Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

CD de dh’Òrain Ghàidhlig do Chloinn air Ghleus

03/2020

Tha Tobar an Dualchais (TAD), an tasglann-fuaim nàiseanta air-loidhne, air CD ùr a chur air bhog de dh’òrain agus duain Ghàidhlig freagarrach do chloinn. Airson an CD seo, ‘Seinnibh Còmhla Rinn’, tha TAD air feadhainn dhe na clàraidhean as fheàrr do chloinn a thaghadh bho làrach-lìn Tobar an Dualchais agus CD is leabhran a chur ri chèile, a’ cruthachadh goireas air leth do chloinn ann an sgoiltean agus cròileagain feadh na dùthcha.

Chaidh dreachan ùra dhe na h-òrain a chlàradh le trì buidhnean de sgoilearan: sgoilearan Gàidhlig aig Bun-sgoil a’ Phluic; Còisir na h-Òige BSGI; agus ceathrar sgoilearan à Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Thuirt Flòraidh Forrest, Stiùiriche TAD: “’S e tlachd a bh’ ann a bhith ag obair còmhla ri sgoilearan Gàidhlig airson an CD a dhèanamh agus tha sinn fada an comain an luchd-theagaisg agus nan sgoilearan a bha an sàs anns a’ ghnothach airson gach oidhirp a rinn iad. Tha cuid dhe na h-òrain agus na duain aithnichte, ach tha feadhainn eile ann air nach bi clann eòlach agus tha e math gum faigh iad an cothrom iad seo ionnsachadh agus ma dh’fhaodte an toirt seachad do na teaghlaichean aca fhèin latha dhe na làithean.”

Tha 20 òran air a ghabhail le na sgoilearan air an CD agus nan cois tha na clàraidhean tùsail a rinneadh san fharsaingeachd anns na 1950an ann an dachaighean dhaoine air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Thug Bòrd na Gàidhlig seachad taic-airgid mu choinneimh cosgaisean nan CDan agus thèid an sgaoileadh feadh na h-Alba do chròileagain fo aois-sgoile agus bun-sgoiltean Gàidhlig.

Tha Barbara Nic a’ Ghobhainn a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig ann am Bun-sgoil a’ Phluic agus thuirt i: “’S e cothrom air leth a bh’ ann do na sgoilearan òrain a chlàradh airson an CD agus thug e togail mòr dhaibh a bhith ag èisteachd riutha fhèin às dèidh làimh. Rinn iad obair mhòr ann a bhith ag ionnsachadh nan òran agus tha e sgoinneil toradh an cuid obrach a chluinntinn. Tha sinn an dòchas gur e goireas feumail a bhios ann do chloinn eile, agus gun còrd e gu mòr ris na buidhnean eadar-dhealaichte a bhios ga chleachdadh, dìreach mar a chòrd e rinn a bhith ga dhèanamh.”

Tha còrr is 43,000 clàr air làrach-lìn Tobar an Dualchais, a’ gabhail a-staigh òrain, sgeulachdan, cleachdaidhean agus seanchas ann an Gàidhlig, Albais agus Beurla. Nam bu mhath leat beagan beul-aithris fhaighinn gach latha, feuch gun lean thu Tobar an Dualchais air Facebook agus Twitter.