Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Faisg air 1,000 oileanach air ceumnachadh bho Shabhal Mòr Ostaig

10/2016

Cheumnaich 53 oileanaich Dihaoine sa chaidh (7 Dàmhair) aig ceumnachd Sabhal Mòr Ostaig agus tha sin a’ ciallachadh gu bheil faisg air 1,000 oileanach air ceumnachadh bhon Cholaiste a-nis. Tha 985 oileanaich air teisteanas no ceum a thoirt a-mach bho thòisich iad a’ ceumnachadh ann an 1985.

Bha buaidh is farsaingeachd foghlam na Colaiste air an dearbhadh le aon neach-ceuma a’ cosnadh duais airson an tràchdais as fheàrr air cuspair co-cheangailte ris a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan bho am measg oileanaich Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus le dithis oileanach for-cheuma a’ toirt a-mach PhD. Cuideachd air an oidhche, chaidh an t-urram Sàr Ghàidheal a bhuileachadh air dithis a tha air tòrr a dhèanamh ann an saoghal litreachas na Gàidhlig.

Thuirt Leas-Phrionnsapal agus Stiùiriche an Fhoghlaim, Iain Tormod MacLeòid: “’S e fìor adhbhar toileachais a th’ ann gu bheil còrr ’s leth-cheud a’ ceumnachadh a-rithist am-bliadhna agus gu bheil an luchd-ceumnachaidh air ìrean acadaimigeach fìor àrd a ruigsinn, le fichead a’ cosnadh ceum BA, BA le Urram, MSc agus PhD. Le cha mhòr mìle neach air ceumnachadh uile-gu-lèir bhon Cholaiste, chan eil teagamh ann nach eil luchd-ceumnachaidh an t-Sabhail air cur gu mòr ri gleidheadh is ath-bheothachadh na Gàidhlig.”

Am measg nan daoine a fhuair urram sònraichte air an oidhche bha an Dr Christopher Dracup, a thug a-mach ceum BA (le urram) ann an Cànan is Cultar na Gàidhlig aig a’ chiad ìre agus a choisinn an duais iomraiteach aig Comann Gàidhealach Lunnainn airson an tràchdais as fheàrr le oileanach fo-cheuma bho OGE air cuspair co-cheangailte ris a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan ann an roinn nan Daonnachdan.

Tha ceangal air a bhith aig an Dr Dracup ri Sabhal Mòr Ostaig airson iomadach bliadhna agus bha e air aon de na ciad chùrsaichean goirid a chaidh a chumail sa Cholaiste, ann an 1974. Bha an Dr Dracup na phrìomh òraidiche ann an saidhceòlas aig Oilthigh Northumbria sa Chaisteal Nuadh mus do leig e dheth a dhreuchd agus rinn e an ceum aige air astar. B’ e tiotal an tràchdais aige, Tùsan a’ chrutha-bheannachaidh ann an ‘Adhmad Beag’ aig Seon Carsuel.

A bharrachd air na duaisean is teisteanasan acadaimigeach a chaidh a thoirt seachad, chaidh an t-urram Sàr Ghàidheal a bhuileachadh air dithis a tha air an t-uabhas a dhèanamh ann an saoghal litreachas na Gàidhlig, am foillsichear Lisa Storey agus am bàrd agus sgrìobhadair Aonghas ‘Dubh’ MacNeacail.

Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, am Proifeasair Boyd Robasdan: “Tha Sàr Ghàidheil na bliadhna seo air cur gu mòr ri saoghal na Gàidhlig ann an caochladh dhòighean. Tha iad le chèile air cur ri beairteas agus farsaingeachd stòras litreachais na Gàidhlig, Lisa tro na tha i air fhoillseachadh de leabhraichean agus Aonghas tro a chuid sgrìobhaidh is a bhàrdachd. Tha iad cuideachd air a bhith a’ coiteachadh gu dian is gu dealasach às leth an cànain is an dualchais. B’ e Lisa a’ chiad neach-teagaisg a bh’ ann am Bun-sgoil a’ Mheadhain ann an Inbhir Nis nuair a thòisich foghlam tron Ghàidhlig sa bhaile ann an 1985 agus choisinn Aonghas duais Sgrìobhadair Albannach na Bliadhna ann an 1997 airson an treas cruinneachaidh bàrdachd aige, Oideachadh Ceart agus Dàin Eile.”

Mar dhearbhadh air mar a tha obair rannsachaidh a’ dol bho neart gu neart aig an t-Sabhal, cheumnaich dithis oileanach le PhD, Joni Bhochanan à Leòdhas agus Eleanor NicDhùghaill à Loch Abar. Seo a’ chiad bhliadhna a tha dithis oileanach bhon Cholaiste air PhD a thoirt a-mach aig aon cheumnachd.

Thuirt an Dr Gillian Rothach, Leas-Stiùiriche an Fhoghlaim, “Tha sinn pròiseil dha-rìribh às an oidhirp mhòir a rinn Joni is Eleanor, is tha sinn moiteil dha-rìribh às an obair rannsachaidh chudromach aca. Tha sinn fìor thoilichte meal-a-naidheachd a chur air na dotairean ùra seo agus air na teaghlaichean is coimhearsnachdan-rannsachaidh aca.”

Air oidhche nuair a cheumnaich grunn le teisteanas teagaisg, bha e air leth iomchaidh gun tug Christina Walker seachad òraid na ceumnachd. ’S ann à Leòdhas a tha Christina Walker bho thùs agus tha i air a bhith an sàs ann an saoghal an fhoghlaim agus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig airson iomadach bliadhna. Bha i na h-òraidiche ann an Oilthigh Obar Dheathain, mus do leig i dhith a dreuchd, far an robh i a’ teagasg oileanaich a tha a’ trèanadh airson a bhith nan tidsearan Gàidhlig bun-sgoile agus àrd-sgoile agus far an robh i an sàs ann an leasachadh proifeiseanta leantainneach do thidsearan Gàidhlig. Tha i cuideachd na ball de Bhòrd Stiùiridh an t-Sabhail.

Thug i òraid bhrosnachail seachad a’ cur an cuimhne nan oileanach mar a bha an ceum aca mar chead-siubhail leis am faodadh iad iomadh slighe a ghabhail. Mhol i don luchd-ceumnachaidh na comasan agus a’ Ghàidhlig aca a chur gu feum gus brath a ghabhail air gach cothrom a gheibheadh iad.