bheil spèis do dhualchas nan Gàidheal. Bheir e cothrom barraichte dha sgoilear èasgaidh, ’s iad air ùr thòiseachadh, dlùth-eòlas a chur air coimhearsnachdan aig a bheil beairteas beul-aithris cha mhòr gun choimeas anns an Roinn-Eòrpa. A’ rannsachadh na sgaoilteachd farsaing de dh’òrain, sgeulachdan, agus eachdraidh a tha taisgte ann an Tobar an Dualchais, cho math ri 170 bliadhnachan de chlàraidhean beul-aithris, bidh an t-oileanach a’ tarraing aire sgoilearan eadar-nàiseanta a dh’ionnsaigh dualchas prìseil nan eilean, agus cuideachd ag obair còmhla ris na coimhearsnachdan fhèin mu dè na dòighean a b’ fheàrr gus an dìleab seo a thoirt a-nuas beò fallainn dhan ginealach òg.”

Nì an neach-tagraidh soirbheachail measadh agus fuasgladh air a’ chruinneachadh bheairteach de chlàraidhean beul-aithris agus òrain nan Gàidheal ann an Tobar an Dualchais, gan suidheachadh ann an coitheacs còrpas de dhualchas-beòil bho na h-aon cheàrnaidhean a shìneas air ais 170 bliadhnachan, bho linn a’ chruinneachaidh thùsail aig Iain Òg Ìle gu ruige an latha an-diugh.

Nì am pròiseact sgrùdadh air clàraidhean bho dhà àite, ’s iad eadar-dhealaichte agus samhlachail ri chèile aig an aon àm: eilean Èirisgeigh agus ‘Tìr-Mòr’ ceann a deas Uibhist a Deas air aon làimh, agus, air an làimh eile, eilean Bheàrnaraigh na Hearadh. Bidh am pròiseact a’ geur-amharc air stuth beul-aithris fa leth, air gnèithean, ’s air luchd-aithris agus na daoine dham buin iad, ach le seallaidhean farsaing fad-shaoghalach. Tron sin, thèid beul-aithris a chur gu feum ann a bhith a’ mìneachadh eachdraidh nan eilean, le sùil air atharrachaidhean sa chultar, san t-sluagh, agus san àrainneachd.

Thuirt Stiùiriche TAD, Flòraidh Forrest:  “Tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn a bhith co-obrachadh le SMO ann a bhith a’ toirt seachad a’ PhD mhaoinichte seo. Bheir an rannsachadh dotaireachd seo barrachd tuigse agus ciall don chruinneachadh mhòr iongantach de chlàraidhean, de dh’obair-raoin, agus – rud gu math cudromach – de luchd-aithris fa leth agus na teaghlaichean aca à Uibhist. Bheir e cothrom don Phròiseact cuideachd ceanglaichean nas fheàrr a dhèanamh ri muinntir Uibhist an-diugh. Bhrosnaicheadh sinn duine sam bith aig a bheil na ceumannan freagarrach, ’s iad beò-ghlacte le rannsachadh den t-seòrsa seo, cuir a-steach airson na dreuchd. Tha fhios nach ann tric a nochdas cothrom cho tarraingeach!”

Oibrichidh an neach-tagraidh soirbheachail gu dlùth ris na coimhearsnachdan far an deach na clàraidhean a thogail. Cuiridh iad ri prògram Thobar an Dualchais de sgaoileadh fiosrachadh agus de chonaltraidhean-coimhearsnachd, tro òraidean poblach; blogaichean; airteagalan ann am pàipearan ionadail; agus na meadhanan.

Bheir am pròiseact PhD seo cothrom air leth dha neach-rannsachaidh comasach na sgilean acaideimigeach aca a leasachadh anns an àrainneachd bheairtich Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig OGE, fhad ’s a gheibh iad trèanadh agus eòlas luachmhor ag obrachadh còmhla ri fear de na goireasan-dualchais as cudromaiche ann an Alba, agus ris na coimhearsnachdan a bhios e a’ riochdachadh.  ‘S e an ceann-là airson tagraidhean 26/06/20 agus airson barrachd fiosrachaidh agus stiùireadh mun phròiseas-tagraidh, feuch gun tadhail thu air:

https://www.uhi.ac.uk/en/research-enterprise/grad-school/studentships/sgsah-cda/

Tha fàilte bhlàth cuideachd ro cheistean mì-fhoirmeil gu Ceannard Rannsachaidh an t-Sabhail Mhòir, Abigail Burnyeat:  ab2.smo@uhi.ac.uk