Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

BBC Scottish Symphony Orchestra a' tadhal air an t-Sabhail Mhòr

02/2015

Thadhail luchd-ciùil bho BBC Scottish Symphony Orchestra air oileanaich a' chùrsa Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig, Diardaoin 12 An Gearran, airson oidhche làn ciùil is càirdeis. Bha an tachartas mar phàirt den turas obrach aig an Orchestra fad trì làithean san Eilean Sgitheanach, anns an robh consartan, taisbeanaidhean ciùil agus bùithtean-obrach air feadh an eilein. Bha an co-obrachadh le oileanaich ciùil an t-Sabhail Mhòir stèidhichte air ceòl a chaidh sgrìobhadh a dh'aona-ghnothach airson an tachartais le Blair Dùghlas, Ceòladair na Colaiste, agus chaidh fhilmeadh is a chlàradh le luchd-obrach a' BhBC agus oileanaich cùrsa nam Meadhanan aig Sabhal Mòr Ostaig. Thuirt Dr. Decker Forrest, Stiùiriche-cùrsa prògram ciùil na Colaiste:

"'S e cothrom anabarrach math a bh' ann airson nan oileanach againn is iad ag obair cuide ri feadhainn den luchd-ciùil chlasaigeach as fhèarr san dùthaich. Bha e na iongnadh mòr do na h-oileanaich saoghal an luchd-ciùil seo fhaicinn le ionnstramaidean nach fhaicear ann an ceòl traidiseanta a leithid viola agus double-bass. Bha e na thlachd mòr dhuinn sgil is sàr obair luchd-ciùil BBC SSO a fhaicinn agus gu dearbh fhèin èisteachd ris a' cheòl àlainn a chaidh a chruthachadh is a thug an dà bhuidheann gu buil."