Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsa Soirbheachail airson Tidsearan Gàidhlig Fosgailte airson Iarrtasan

05/2015

Tha Streap, cùrsa iar-cheumnach air leth soirbheachail airson tidsearan Gàidhlig, a’ sireadh oileanaich ùra an-dràsta airson an t-seisein 2015 gu 2016.

Tha Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus Oilthigh Obar Dheathain ag obair ann an com-pàirt gus an cùrsa a ruith, cùrsa a tha faotainn làn-mhaoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba.

Tha Streap ag amas air tidsearan a tha ag obair ann am foghlam tron Ghàidhlig a-cheana, no air tidsearan a tha ag obair ann am foghlam tron Bheurla a tha fileanta gu leòr ann an Gàidhlig gus gluasad gu bhith teagasg tron Ghàidhlig. ’S e as motha a nì an cùrsa do thidsearan, na sgilean dreuchdail is cànain aca a leasachadh airson a bhith teagasg tron Ghàidhlig. Bidh tidsearan a nì an cùrsa a’ togail air na sgilean is teisteanasan proifeiseanta aca, agus gheibh iad 60 puing creideis aig ìre 11 den SCQF ma chuireas iad crìoch air Streap.

Thuirt an Dr Alasdair Allan, am Ministear airson Ionnsachaidh, Saidheans agus Cànanan na h-Alba: “Tha e na amas do Riaghaltas na h-Alba cothroman a thoirt do dhaoine aig a bheil ùidh ann a bhith teagasg tron Ghàidhlig, agus tha Streap air aon de ghrunn chùrsaichean a tha rim faotainn. Tha an àireamh chloinne a tha a’ tòiseachadh air P1 ann am foghlam tron Ghàidhlig air a dhol suas 40 às a’ cheud bho 2007, agus mar sin tha sinn toilichte a bhith cumail oirnn a’ toirt taic don chùrsa seo feuch am faigh tidsearan Gàidhlig agus daoine a tha airson a bhith a’ teagasg tron Ghàidhlig cothrom gus soirbheachadh.”

Gheibhear stuthan ionnsachaidh a’ chùrsa tron ghoireas oideachaidh air-loidhne MyAberdeen, agus faodaidh tidsearan a’ mhòr-chuid de obair a’ chùrsa is na measaidhean airson Streap a dhèanamh bhon taigh no san àite-obrach aca. Cuideachd, bithear a’ cumail trì coinneamhan aghaidh-ri-aghaidh thairis air an t-seisean, far am bi tidsearan a’ coinneachadh ri oidean agus daoine eile bho sgioba a’ chùrsa, agus bidh clasaichean-fòn ann gu cunbhalach.

Tha naodhnar thidsearan ag obair air Streap san t-seisean seo, agus thathar a’ sireadh iarrtasan an-dràsta airson an ath sheisean, 2015 gu 2016, agus feumaidh iad a bhith a-staigh ron 29 Cèitean 2015.

Thuirt Siùsaidh NicNèill, a’ chiad tidsear a fhuair teisteanas Streap nuair a thòisich an cùrsa ann an 2006-2007: “Rinn mi an cùrsa seo agus bha e cho feumail airson cànan, dòighean-teagaisg agus mo mhisneachd fhèin. Bu chaomh leam cùrsa mar seo a dhèanamh a-rithist.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Streap agus mu mar a chuireas sibh iarrtas a-teach, tadhlaibh air:

http://www.abdn.ac.uk/education/degrees-programmes/gaelic-medium-education-pgcert-436.php