Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

An t-Àrd-Ollamh Coinneach MacFhionghain

06/2021

Tha sinn a’ dèanamh luaidh air an Àrd-Ollamh Coinneach MacFhionghain a chaochail o chionn ghoirid. 

Bha an Àrd-Ollamh MacFhionghain, a bha na fhìor sgoilear agus eòlaiche ann an rannsachadh na Gàidhlig, gu math taiceil dha Sabhal Mòr Ostaig thar nam bliadhnaichean agus bha e na dheagh charaid do Leabharlann an t-Sabhail Mhòir cuideachd.

Bha e an sàs ann an rannsachadh na Gàidhlig bho na 1970an agus tha a chuid saothrach air cur gu mòr ri oidhirpean ath-bheothachadh na Gàidhlig. Tha a chuid rannsachaidh air dealbh a tharraing de bheachdan is gluasadan a thaobh na Gàidhlig fhèin agus ciamar a bhathar is a thathar ga cleachdadh anns na coimhearsnachdan.

Ann an 2012 thug e tabhartas chudromach dhuinn de na pàipearan rannsachaidh aige bho iomadh sgrùdadh anns an robh e an sàs mun a’ Ghàidhlig anns an Eilean Sgitheanach, anns na h-Eileanan Siar is ann an Ceap Breatainn, thar dà fhichead bliadhna. Thadhal e air an Leabharlann gu tric gus barrachd phàipearan is leabhraichean a thoirt dhuinn mu staid na Gàidhlig.

Bidh Leabharlann an t-Sabhail Mhòir taingeil gu bràth dha Coinneach airson an dìleab luachmhòr a thug e dhuinn a bhios feumail do luchd-rannsachaidh aig a bheil ùidh ann an gleidheadh is leasachadh a’ chànain agus tha sinn mar Cholaiste taingeil airson an eòlas is an taic a thug e dhuinn fad iomadh bliadhna.

Tha sinn a’ cur ar co-fhaireachdainn dhan teaghlach aige aig an àm seo.