Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Moit is urram dhan Ghàidhlig aig Ceumnachd an t-Sabhail Mhòir 2019

10/2019

Chaidh Ceumnachd Shabhal Mòr Ostaig a chumail ann an Slèite air Dihaoine 4 Dàmhair, far an robh luchd-ceumnachaidh, luchd-obrach agus aoighean an làthair ‘s iad a’ comharrachadh soirbheachas ann am pailteas.

Cheumnaich 48 oileanaich bhon Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig am-bliadhna agus iad a’ toirt teisteanas a-mach aig diofar ìrean, eadar teisteanas àrd-ìre, dioplòma, ceum, ceum le urram agus for-cheum.  Ghlèidh triùir dhiubh sin ceum le urram aig a’ chiad ìre. 

Thug Aonghas MacLeòid, Cathraiche Bòrd Stiùiridh an t-Sabhail Mhòir, seachad a’ chiad aithris is e ag ràdh: “Chan eil àite ann coltach ri Sabhal Mòr Ostaig.  Tha e freagarrach daonnan, agus gu h-àraid air feasgar mar seo far a bheil sinn a’ dèanamh gàirdeachas ri soirbheachas bliadhna eile den Cholaiste, gun cumamaid air ar beulaibh carson a tha a leithid ann.  Mar Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an Alba, tha àite sònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig ann a bhith a’ toirt ath-bheothachadh na Gàidhlig gu buil.

Tha sinn uile san talla seo a-nochd a’ faicinn toraidhean ur n-obair chruaidh, bhur dìlseachd agus cuideachd an taic agus cobhair a fhuair sibh bho theaghlach agus luchd-dàimh, a thuilleadh air luchd-teagaisg is oidean na Colaiste. Nuair a ghabhas sibh an ath cheum a tha romhaibh air an t-sligh’, agus gach ceum às dèidh sin, cleachdaibh ur cuid Gàidhlig.  Tha luach innt’, agus brìgh, is tha i airidh air strì airson a spèis daonnan. Bithibh moiteil às ur cànan, às ur coimhearsnachd, às ur cultar agus asaibh pèin – is cinnteach gu bheil sinne uile moiteil asaibhse.”

Mar phàirt de phrògram na h-oidhche, bha dithis oileanach bhon Cholaiste a’ taisbeanadh an sàr sgilean ciùil – chuir Mìcheal Steele, à Uibhist a Deas, an oidhche air a casan le seata beòthail air a’ phìob mhòir; agus ghabh Saffron Hanvidge, à Inbhir Nis, òran le Màiri Mhòr, Soraidh Leis an Àite.  Tha Mìchael na oileanaich air a’ chiad bhliadhna den chùrsa Dioplòma sna Meadhanan Gàidhlig agus tha Saffron air an dàrna bliadhna den chùrsa BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta. Cuideachd, chaidh am beannachadh a thoirt seachad leis an Oll. Urr Ruairidh MacLeòid, à Uibhist a Tuath, a tha na oileanach air a’ chùrsa BA Cànan is Cultar na Gàidhlig agus chaidh Òraid na Ceumnachd a lìbhrigeadh le Catrìona Nic a’ Phì, à Glaschu, a bha na h-oileanach aig an t-Sabhal o chionn fichead bliadhna. Tha Catrìona aithnichte bho a bhith tric air beulaibh camara air prògraman Gàidhlig ach ‘s ann a tha i a-nis na tidsear eachdraidh a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

A’ bruidhinn mun oidhche, thuirt Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, an Dr. Gillian Rothach: “Tha e na adhbhar misneachd uiread de dh'oileanaich fhaicinn a' ceumnachadh aig an t-Sabhal Mhòr ann an 2019, is iad uile air foghlam aig an treas ìre fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig. Tha Sabhal Mòr Ostaig moiteil ann a bhith a' cur gu mòr, gach bliadhna agus rè faisg air 50 bliadhna a-nis, ri àireamhan de cheumnaichean an Alba a tha comasach a dhol a-mach mar luchd-obrach ann an saoghal na Gàidhlig. Tha sinn a' guidhe gach soirbheachadh dha na ceumnaichean againn anns na diofar raointean obrach dham bi iad a' dol, eadar teagasg tro mheadhan na Gàidhlig sna sgoiltean, obair ann an gnìomhachasan ciùil agus companaidhean sna meadhanan, mar oifigearan poileasaidh cànain, agus ann an iomadh dreuchd is cùrsa eile.

Bidh cuid dhen luchd-ceumnachaidh a' tilleadh thugainn gus tuilleadh cheumannan a dhèanamh, mar eisimpleir, air cùrsa Maighstireachd ann an Cultar Dùthchasach agus a' Ghàidhealtachd, agus air modalan Gàidhlig sa chùrsa PGDE airson thidsearan. Tha sinn airson ar taing a chur an cèill dha na ceumnaichean fhèin is an cuid teaghlaichean, caraidean is cèilean a thàinig còmhla airson oidhche cho sònraichte nam beatha pearsanta is acadaimigeach a chomharrachadh.”

Tha prògram ceuma na Colaiste a’ gabhail a-steach diofar chuspairean leithid foghlam, nam meadhanan, leasachadh, ceòl traidiseanta agus cultar na Gàidhlig. Tha na cuspairean seo uile gan teagasg tron Ghàidhlig agus gan dearbhadh le Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Thuirt Iar-phrionnsapal agus Stiùiriche Foghlaim SMO, Marsaili NicLeòid: ““Tha sinn moiteil dha-rìribh às an luchd-ceumnachaidh ùr uile gu lèir. Tha e na thoileachas mòr dhuinn gun robh a’ chiad bhuidheann de dh’oileanaich a tha air teisteanas teagaisg a chosnadh tron cheum ùr, BA (Urram) Gàidhlig agus Foghlam, nam measg. Tha duais ùr mar chuimhneachan air Donnchadh MacGuaire an cois a’ cheuma seo airson an oileanaich a tha a’ sealltainn sàr sgilean teagaisg sa chlas. Tha sinn gu mòr an comain do theaghlach Dhonnchaidh airson na cuaiche seo, a thog Steven MacÌomhair à Poll Iùbh.”

Bhruidhinn Steven MacÌomhair mu bhith a’ faighinn na duais: “‘S e urram a bh’ ann an duais shònraichte seo fhaighinn. Cha bheag a rinn Donnchadh MacGuaire do dh’fhoghlam tron Ghàidhlig agus dhan chànain fhèin, is mar sin dhomhsa dheth, tha e nas prìseile buileach. Ged-tà, tha mi mothachail às aonais an taic agus brosnachadh a fhuair mi tron chùrsa agam, nach bithinn far a bheil mi an-diugh.”

A thuilleadh air na teisteanasan acadaimigeach a chaidh a thoirt seachad, chaidh urram an t-Sàr-Ghàidheil a bhuileachadh air dithis a tha air saothair mhòr a dhèanamh a thaobh leasachadh coimhearsnachd, obair foillseachaidh agus craoladh sna meadhanan Gàidhlig. 'S iad sin Agnes Rennie, à Leòdhas, agus Cailean MacIlleathain, à Uibhist a Deas agus an t-Eilean Sgitheanach. Tric is minig tha sinn air an cluinntinn is am faicinn air prògraman rèidio agus telebhisein thar nam bliadhnaichean, agus anns a h-uile rud eile sa bheil iad air a bhith an sàs, tha iad air cumail gu dlùth ri cànan is coimhearsnachd na Gàidhlig.

Thug Òraid na Ceumnachd misneachd, brìgh agus gàire gu leòr dhan luchd-èisteachd, is Catrìona a’ toirt seachad a sgeulachd beatha san dòigh gheur, àbhachdach aice fhèin.  Mar thè a chaidh a togail le Gàidhlig sa bhaile mhòr, a thog a cuid cloinne fileanta sa chànan agus a fhuair iomadh cothrom tron Ghàidhlig suas chun latha an-diugh, ‘s e a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig aig gach cothrom am moladh a bh’ aice do na ceumnaichean ùra:

“Cùmaibh ga bruidhinn a h-uile cothrom a gheibh sibh, fiù ‘s mura bheil ann ach sibh pèin aig a bheil a’ Ghàidhlig. Thoiribh seachad taing innte, canaibh ‘madainn mhath’ ri daoine no ‘oidhche mhath’, bruidhinnibh ri daoine innte agus fosglaibh còmhraidhean leatha. Togaibh ur guthan gus an cluinnear Gàidhlig anns gach oisean agus ceàrnaidh gan tèid sibh.”