Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Buaidh is ruigsinneachd na Colaiste gan comharrachadh aig 30mh Ceumnachd an t-Sabhail Mhòir

10/2014

Cheumnaich 50 oileanach bho Sabhal Mòr Ostaig Dihaoine (3 Dàmhair) air oidhche far an robhar a’ comharrachadh ìrean acadaimigeach fìor àrd agus far an deach iomadh urram a bhuileachadh air oileanaich an t-Sabhail agus air dithis Shàr Ghàidheal.

B’ e cuirm oidhche Haoine an 30mh Ceumnachd aig SMO agus bha àireamh fìor àrd a’ ceumnachadh le diofar theisteanasan, agus bha ceanglaichean eadar-nàiseanta na Colaiste gu mòr am follais bhon àireimh de dh’oileanaich bho thall thairis a bha an làthair. Chaidh a chomharrachadh cuideachd mar a bha àireamh nan oileanach aig a’ cholaiste a’ sìor dhol am meud agus 232 oileanaich air cùrsaichean àrd-ìre a-nis, an àireamh as motha a tha air a bhith ann riamh. Le Ceumnachd 2014, tha cha mhòr 900 oileanach a-nis air ceumnachadh bhon Cholaiste.

Thuirt an Leas-phrionnsapal agus Stiùiriche an Fhoghlaim, Iain Tormod MacLeòid: “’S e fìor adhbhar toileachais a th’ ann gu bheil uiread a’ faighinn cheumannan agus theisteanasan sònraichte agus, air a’ bhliadhna seo a-rithist, tha na h-oileanaich air ìrean acadaimigeach fìor àrd a ruigsinn. Le luchd-ceumnachaidh ann bho air feadh Alba, bho Shasainn, bhon Ghearmailt, Fionnlainn,  Poblach nan Seic agus Alba Nuadh tha dearbhadh ann gu bheil ruigsinneachd agus buaidh na Colaiste a’ sìor leudachadh. Bhiodh e iomchaidh a chomharrachadh gun do bhuannaich Eilidh NicPhàidein, oileanach BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta, trì duaisean agus bha sinn gu sònraichte toilichte agus moiteil gun do bhuannaich i Duais Oileanach OGE na Bliadhna, a’ chiad oileanach bho Shabhal Mòr Ostaig a tha air an duais seo a bhuannachd.”

Fhuair Eilidh NicPhàidein à Tiriodh na duaisean Oileanach na Bliadhna airson SMO agus Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Duais Cuimhneachaidh Anna NicDhonnchaidh airson a bhith cur air adhart thachartasan sa Cholaiste.

A’ bruidhinn às dèidh làimhe thuirt i: “Tha mi uabhasach fhèin toilichte a bhith air m’ ainmeachadh mar Oileanach na Bliadhna airson an dà chuid Sabhal Mòr Ostaig agus OGE. Cha robh mi idir an dùil riutha agus tha e na urram mòr dhomh gun robh luchd-teagaisg an t-Sabhail a’ smaoineachadh gun robh mi airidh air a leithid de dhuais. Tha na trì bliadhnaichean a dh’fhalbh air a bhith fiadhaich math, leis a’ chothrom ionnsachadh bho chuid dhe na h-òraidichean as fhèarr ann an Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta, agus tha mi làn chinnteach gum bi a’ bhliadhna mu dheireadh agam a’ còrdadh rium a cheart cho math.”

A thuilleadh air a bhith a’ comharrachadh obair is soirbheachadh oileanaich na Colaiste, chaidh an t-urram Sàr Ghàidheal a bhuileachadh air dithis le dlùth cheangail ris a’ Cholaiste, piuthar is bràthair Criosaidh NicIlle na Brataich agus Lachaidh Dick.

Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, am Proifeasair Boyd Robasdan: “Seo a’ chiad uair a tha sinn air inbhe Sàr Ghàidheil a bhuileachadh air piuthar is bràthair agus tha an dithis aca làn thoillteanach air an urram. Tha Criosaidh agus Lachaidh Dick air cur gu mòr ri saoghal na Gàidhlig sìos tro na bliadhnaichean ann an caochladh dhòighean agus raointean. Tha Criosaidh air cliù a chosnadh mar sgrìobhadair agus mar chraoladair a bharrachd air na chuir i ri foghlam Gàidhlig mar neach-teagaisg, neach-ullachaidh stuthan-teagaisg agus mar òraidiche ann an Colaiste Chnoc Iòrdain is Colaiste an Naoimh Anndra agus an Oilthigh Shrath Chluaidh. Choisinn Lachaidh spèis mar Cheannard na Gàidhlig ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, mar Chomhairliche Foghlaim Gàidhlig anns na h-Eileanan Siar agus an uair sin mar Iar-Stiùiriche an Fhoghlaim aig  Comhairle nan Eilean. Chuir an dithis aca cuideachd an t-uamhas ri leasachadh na Colaiste, Criosaidh mar urrasair is mar co-ùghdar Gealach an Fhàis, eachdraidh an t-Sabhail, agus Lachaidh mar urrasair dà thuras agus mar Cho-òrdanaiche Leasachaidh Acadaimigich fad iomadh bliadhna.”

B’ i Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard BBC ALBA, a thug seachad òraid na ceumnachd am-bliadhna. San òraid aice bhruidhinn i air cho cudromach agus a tha a’ Ghàidhlig air a bhith dhi na beatha agus na h-obair agus thuirt i gun robh an t-seirbheis Ghàidhlig aig BBC ALBA na ghoireas prìseil do luchd-labhairt na Gàidhlig agus mar mheadhan gus an cànan a thoirt air adhart agus gus aire dhaoine a tharraing chun na Gàidhlig. Bhrosnaich i na h-oileanaich gu bhith cur luach sa chànan, agus san fhoghlam a fhuair iad aig SMO agus a bhith a’cuimhneachadh air trì de na bunaitean a tha toirt smior dhuinn uile - cànan, càirdean is coimhearsnachd.