Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

'Ainmeil Thar Cheudan' Alba a' comharrachadh Shomhairle MhicGill-Eain

02/2011

Bidh eileanaich, bàird, luchd-ciùil, luchd-foghlaim agus a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an litreachas is ìomhaigh na h-Alba a' cruinneachadh anns an Eilean Sgitheanach san Ғgmhios gus bàrd sònraichte a chomharrachadh.

Fon ainm Ainmeil Thar Cheudan, tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus Rannsachadh nan Eilean aig Oilthigh Taobh an Iar na h-Alba a' tighinn còmhla gus cruinneachadh-cuimhneachain beothail a chumail mar urram don bhàrd Ghàidhlig chliùiteach Somhairle MacGill-Eain a rugadh ceud bliadhna air ais.

Agus a' bruidhinn air cho sònraichte agus a bhios e mar thachartas, thuirt Prionnsapal an t-Sabhail Mhòir, Boyd Robasdan: '€œBidh barrachd an seo na dìreach cruinneachadh luchd-foghlaim, cudromach '€˜s gu bheil sin.  Bidh cuideachd cruinneachadh bhàrd, luchd-ciùil is luchd-ealain eadar-nàiseanta a fhuair spreagadh bho bhàrdachd chliùiteach Shomhairle MhicGill-Eain.

'€œBidh cothrom ann don choimhearsnachd cuideachd tighinn còmhla is cuimhneachan is beachdan mu eileanach is mu Ghàidheal a nochdadh.  Thathar a' cuimhneachadh Shomhairle le meas mar dhuine is mar bhàrd aig an robh freumhan domhainn ann an coimhearsnachd a dhùthchais.'€

Am measg nan urramach ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta a bhios a' nochdadh ann, bidh Liz Lochhead, a chaidh a chur an dreuchd o chionn ghoirid mar Bhàrd-molaidh na h-Alba.  Agus ia' bruidhinn mu bhàrdachd Ghàidhlig Shomhairle MhicGill-Eain, thuirt i: '€œdo dhaoine mar mi fhìn aig nach eil Gàidhlig, chan fhaodar ach sealltainn air mar a bheir e buaidh dhomhainn air luchd na Gàidhlig is air an fheadhainn aig a bheil an dà chànan.'€
An dèidh sin, ge-tà, dhi fhèin agus do luchd-litreachais na h-Alba san fharsaingeachd agus nas fhaide air falbh, is iad na tionndaidhean de bhàrdachd an Leathanaich '€œair a bheil uimhir a ghaol againn fhìn a-nis'€. Bha na tionndaidhean ud cho cumhachdach, thuirt i, agus: '€œgu bheil sreath air an gràbhaladh oirnn nach robh nan dàin ach nan tionndaidhean facal air an fhacal' a rèir Shomhairle fhèin'€.

Mar a thuirt Lochhead le sùil is cluas a' bhàird: '€œAbair thusa neo-bhàrdachd'€™! Don leughadair seo, tha iad mòr annta fhèin'€.

Nuair a thig e gu aon is gu dhà, is e bàrd Gàidhlig a bha san Leathanach, a bha air a bhogadh gu domhainn ann an dualchas mòr bàrdachd is òrain na Gàidhlig.  Is e an taobh bunaiteach seo a tha am bàrd Sgitheanach, Aonghas MacNeacail a sònrachadh anns na beachdan aige: '€œLe sheasamh an aghaidh sgrios na cànain, is co-ionann a dhèanamh eadar tionnsgal na Gàidhlig agus litreachas eadar-nàiseanta a latha fhèin, dh'€™ùraich Somhairle MacGill-Eain spiorad na cànain fhad 's a bha e togail cliù ar litreachais gu inbhe dhomhanta. Ach a bharrachd, dhùisg e dòchas, deòin agus amas nan ginealach de sgrìobhadairean a lean, gus an clachan cruthachail fhèin a chur ri càrn an dualchais.'€

Is e an spreagadh seo do ghinealaichean air fàire de Ghàidheil òga agus do choimhearsnachd nan ealain is nan eilean còmhla agus air feadh na h-Alba a bhios Ainmeil Thar Cheudan: Comharrachadh Ceud Bliadhna air Somhairle MacGill-Eain, bho Dhiciadain 15  gu Disathairne 18 Ғgmhios 2011, Sabhal Mòr Ostaig, a' feuchainn ri cur air adhart. Am measg an luchd-labhairt bidh  an t-Ollamh Douglas Gifford, Timothy Neat, an t-Ollamh Máir Ní Annracháin agus Crìsdean MacIlleBhàin.