Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Cothroman gu leòr do chuid ciùil a chur air ghleus aig Sabhal Mòr Ostaig

07/2012

Tha prògram air leth de chùrsaichean ciùil ga chumail as t-samhradh seo aig Sabhal Mòr Ostaig far am faigh daoine cothrom piseach a thoirt air na sgilean ciùil is seinn aca fo stiùir oidean a tha fìor eòlach air ceòl is òrain dhualchasach nan Gàidheal agus na h-Alba.
Mar phàirt de phrògram nan cùrsaichean goirid aig a’ cholaiste, tha an leithid Alasdair Frìseal, Natalie Haas, Robert Nairn, Aonghas MacNeacail, Mhàiri Hall, Charlie McKerron, Marc Duff, Eilidh Scammell agus Fergie Dòmhnallach gu bhith teagasg ceòl agus am measg na feadhna a bhios a’ teagasg seinn bidh an dithis bhana-Leòdhasach thàlantach Christine Primrose agus Mairead Stiùbhart.

A’ bruidhinn air cùrsaichean an t-samhraidh, thuirt Manaidsear nan Cùrsaichean Goirid, Alasdair MacAoidh:  “Tha cliù aig Sabhal Mòr Ostaig airson ceòl Gàidhealach agus leis na cùrsaichean a th’ againn am-bliadhna, tha taghadh farsaing ann do dhuine sam bith a tha airson na sgilean ciùil aca a leasachadh fo stiùir ceòladairean air leth. Cuideachd, bidh consairtean is tachartasan fìor mhath aig a’ bhuidhinn ealain SEALLas t-samhradh agus bidh a’ mhòr chuid dhiubh suidhichte aig a’ cholaiste. Bidh Julie Fowlis, Blazzin’ Fiddles, Gabe McVarish is am fear èibhinn Al Murray am measg nan ceòladairean, còmhlain is eile a bhios a’ nochdadh gach seachdain. Tha sinn uile a’ coimhead air adhart ris a’ cheòl a chluinntinn agus na cèilidhean is dannsaichean a bhios againn gach seachdain a tha fosgailte do dhuine sam bith.”

Do dhaoine aig a bheil ùidh ann an ceòl a’ bhogsa, tha Robert Nairn le cuideachadh bho Fergie Dòmhnallach gu bhith cumail cùrsa fad seachdain am meadhan an Iuchair. Nas fhaide air a’ mhìos sin bidh am pìobaire Slèiteach Aonghas MacNeacail a’ tilleadh dachaigh gus cùrsa a ghabhail do phìobairean aig a bheil comasan eadar-mheadhanach. Cuideachd, a’ tòiseachadh aig deireadh an Iuchair bidh an cùrsa aig Mhàiri Hall far am faod daoine ceòl traidiseanta air a’ phiàna ionnsachadh.

A thaobh seinn bidh Mairead Stiùbhart a’ teagasg cùrsa air leth inntinneach leis an ainm, ‘Òrain Ghàidhlig o Linn nan Seumasach’, agus sin cuideachd a’ tòiseachadh aig deireadh an Iuchair. An uair sin san Lùnastal bidh Christine Primrose a’ teagasg puirt-a-beul, òrain luaidh agus gu leòr eile co-cheangailte ri òrain dhualchasach na Gàidhlig, agus tha cùrsa eile aice san Iuchair air ‘Òrain Ghàidhlig’. Agus bidh na clasaichean ciùil a’ leantainn san Lùnastal le dithis a tha air leth comasach air an fhidhill. Cumaidh Eilidh Scammell cùrsa leis an ainm, ‘A’ cluich cruinn-còmhla: airson daoine a tha a’ tòiseachadh no le comas eadar-mheadhanach’, agus bidh am fìdhlear ainmeil bho Capercaillie, Charlie McKerron, a’ tabhann cùrsa airson oileanaich eadar-mheadhanach fon ainm, ‘An Ceòl ann an Ceòl na fìdhle’.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu na cùrsaichean seo agus cùrsaichean goirid eile aig Sabhal Mòr Ostaig, cuiribh fòn gu Alasdair MacAoidh air 01471 888242 no tadhail air duileag nan cùrsaichean goirid.