Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cothrom air leth ann am Flòdaigearraidh mar phàirt de Chùrsaichean Goirid an t-Sabhail

06/2013

Tha cothrom sònraichte gu bhith aig daoine as t-samhradh seo iad fhèin a bhogadh ann an Gàidhlig ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich agus an cur fhèin an teis-meadhan dualchas is coimhearsnachd na sgìre. Ann an Seachdain Fhlòdaigearraidh, gheibh oileanaich cothrom a bhith am measg muinntir an Taobh Sear san Eilean Sgitheanach gus piseach a thoirt air an cuid Gàidhlig tro bhith ga cleachdadh ann an suidheachadh nàdarrach agus gus ionnsachadh mu dhualchas, eachdraidh, litreachas agus cultar na sgìre.

Tha an cùrsa a’ maireachdainn còig latha agus tha e ag amas air luchd-ionnsachaidh a tha aig ìre adhartach. Gach latha bidh oileanaich a’ dol air turas no cuairt coiseachd ghoirid ann an sgìre Thròndairnis a’ tadhal air taighean-tasgaidh agus àiteachan ùidheil is eachdraidheil eile san sgìre. Bidh iad ag ionnsachadh mu fosailean, ainmean-àite, croitearachd, seanfhacail, agus gu leòr eile. Thèid cèilidhean a chumail cuideachd far am faod na h-oileanaich eòlas a chur air muinntir an àite. Thèid an cùrsa a chumail air an t-seachdain 15-19 Iuchair, agus a-rithist air an t-seachdain 26-30 Lùnastal. Mar phàirt den dàrna seachdain bidh cothrom sònraichte aig daoine ùine a chur seachad còmhla ris an t-seinneadair ainmeil Art MacCarmaig ag ionnsachadh òrain Ghàidhlig.

A rèir Màiri Britton a bha còmhla ri oileanaich air a’ chùrsa an-uiridh: “’S e Flòdaigearraidh a-nis an t-àite as fheàrr leam san Eilean Sgitheanach às dèidh dhomh dà sheachdain a chur seachad ann an-uiridh ag obair mar phàirt de sgioba nan cùrsaichean goirid aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha an cùrsa seo a’ toirt cothrom air leth math do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig an cànan a thogail is a chleachdadh ann an dòigh a tha nàdarra is cofhurtail. Ma tha thu aig ìre fileantais gu math àrd agus a’ sireadh cùrsa a bheir dhut briathrachas, fiosrachadh agus barrachd sgilean conaltraidh, seo am fear dhutsa.

“’S e muinntir Fhlòdaigearraidh cuid de na daoine as laghaiche, as coibhneile agus as fialaidh ris an do thachair mi riamh agus tha sinn cho fortanach gu bheil iad deònach rudeigin mar seo a chur air dòigh, a’ cur fàilte air com-pàirtichean sna taighean aca fhèin agus ag innse dhuinn sgeulachdan mun sgìre air a bheil iad cho eòlach. Às dèidh seachdain a’ bruidhinn Gàidhlig a-mhàin còmhla ri daoine eile aig a bheil an cànan gu siubhlach, nàdarra tha mi a’ creidsinn gun tàinig piseach mòr air a’ chomas-cànain agam. Gun teagamh, chaidh mi air falbh le faclan, gnàthasan-cainnte is càirdean ùra agus tha mi a’ coimhead air adhart ri dhol air ais a-rithist san Iuchar.”

Thuirt Cathraiche Urras Fhlòdaigearraidh, Christine NicNeacail: “’S e fìor dheagh chothrom a tha seo dha luchd-ionnsachaidh aig ìre adhartach èisteachd agus bruidhinn ri daoine às an àite ann an suidheachadh nàdarrach. Bidh cuairtean coiseachd goirid, a’ tadhal air àiteachan sònraichte, bùthan-obrach tro mheadhan na Gàidhlig agus biadh air ullachadh le muinntir Fhlòdaigearraidh uile mar phàirt dhen chùrsa.”

A thuilleadh air Seachdain Fhlòdaigearraidh, tha farsaingeachd de chùrsaichean goirid gu bhith gan cumail as t-samhradh aig Sabhal Mòr Ostaig far am faigh daoine cothrom air ceòl, cànan agus iomadh comas eile ionnsachadh ann an àrainneachd bhrèagha na colaiste ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.

Bho phìobaireachd is fìdhlearachd gu clasaichean Gàidhlig is seinn, tha taghadh sònraichte de chùrsaichean gu bhith ga thabhann sa bhliadhna shònraichte seo don cholaiste, far a bheil i a’ comharrachadh gu bheil 40 bliadhna ann bho chaidh a cur air chois.

A’ bruidhinn air cùrsaichean an t-samhraidh thuirt Manaidsear nan Cùrsaichean Goirid, Alasdair MacAoidh: “Tha sinn fortanach aig Sabhal Mòr Ostaig gu bheil luchd-teagaisg fìor mhath againn aig a bheil cliù fad is farsaing. Gach bliadhna, tha daoine a’ tighinn chun an làraich bhrèagha againn bho air feadh Alba agus an t-saoghail gu lèir. A bharrachd air an ionnsachadh fhèin, tha tachartasan, ceòl is dibhearsan ann am pailteas agus tha iad a’ fàgail le cuimhneachan mhatha is caraidean ùra.   

“’S e cothrom mìorbhaileach a th’ ann an Seachdain Fhlòdaigearraidh a bhith am measg dhaoine a bhuineas dhan àite fhèin agus aig a bheil eòlas is dualchas sònraichte. Ma tha sibh airson ur cuid Gàidhlig àrdachadh gu ìre fileanta neo ma tha sibh airson tuigse nas fheàrr fhaighinn dhen Ghàidhealtachd, mholainn dhuibh an cùrsa seo a dhèanamh gun teagamh.”

Am measg nan cùrsaichean goirid a bhios gan teagasg am-bliadhna tha: Pìobaireachd is Drumaireachd do dh’Oileanaich fo 18; Òrain Ghàidhlig le Christine Primrose; Am Bogsa le Addie Harper, Robert Nairn is Feargaidh Dòmhnallach; An Fhidheall le Alasdair Friseal; An Cello le Natalie Haas; Eòlas mun Eilean Sgitheanach le Muriel Fisher; Clàrsach le Ingrid NicEanraig; Dealbhadaireachd Dhidseatach le Cailean MacIllEathain; Òrain Ghàidhlig is Beul-aithris an Eilein Sgitheanaich le Màiri Anna NicUalraig; agus grunn chlasaichean Gàidhlig aig diofar ìrean.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Sheachdain Fhlòdaigearraidh no gin de na Cùrsaichean Goirid eile, cuiribh fios gu cg.smo@uhi.ac.uk no 01471 888 240