Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Chris Drury - An Tìr, an t-Uisge is an Cànan

11/2010

'€œOn a choisich mi nam fhicheadan o Eilean Leòdhais gu Eilean Bharraigh, tha dùthaich lochan Uibhist a Tuath, fo sgàil Eabhal, air fantail leam. B' e mo mhiann gun tillinn airson cuairtean nan lochan, na mara is na tìre a shiubhal.

Ann an 1997, rinn mi an obair-ealain mun mhuir/na speuran, Both nam Faileas, aig Sponais, Loch nam Madadh, a thug iomradh air an dàimh eadar an tìr (eileanan) agus an t-uisge.'€

Thòisich am pròiseact air tìr is uisge san t-Sultain 2009 nuair a chaidh Drury is Anndra MacFhionghain (stiùiriche film is neach-tasgaidh Thaigh Chearsabhagh) air chuairt air feadh Uibhist fad dà latha an curaich Chanadanach, bho chladach an iar-dheas gu Loch nam Madadh san ear-thuath. Bha soirbheas air an cùlaibh is chuir iad rithe na siùil nuair a b' urrainn, is shnìomh iad air feadh nan lochan is nan slighean-uisge, a' slaodadh na curaich eatarra thàr na mòintich. 

'€˜S e an taisbeanadh seo toradh na cuairt deuchainnich is chithear curach a' crochadh a tha fighte le seileach, fraoch is craicinn bhradain, a tha na soitheach fhosgailte do smuaintean, mothachadh is an àrainneachd chruthaichte.

'€˜S e àrainneachd àitichte is ainmichte a tha seo a' dol air ais chun linne Nua-Leacaich, mar sin tha an cànan is na h-ainmean fighte sa chultar. Tha dà dhealbh air a' bhalla, a' cruthachadh ìomhaigh dhidseatach den àrainneachd is iad a' fighe nam faclan Gàidhlig, Lochlannais is Beurla a th' air na lochan, na h-eileanan is na cnuic a chithear às Eabhal.

Tha dealbhan eile ann a tha a' toirt sùil air meanbh-shaoghal sreath-ghinich a' mheanbh-chreutair a tha beò air meatan sa mhòine a chumas rian air sgaoileadh a' ghas seo don iarmailt. Tha an obair-ealain seo agus Na Trì Seallaidhean  de Eabhal dèante de stuth an talamh seo fhèin; a' mhòine.

Anns an obair-ealain mu dheireadh Breath/Anail (ann an studio 1), chithear bhideo leantainneach de stuadh, a bhathar an dùil beothachadh le inneal-iomraidh, gar toirt air ais gu linn thùsail an eilein iomallaich seo '€“ gu gaoth, anail is spiorad, ach a' toirt rabhadh seachad air atharrachadh sìde, èirigh àirde a' chuain is cunnartan stoirme is tuile a tha a' sìor-fhàs nas cumanta.

'€˜Tha Uibhist is Beinn nam Fadhla san sgìre sruthaidh far a bheil a' mhuir, na lochan is an talamh gam fighe nan tuinn, mar a bhios a' mhuir a' tràghadh air a' chladach. Tha na h-eileanan is a' mhuir fo sgàil Eabhal sa cheann a tuath is Hecla sa cheann a deas, dà ainm Lochlannach a' riochdachadh àrainneachd a bha a' sìor-atharrachadh ann an eachdraidh is a thaobh cànain. Tha an dùthaich seo iom-fhillte: an t-àite fhèin '€“ a' ghaoth, an t-uisge, an solas, glaodh na guilbnich, fuaim nan tonn, splaidse dhonn no mòintich is boladh smùid na mòine às na similearean '€“ fighte le cultar nan ainmean-àite air a' mhapa, an dà chuid ann an Gàidhlig is Lochlannais:
Loch Tarruinn an Eithir, Loch Obasaraidh, Bàgh Spònais, Eilean nan Caorach, Loch na Caillich, is mar sin air adhart

 Mar sin, tha cànan is ciall is eachdraidh dlùth-fhighte san àite iomallach seo. Agus le bhith a' cleachdadh dealbhan saideil, thèid againn air coimhead air a' bhreacadh seo de thìr is uisge, air na breacaidhean de shìde a tha a' sìor-atharrachadh a tha mar ìomhaigh den tìr a tha fodhpa. Aig a' cheart àm, thèid againn air a' mheanbh-shaoghal, air na meanbh-chreutairean stèidhichte sa mhòintich agus fios againn à rèir saidheans gu bheil na meanbh-chreutairean seo a' toirt buaidh air an tìde anns a bheil a h-uile rud beò.'€™

Chris Drury

Chaidh An Tìr, An t-Uisge is an Cànan a chur air bhonn le  Taigh Chearsabhagh, Ionad-Tasgaidh is Ealain, Uibhist a Tuath.