Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Ceannard Òrain Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh taisbeanaidh aig Oilthigh Harvard

11/2018

Bidh Christine Primrose, a tha na Ceannard Òrain Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig, a' siubhal gu Boston an t-seachdain sa an dèidh dhi cuireadh fhaighinn a dhèanamh bhùithtean-obrach agus taisbeanaidh air Òrain Ghàidhlig aig Oilthigh Harvard. Thèid agallamh a dhèanamh leatha cuideachd air ‘The World’, prògram aithriseach ainmeil air rèidio ris am bi 2.5 millean neach ag èisteachd gach seachdain.

Thuirt Christine: “Tha mise den bheachd gu bheil an cothrom seo airson òrain Ghàidhlig a sgaoileadh aig ionad foghlaim a tha cho iomraiteach agus urramach ri Harvard na adhbhar brosnachaidh do chànan agus cultar nan Gàidheal gu h-eadar-nàiseanta. 'S e urram mòr a th' anns an turas seo agus tha e uabhasach misneachail, mar a bhitheas an-còmhnaidh, a bhith a' faicinn gu bheil ùidh agus meas air a' Ghàidhlig air feadh an t-saoghail.”

Thuirt Dr. Decker Forrest, Stiùiriche Cùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta: “Faodar a ràdh gum b' e ceòl an dòigh a bu chudromaiche, thar nam bliadhnaichean, airson eòlas a sgaoileadh mun Ghàidhlig agus mun chultar air feadh an t-saoghail. Tha Christine air an t-uabhas a dhèanamh airson a' chànain san fharsaingeachd agus airson na Colaiste gu sònraichte le a guth àlainn, fìor-Ghàidhealaich, cho math ri a h-eòlas agus a pearsantachd tharraingeach. Tha Sabhal Mòr Ostaig fìor thoilichte mun chuireadh seo a fhuair Christine gu Harvard a tha na bhuannachd eile airson na Gàidhlig.” 

Tha Christine air aon de na seinneadairean Gàidhlig as cliùitiche a tha ann. 'S ann à Carlabhagh ann an Eilean Leòdhais a tha i bho thùs, agus b' i aon de na ciad 'rionnagan' ann an saoghal òrain na Gàidhlig anns na 1970an is 1980an agus bhiodh i a' siubhail le a cuid ciùil air feadh an t-saoghail, a' teagasg agus a' seinn, an dà chuid leatha fhèin agus le cuid de na còmhlanan is luchd ciùil a b' ainmeile. Choisinn a clàr mu dheireadh, air nach eil ceòl taice sam bith, Gràdh is Gonadh – Guth ag aithris, le Temple Records, cliù agus moladh mòr an dèidh fhoillseachadh. Chaidh a h-ainmeachadh mar Sheinneadair Gàidhlig na Bliadhna aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba ann an 2009, chaidh a gairm na ball de Thalla Laoich Ceòl Traidiseanta na h-Alba ann an 2017, agus aig toiseach na bliadhna sa chaidh MBE a bhuileachadh oirre airson a cuid saothrach airson Ceòl is Cultar na h-Alba agus Foghlaim ann an Alba is thall thairis.