THA SINN FOSGAILTE, AGUS AG OBAIR AIR-LOIDHNE!
01/2021
THA SINN FOSGAILTE, AGUS AG OBAIR AIR-LOIDHNE!
Tha làrach na Colaiste dùinte ri linn riaghailtean Covid-19 aig Riaghaltas na h-Alba. Tha sinn an dùil gum bi i dùinte fad na mìos agus ’s dòcha tron Ghearran cuideachd. Ach tha sinn fhathast fosgailte agus ag obair: tha na cùrsaichean, ionnsachadh, pròiseactan agus rannsachadh a’ leantainn air-loidhne. Tha oileanaich a bhiodh air an làraich san àbhaist, a’ faighinn chlasaichean air-loidhne bhon dachaigh. Leanaidh na cùrsaichean air astar, mar as àbhaist, air-loidhne. Tha an luchd-obrach ag obair air astar, agus ged a bhios sinn beagan nas fhaide nan àbhaist tilleadh thugaibh, tha sinn fhathast an seo airson taic a chumail ribhse, ri ar cànan agus ar cultar! Cuiribh post-d thugainn nuair a bhios taic a dhìth oirbh – seo an dòigh as fheàrr air greim fhaighinn oirnn. Ma tha ceistean agaibh mu dheidhinn nan cùrsaichean, cuiribh post-d gu iarrtas@smo.uhi.ac.uk Airson ghnothaichean agus cheistean eile, cuiribh fios gu fios@smo.uhi.ac.uk.
Cumaibh sàbhailte a chàirdean.