Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

ConnectG ga chur air chois – a' co-obrachadh airson na buannachd as fheàrr dar cànanan Gàidhlig

07/2013

Chaidh pròiseact ConnectG a chur air chois air Diciadain 26 Ògmhios aig a' cho-labhairt eadar-nàiseanta, Nàbaidhean Ceilteach, aig Sabhal Mòr Ostaig OGE, ‘san Eilean Sgitheanach, Alba. 'S e co-obrachadh dlùth eadar Alba is Èirinn a tha fa-near don phròiseact cho math ri daingneachadh cheanglaichean eadar gnìomhachasan a tha a' cleachdadh Gàidhlig na h-Alba is na h-Èireann.

Chuir na trì com-pàirtichean sa phròiseact - Sabhal Mòr Ostaig, Alba, Cultúrlann McAdam Ó Fiach, Èirinn a Tuath agus Údáras na Gaeltachta, Poblach na h-Èireann - an t-aonta co-obrachaidh an cèill a tha a' cur a' phròiseict, a tha luach millean not, air chois is a chumas taic ri neartachadh ghnìomhachasan le bhith a' dèanamh barrachd feum den bhuannachd chànain a th' aca.

Mairidh am pròiseact dà bhliadhna, a tha air taic fhaighinn bho INTERREG IVA, Maoin Leasachaidh Roinneil Eòrpach, cho math ri Bòrd na Gàidhlig, MG ALBA, Riaghaltas na h-Alba is Sabhal Mòr Ostaig fhèin, is bheir e taic do thurasachd, na meadhanan is iomairtean sòisealta. Thèid na diofar eileamaidean an lùib ConnectG a mheas is thèid an cleachdadh ri linn leasachaidh roi-innleachdail airson an tuilleadh co-obrachaidh eadar buidhnean sa roinn phoblaich san àm ri teachd. Thathas an dùil gun tig am barrachd èifeachdas is buaidh a thaobh taic cànain ri linn na roi-innleachd seo.

Chuir Donaidh Rothach, cathraiche buidheann stiùiridh ConnectG, fàilte air toiseach a' phròiseict. "Bha sinn ag obair air a' phròiseact seo o chionn iomadh bliadhna agus tha e na thlachd dhuinn gu bheilear ga stèidheachadh a-nis. Tha sinn den bheachd gun tig cothroman cudromach na chois airson raon farsaing de bhuidhnean thar nan trì dùthchannan is cleachdadh cànain a neartachadh ann an saoghal a' ghnìomhachais."

Chuir Pat Colgan, Ceannard Buidheann Prògraman Sònraichte an AE, fàilte air a' phròiseact: "Tha am pròiseact seo thar trì dùthchannan na dheagh eisimpleir den obair stèidhichte air iomairtean cruthachail a gheibh taic mhaoineachaidh an Aonaidh Eòrpaich. Le bhith a' toirt chom-pàirtichean còmhla à trì dùthchannan bhon roinn iomchaidh airson na cànanan Gàidhlig a leasachadh ann an gnìomhachas, thèid lìonra taic a chruthachadh do ghnìomhachasan ionadail anns am faighear barrachd bhuannachdan agus cleachdadh nas fharsainge den chànan. Tha seo iomchaidh a thaobh amasan Prògram INTERREG IVA, a tha airson barrachd co-obrachaidh thar-chrìochan a bhrosnachadh gus mòr-sgìre nas soirbheachail a leasachadh."

Thèid sgioba de cheathrar fhastadh airson am pròiseact ioma-cuspaireil a thoirt gu buil. Bidh dithis stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, aonan aig Údáras na Gaeltachta agus aonan aig Cultúrlann McAdam Ó Fiach is Cumann Forbartha Charn Tóchair.

Thuirt Steve Ó Cúláin, Àrd-oifigear Údarás na Gaeltachta, gu robh e na thlachd mòr a bhith na chom-pàirtiche ann an ConnectG. "Tha sinn a' cur fàilte air a' chothrom seo a bhith a' co-obrachadh is a' com-pàirteachadh le Sabhal Mòr Ostaig is Cultúrlann McAdam Ó Fiach agus na buidhnean eile airson na buannachdan eaconamach is cultarail an lùib cleachdadh na Gàidhlig a thaisbeanadh do na gnìomhachasan."