Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Clò à Càrlabhaigh do oileanaich an t-Sabhail

02/2020

Fhuair oileanaich an t-Sabhail Mhòir pìos Clò Hearaich àlainn bho chionn ghoirid bho Mhuileann Chàrlabhaigh ann an Leòdhas a thèid a chleachdadh airson òrain luaidh a ghabhail.

Mhìnich Decker Forrest, Stiùiriche air a’ chùrsa BA (le Urram) Gaidhlig agus Ceòl Traidiseanta, mar a thachair: “Tha seinn gu math cumanta aig a’ Cholaiste, an dà chuid ann an clasaichean seachdaineach air a stiùireadh le Christine Primrose agus ann an cruinneachaidhean nas mì-fhoirmeil agus buidhnean seinn a tha a’ dol gu cunbhalach.  Tha òrain luaidh tric air an seinn agus shaoil mi nan robh cothrom aig na h-oileanaich a bhith an sàs sna h-òrain sin gu fisiceach, gum biodh an uairsin barrachd tuigse aca mu ciamar a bha na h-òrain gan gabhail bho thùs.”

Airson pìos clò a bhiodh mòr gu leòr fhaighinn bhiodh cosgais na lùib a bhiodh dùbhlanach dhan Cholaiste, mar sin roghnaich Decker gun sgrìobhadh e gu Dòmhnall Iain MacArtair aig Muileann Chàrlabhaigh airson innse dha dè lùigeadh iad dèanamh agus airson faicinn an robh dòigh ann idir gum b’ urrainn dhaibh cuideachadh.

“Seachdain as dèidh sin, nach do nochd parsail mòr aig a’ Cholaiste le brath bheag snog bho Dhòmhnaill Iain.  Bha cruinneachadh againn beagan làithean as dèidh sin airson an tiodhlac a chomharrachadh far an d’ sheinn sinn òrain leis a’ chlò, is sinn air ar stiùireadh le na h-oileanaich againn, Josie Duncan agus Saffron Hanvidge, agus, mar a bhiodh dùil, le Ceannard Seinn Gàidhlig na Colaiste againn, Christine Primrose.  

Thuirt Christine, “Tha òrain Ghàidhlig a’ toirt daoine aig a bheil ùidh ann an cànan is cultar na Gàidhlig còmhla ann an dòigh nach urrainn dad sam bith eile.  Le bhith a’ cleachdadh an clò, tha daoine a’ faireachdainn fada nas fhaisg air na h-òrain a tha iad a’ seinn agus tha e gan cuideachadh le bhith toirt am fòcas air falbh bhon t-seinn fhèin, gu h-àraid an fheadhainn aig nach eil mòran misneachd, is tha e gan dèanamh nas comhfhurtail is nas deònaich seinn.”

Tha e tuilleadh is iomchaidh gur ann à Càrlabhagh a thàinig am pìos clò seo – an t-àite far an rugadh Christine fhèin – agus tha oileanaich is luchd-obrach na Colaiste air leth taingeil do Mhuileann Chàrlabhaigh airson an cuid choibhneis.