Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cothrom do luchd-ealain òga Albannach - Luchd-ciùil, Seinneadairean & Sgeulaichean.

07/2016

Tha Sabhal Mòr Ostaig & An Lòchran a’ sireadh luchd-ealain Albannach gus pàirt a ghabhail ann am pròiseact eadar Èirinn & Alba, ag obair le buidheann òga ann an Èirinn airson taisbeanadh a chur ri chèile airson cuairt.

’S e cothrom iongantach a tha seo do luchd-ealain òga, agus gheibh sibh cothrom a bhith ag obair le proifeasantaich ann an Èirinn agus Alba.

Feumalachdan:

  • Aois 18-25
  • A’  fuireach ann an Alba
  • Fileanta sa Ghàidhlig
  • Comasach air ceòl, seinn, sgeulachdan innse no seòrsa ealain eile, no measgachadh dhiubh seo
  • Saor airson ùine leasachaidh ann an Èirinn anns an Lùnastal 2016
  • Saor airson taisbeanaidhean anns an t-Sultain 2016

Bidh cosgaisean an turais agus cuairt air am pàigheadh dhuibh agus bidh tuarastal beag do gach neach-ealain cuideachd.

Feumaidh sibh fios a chur ro 5f Diardaoin 21/7/16, le fiosrachadh mu ur deidhinn agus carson a tha sibh airson pàirt a ghabhail anns a’ phròiseact, agus cuin a tha sibh saor tron Lùnastal agus Sultain 2016. Cuir fios ro-làimh le ceistean sam bith.

Cuiribh fios gu:

Kath NicLeòid, Sabhal Mòr Ostaig: kl.smo@uhi.ac.uk

no Shona Masson, An Lòchran: shona@anlochran.com