Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Bannan ga reic gu h-eadar-nàiseanta

06/2019

Thèid Sreath 6 de Bhannan a shealltainn aig Fèis Fhilmichean Eadar-nàiseanta Dhun Èideann, Disathairne 22 an t-Ògmhìos aig 1825 far am bi Young Films air leth thoilichte an naidheachd a sgaoileadh gu bheilear air Bannan a reic gu h-eadar-nàiseanta.

Thuirt Chris Young, Àrd-riochdaire airson Bannan: “’S e dùthaich air leth a tha anns an Fhraing mar chiad dhùthaich gu bheil sinn air Bannan a reic gu h-eadar-nàiseanta. Tha e na adhbhar misneachd a bhith a’ smaoineachadh gun tig aig an luchd-amhairc Frangach Bannan a choimhead an dà chuid le guthan Breatnais agus le fo-thiotalan Frangais. Tha seo a’ sealltainn gun urrainn dhan a’ phrògram seasamh am measg phrògraman bho air feadh an t-saoghail agus tha mi gu mòr an dòchas gun tig againn air Bannan a reic ann an dùthchannan eile. Le dràma mar seo, tha iarrtas ann airson tòrr uairean a thìde dhen phrògram gus ùidh a thogail gu h-eadar-nàiseanta, agus leis gu bheil sinn a-nis air an t-slighe gu 15 uairean a thìde iomlan a bhith againn, tha e mìorbhaileach gu bheilear a’ tòiseachadh air a’ phrògram a sgaoileadh gu h-eadar-nàiseanta.”

Tha Sreath 6 de Bhannan a’ tòiseachadh trì bliadhna às dèidh an t-sreath mu dheireadh. Tha beartas Isla às dèidh bàs Phàdruig a’ cruthachadh chothroman ionmholta agus càirdeasan ris nach biodh dùil anns a’ choimhearsnachd, ach tha naidheachd a saoibhreas a’ tàladh cunnart - ma dh’fhaoidte mairbhteach - do mhuinntir sgìre Chamuis.

Thuirt Emanuele Galloni, bho Videoplugger, a’ chompanaidh a tha gu bhith a’ coimhead as dèidh reic eadar-nàiseanta: "Tha Bannan mar eisimpleir de dhràma telebhisein a tha air a bhith ga ath-nuadhachadh fhèin gu soirbheachail thar nam bliadhnaichean, agus tha e na tharraing do luchd-amhairc eadar-dhealaichte air adhbharan eadar-dhealaichte. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha faireachdainn, stoidhle agus cuspair a’ phrògraim air a thoirt nas fhaisge ri noir Lochlannach agus thathas air luchd-amhairc nas òige a thàladh thuige fhèin - ach fhathast, tha an dòigh anns a bheil Bannan a’ dèanamh seo tùsail agus sònraichte dhan a’ phrògraim fhèin agus ’s e seo a tha a’ toirt air seasamh a-mach. Tha sinn uabhasach moiteil gu bheil sinn a’ toirt Bannan a-null thairis agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri tuilleadh luchd-amhairc a tharraing chun a’ phrògraim.”

Tha riochdaire Bannan, Sarah Jane Chaimbeul, os cionn sgioba de luchd-obrach sgileil is cuid aca aig a bheil eòlas nach beag air a’ ghnìomhachas agus cuid eile a tha air cothroman trèanaidh fhaighinn air  Bannan thairis air na bliadhnaichean.  Nam measg tha na stìuirichean - Mairead Hamilton, Alasdair MacGhillEathain agus John Murdo MacAmhlaigh.  Tha na cleasaichean Lana Pheutan agus Iain MacAoidh a nochd airson a’ chiad turas anns an t-sreath ùr.  Tha clàradh airson Sreath 7 de Bhannan a’ tòiseachadh anns an t-Sultain, le Sreath 6 a’ craoladh air BBC ALBA bho mheadhan an t-Sultain.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “’S e naidheachd chudromach a tha seo do Bhannan agus do Young Films agus tha e a’ sealltainn gu faod susbaint BBC ALBA a bhith air a chleachdadh gus fàs adhbharachadh nar luchd-solair. Tha sgaoileadh eadar-nàiseanta mar aona eisimpleir de ciamar a thathas a’ dèanamh seo, cuide ri iomairtean co-riochdachaidh agus co-mhaoineachaidh – uile leis an amas prògraman ùra, ùr-ghnàthach a lìbhrigeadh airson ar luchd-amhairc.”

Tha an dàrna bliadhna de mhuinntireas Young Films Foundation a’ tòiseachadh air Diluain 24 an t-Ògmhìos ann an Slèite às dèidh an taisbeanadh de Sreath 6 ann an Dùn Èideann, le grunn de sgioba Bannan a’ gabhail pàirt anns an t-seachdain còmhla ri luchd-tadhail cliùitach eile. Nam measg, tha riochdairean Derry Girls, rionnag na Inbetweeners Joe Thomas agus Francesca Gardiner, a tha na sgrìobhadair airson Killing Eve.