Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Ceann-là Sònraichte do Làrach-lìn Tobar an Dualchais

12/2020

An t-seachdain seo tha Tobar an Dualchais (TAD) a’ comharrachadh 10 bliadhna bho chaidh an làrach-lìn a chur air bhog. Bha 10,000 clàr ri fhaotainn air-loidhne nuair a chaidh an làrach a chur air bhog gu h-oifigeil ann an Dùn Èideann air 8 An Dùbhlachd 2010 agus an-diugh tha an àireamh sin aig cha mhòr 50,000 clàr.

A bharrachd air an àireamh de chlàran a chaidh a chur ris an làraich, tha TAD air a bhith an sàs ann am mòran de dhiofar phròiseactan thairis air na deich bliadhna gus aire dhaoine a thogail air feadh Alba agus thall thairis. Am measg feadhainn de na prìomh naidheachdan anns an ùine sin, bha na leanas: a’ tadhal air iomadh coimhearsnachd às an tàinig na clàran bho thùs; a’ leasachadh CDan; ag obair còmhla ri Faclair na Gàidhlig gus cur ris a’ chorpas aca; a’ leasachadh ghoireasan do sgoiltean agus oilthighean; agus ag obair còmhla ri BBC Radio nan Gàidheal agus Cuillin FM gus prògraman a chur ri chèile.

Tha an seòrsa dhaoine agus na dòighean anns a bheil iad a’ cleachdadh nan stuthan air an làraich-lìn air fàs gu mòr taobh a-staigh nan 10 bliadhna. Am measg nan daoine a tha ga chleachdadh, tha ceòladairean, eòlaichean-eachdraidh, tidsearan, luchd-ealain agus luchd-strì na h-àrainneachd. Thuirt Julie Fowlis, seinneadair Gàidhlig a tha a’ cleachdadh na làraich gu tric: ‘Mar cheòladair b’ àbhaist dhomh a bhith ag èisteachd ri cuid de na clàran prìseil seo aig Sgoil Eòlais na h-Alba ann an Dùn Èideann fada mus robh guth air làrach-lìn TAD, agus tha sinn air leth fortanach gu bheil na clàran a-nis rim faighinn air-loidhne, agus iad a’ sìor bhrosnachadh dhaoine gu bhith ag ionnsachadh agus a’ dèanamh ceòl. Mar thè a bha uair na Neach-ealain air Mhuinntireas aig Tobar an Dualchais, tha mi gu math mothachail air dìreach dè cho cudromach ’s a tha na clàran seo, agus tha e a’ toirt toileachadh mòr dhomh gu bheil an goireas a’ sìor fhàs agus a’ sìor leasachadh gu math.’

Thuirt Flòraidh Forrest, Stiùiriche TAD: ‘Tha sinn air ar dòigh gu bheil sinn air a’ chlach-mhìle seo a ruighinn agus bu toigh leinn taing mhòr a thoirt do ar com-pàirtichean anns a’ phròiseact: Sabhal Mòr Ostaig; Oilthigh Dhùn Èideann; BBC ALBA; agus Urras Nàiseanta na h-Alba. Tha sinn fada an comain an luchd-obrach a bh’ againn agus a th’ againn, agus cuideachd nam buidhnean a tha air taic a thoirt dhuinn thar nam bliadhnaichean. Aig an ìre seo tha sinn ag obair air dreach ùr den làraich, a bhios nas fheumaile agus nas tarraingiche. Mar phàirt den leasachadh seo, bidh goireasan ann do sgoiltean agus tar-sgrìobhaidhean ri fhaighinn airson cuid de na clàran Gàidhlig. Tha sinn an dùil gum bi na tar-sgrìobhaidhean seo cianail fhèin feumail dhan a h-uile duine, agus gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig nach bi, math dh’fhaodte, cho eòlach air cuid den bhriathrachas agus na dualchainntean. A barrachd air sin, bidh dealbhan agus eachdraidhean-beatha nas mionaidiche ann airson cuid de na fiosraichean agus an luchd-clàraidh, agus cuiridh sinn ris an roinn seo den làraich gu cunbhalach. Nì seo cinnteach gum bi am fiosrachadh mun deidhinn air a ghleidheadh mus tèid e an dìochuimhne. Thèid an dreach ùr den làraich-lìn a chur air bhog as t-earrach 2021.’

Thuirt Donnie Rothach, Cathairiche Buidheann Stiùiridh TAD: ‘Bha e na thoileachadh mòr a bhith a’ faicinn a’ ghoireis nàiseanta, phrìseil seo a’ dol bho neart gu neart fad nan deich bliadhna a chaidh seachad. Tha sinn air ar togail leis na dòighean cruthachail anns a bheil buidhnean agus daoine air a bhith a’ cur nan clàran gu feum anns an obair aca. Mar thoradh air seo, tha cothroman air a bhith againn a bhith ag obair le cuid de na buidhnean seo gus stuthan a leasachadh, agus tha seo cuideachd na bhuannachd do dhaoine a tha a’ cleachdadh na làraich-lìn.’

Am measg nan stuthan a th’ air an làraich, tha òrain, sgeulachdan, cleachdaidhean, traidiseanan agus beul-aithris ann an Gàidhlig, Albais agus Beurla. Mar chomharrachadh air a’ cheann-là shònraichte seo, bidh TAD a’ toirt sùil air ais agus air adhart le Coinneach Mòr air ‘Prògram Choinnich’ Diciadain 9 An Dùbhlachd. Bheir TAD cuideachd iomradh air cuid de na fiosraichean agus luchd-clàraidh a tha air a bhith cudromach ann a bhith a’ gleidheadh nan clàran prìseil agus gan cur fa chomhair an t-sluaigh mar dhìleab. Ma tha sibh airson èisteachd ri clàran bhon làraich a h-uile latha, leanaibh Tobar an Dualchais air Facebook agus Twitter.

(Dealbh: Clann bho sgoil-àraich an Àth Leathainn le lethbhreacan den CD ùr aig TAD, ‘Seinnibh Còmhla Rinn’)