Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

An Ridire Iain Noble 1935 - 2010

01/2011

Oraid Luaidh le Ailean Caimbeul

Madainn latha na Nollaige nuair a chaill sinn Fear Eilean Iarmain, Iain Anndra Noble; chaill Alba, agus a' Ghàidhlig, fìor cheatharnach!

Thèid mòran a sgrìobhadh is aithris mu Iain agus choisinn e a' chliù sin. Mar a tha an sean-fhacal ag radh, '€œ 's fhiach deagh sgeul aithris dà uair!'€

Ged a rugadh e as a' Ghearmailt agus a fhuair e a chiad fhoghlam ann an Sìona agus ann an Argentina agus, ged a chuir e crìoch air fhoghlam ann an Sasainn, bha Iain moiteil às a dhearbh-aithne mar Albannach

Bidh cuimhne aig duine sam bith a bha eòlach air Iain air cho rag 's a bha e aon uair 's gun gabhadh e rud na cheann. Agus 's e an dìorrasachd sin a dh' fhàg gun do shoirbhich leis an aghaidh iomadh dùbhlain agus gun do dh' fhàg e uimhir de dhìleab às a dhèidh.

'€™S ann is e air chuairt mar òraidiche eòlas-eaconamachd le Urras Nàiseanta na h-Alba, air bàta-turais, a ràinig Iain Torshàven as na h-Eileanan Fàrach an toiseach agus chuir e eòlas maireann air luchd-gnothaich is poilitigs an sin. Bha Iain air a bheò-ghlacadh leis an spèis a bh'€™aig  muinntir nan Eileanan Fàrach nan cuid cànain is dualchais fhèin agus an ceangal a bha eadar sin agus neart is fàs eaconamaidh an àite. Air sgàth eisimpleir nam Fàrach dh' fhàs Iain daingeann na chreideas as a' cheangal eadar fèin-spèis sluaigh agus leasachadh eaconamach, agus dhàsan dh' fheumadh leithid sin de dh' fhèin-spèis tòiseachadh le Gàidhlig.

Mar is tric a dh' innis e fhèin, 's e tuiteamas a bh' ann gun d' raìnig Iain Slèite as a' chiad àite. 'S ann air na Hearadh a bha a shùil agus e a' beachdachadh air gluasad chun na Gàidhealtachd agus a chuid feallsanachd cànain is gnìomhachais a chur an sàs. Thadhail e ann an Slèite as an dol seachad, ach chaidh an car aige a ghlacadh ann an sneachda air rathad Tharscabhaig, agus b' fheudar dha fuireach thar deireadh seachdaine. Sin a bu choireach gun d' fhuair e cothrom an sgìre fhaicinn agus gun do chuir e tairgse a-staigh dhan rup a bha gu bhith a' tachairt goirid às dèidh sin air fearann nan Dòmhnallach. Ach cha robh dùil sam bith aig Iain gun cheannaicheadh an tairgse a rinn e an t-àite. Ach cheannaich, agus thòisich eachdraidh Fearann Eilean Iarmain an sin!

Bha rudan ann nach do shoirbhich mar a bha Iain an dòchas. An t-iasgach mar eisimpleir; agus 's e latha duilich a bh' ann nuair a dh' fhalbh A' Mhaighdeann Bhàn. Latha duilich eile nuair a dhùin Muileann  Beag a' Chrotail. Ach '€˜s iomadh uair a bhruidhinn mi fhìn is Iain mun àm sin agus cho cudromach '€˜s a bha na cosnaidhean sin dhan sgìre fhad'€™s a mhair iad. Mar eisimpleir, chuidich a' Mhuileann Bheag  còrr air fichead teaghlach thar deugachadh de bhliadhnaichean!

Ach shoirbhich mòran den t-sìol a chuir Iain, agus thàlaidh e daoine freagarrach gus togail air na h-innleachdan a dhealbh e. Mar eisimpleir, tha còrr air deich bliadhna fichead bho chuir mi fhìn 's e fhèin an t-uisge-beatha Tè Bheag air a' mhargaid agus tha Club Gnìomhachas nan Gàidheal a th' air miltean mòra a thogail dha carthrannasan Gàidhlig còig bliadhna fichead air a' bhliadhna seo fhèin. Bha Iain daonnan a' dealbh innleachdan ach b' fheàrr leis daoine eile an toirt air adhart.

Tha cuid ann an saoghal gnìomhachais, agus eile, nach eil a' creidsinn as an fheallsanachd a bh' aig Iain, ach tha coimhearsnachd Shlèite le Sabhal Mòr Ostaig na meadhan a' dearbhadh fìrinn a chuid lèirsinn. Tha dìleab Iain nas fharsainge na sin gun teagamh, ach bhrosnaich e mòran againne gus moit às ùr a ghabhail nar cànan agus tha sinn fada na chomain airson sin. Chòrd e rium gu mòr a bhith a' cluinntinn Cathraiche an t-Sabhail Mhòir, Ruairidh Iain MacLeòid, ag radh air rèidio gum bheil a h-uile h-oileanach a thèid tron ionad foghlaim seo nan sliochd dha Iain Noble.

Ged a bha Iain ag obair cruaidh bha e cuideachd measail air spòrs agus '€˜s iomadh sgeulachd èibhinn a chualas bhuaithe, agus a ghabhas innse ma dheidhinn! Nuair a thàinig e an seo an toiseach agus a bha e gu dìcheallach ag ionnsachadh na Gàidhlige, bha Iain airson a bhith am bogadh anns a' chultar cho math ris a' chànan fhèin.   Ri linn sin, bhiodh e a' cur seachad ùine cho tric 's a burrainn dha, anns a' Phràban (am bàr aig Taigh-Òsta Eilean Iarmain) a' crac ann an Gàidhlig ri muinntir an àite a bhiodh a' tadhal an sin. Bha ùidh mhòr aige cluinntinn mu na cleachdaidhean agus an doigh-beatha a bh' ann, agus bha e mothachail gun robhas ag innse ròlaistean dha aig amannan!

'€™S e poidseadh aon rud mun cual' Iain mòran agus ghabh e nòisean mòr a dhol às dèidh nam bradan oidhche air choreigin. Dh' aontaich dithis laoch ionadail a thoirt a-mach agus chaidh feasgar aontachadh. Leis nach fhaighte air falbh gu anmoch ghabh iad drama is grèim bìdh agus an dèidh mheadhain-oidhche thog iad orra leis a' bhàta aig Iain.
Fhuair iad iasg neo dhà agus nuair a thill iad dhan taigh-òsta aig mu cheithir sa mhadainn bha Iain a' leum ri fhaileas!  Fhad'€™s a bha a chompanaich a' gabhail drama eile bhuaithe sa chidsin is esan a' deànamh cheapairean is cofaidh, dh' fhaighnich Iain a' cheist, '€œAch cò air a bha sinn a' poidseadh?'€ '€œOh, bha ort fhèin!'€ fhreagair càch.

As a' chlàr aig Debretts 's i am prìomh chur-seachad a chomharraich Iain, '€œcòmhradh agus ceòl le deagh chompanaich'€, agus bha e math cluinntinn bho Lucilla gun robh Iain ann an sunnd cho dòigheil an latha mun do chaochail e! 

Tha cruinneachadh mòr an seo an-diugh de chompanaich is eòlaich dha Iain agus, ged a bhios cèol agus còmhradh math againn, bidh sinn uile cuideachd mothachail air a' bheàrn mhaireann a tha a-nise nar measg. Ach a dh' aindeoin tùrsachd, bidh cuideachd cuimhneachain bhlàtha air fear a thàinig dhan Eilean seo mar choigreach ach a dh' fhàg dìleab Gàidhlig air am bheil e mar dhleastanas dhuinne togail na chuimhne. Fear Eilean Iarmain, nach maireann.

Do chuid de Phàrras dhut, Iain.  Bidh sinn gad ionndrainn!

Fiosan Naidheachd eile mun An Ridire Iain Noble

Real lives: Businessman and proud Scot leaves Gaelic legacy

Obituary: Sir Iain Noble, Banker, hotelier, distillery owner and champion of Gaelic culture

Banker Sir Iain Noble, champion of Gaelic, Skye and Scotland, dies at 75

Sir Iain Noble; banker landowner and champion of Gaelic

Sir Iain Noble: Entrepreneur who championed the Gaelic language and culture

Prògram Coinneach MacIomhar mu Sir Iain Noble