Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

An Cuan Sgìth

12/2017

An Cuan Sgìth – 13 Faoilleach – 24 Gearran 2018 Gailearaidh 1 & 2

Fosgladh agus Cèilidh Teaghlaich. 12 Faoilleach, 7-9f aig Taigh Chearsabhagh.

 

Cuideachd aig Sabhal Mòr Ostaig – 11 Cèitean – 23 Ògmhios 2018

’S e pròiseact ealain lèirsinneach dà bhliadhna a th’ anns A’ Chuan Sgìth, le iomlaid eadar daoine òga Bunsgoil Shlèite san Eilean Sgitheanach, agus Bunsgoil Bhaile a’ Mhanaich, Beinn na Faoghla. Bha a’ chlann ag obair còmhla ris an luchd-ealain proifeiseanta Julie Brook, Cèit NicDhòmhnaill agus Kath NicLeòid (Oifigear Leasachaidh Ealain SMO) anns a’ Ghàidhlig, fo stiùir Lasair Ealain agus le taic bho Shabhal Mòr Ostaig.

’S e amas a’ phròiseict a bhith a’ brosnachadh agus a’ toirt chomasan do dhaoine òga ann a bhith a’ dealbhadh na h-àrainneachd aca fhèin, ag obair le luchd-ealain proifeiseanta gus na beachdan aca fhèin a chur an cèill agus tuigse ùr air àite an àraich a thogail.

An dèidh sreath de bhùthan-obrach a’ dealbhadh agus a’ peantadh nan àrainneachdan aca, thadhail clann Bunsgoil Shlèite air clann Bheinn na Faoghla fad 3 latha, agus a’ chlann faighinn chothroman obrachadh còmhla ris an luchd-ealain aig caochladh àite, falbh gu tachartasan feasgair sa Ghàidhlig agus a’ togail chàirdeasan ùra. Aig deireadh an turais, ghabh sgoilearan Bhaile a’ Mhanaich an aiseag thar a’ Chuain Sgìth gu ruige an Eilein Sgitheanaich, a’ dealbhadh còmhla ris a’ chlann Sgitheanach agus na tìdsearan aca air a’ bhàta.

Dh’ionnsaich gach buidheann mar a chruthaicheas iad pìosan-ealain de dh’àiteachan sònraichte san àrainneachd, stèidhichte air dealbhan leabhair-sgeidse, agus a’ chlann a’ co-obrachadh air dealbhan mòra gual-fhiodha.

’S e na leabhraichean-sgeidse, dealbhan frèamte de mheud A1, dealbhan mòra gual-fhiodha agus fiolm den phròiseact a bhios mar phàirt den taisbeanadh, agus iad a’ sealltainn turas ealanta agus fiosaigeach na cloinne, ann an Taigh Chearsabhagh, Uibhist a Tuath agus Sabhal Mòr Ostaig, an t-Eilean Sgitheanach, ann an 2018.

Chaidh am pròiseact seo a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Young Films agus Lasair Ealain.