Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Am Prìomh Mhinistear a’ tadhal air Sabhal Mòr Ostaig

07/2012

Bha am Prìomh Mhinistear, Alex Salmond, aig a’ Cholaiste Diluain 23 An t-Iuchar far an do dh’fhoillsich e fios mu thaic-airgid de £130,000 airson Tobar an Dualchais agus obair fhoghlaim MG Alba tro Film G. Bha Alasdair Friseal, fìdhlear a tha aithnichte air feadh an t-saoghail, an làthair a’ teagasg air cùrsaichean goirid an t-Sabhail agus chluich e port don Phrìomh Mhinistear a rinn e airson an turas aige a chomharrachadh, air a bheil ‘The Referendum’, a chaidh a chluich airson a’ chiad uair aig a’ Cholaiste.

Chithear bhideo de thuras a’ Phrìomh Mhinisteir an seo.