Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

COVID-19 – Fios as ùire

04/2020

 

A chàirdean còire

Tha sinn an dòchas gu bheil sibh a’ cumail slàn is sàbhailte aig an taigh aig an àm dhùbhlanach seo, is am bhìoras Covid-19 a’ sgapadh san dùthaich againn.

Aig Sabhal Mòr Ostaig, bha sinn airson fios a chur thugaibh air na tha sinn fhìn a’ dèanamh. 'S e prìomhachas na Colaiste slàinte is sàbhailteachd an luchd-obrach agus oileanaich aig an àm dhùbhlanach seo agus tha sinn a’ leantainn an stiùireadh as ùire bho Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle Maoineachaidh na h-Alba.

Tha Sabhal Mòr fosgailte agus ag obair gu tur air loidhne, le luchd-obrach is oileanaich ag obair aig an taigh agus sinn a’ gabhail cothrom air an teicneòlas ùr airson ar coimhearsnachd cànain a cheangal. Tha gach cùrsa, bhon Chùrsa Inntrigidh gu prògraman for-cheum a’ ruith air astar a-nis, le oileanaich ag ionnsachadh ann an tòrr diofar dhùthchannan air feadh an t-saoghail tro chlasaichean beò is le stuthan ionnsachaidh air loidhne. Tha sinn ag obair gu cruaidh gus oileanaich a chuideachadh le fiosrachadh is taic aig an àm mhì-chinnteach seo dhaibh.

Tha sinn duilich a ràdh gun tàinig air a’ Cholaiste am prògram tarraingeach de chùrsaichean goirid aig àm na Càisge a chur dheth, cho math ri tachartasan eile mar cho-labhairtean anns na beagan mhìosan a tha romhainn. Tha sinn ag obair air plana airson cùrsaichean goirid a ruith anns t-samhradh, ged is dòcha gum feum na cùrsaichean goirid seo a bhith a’ ruith ann an dòigh eadar-dhealaichte am bliadhna.

Tha sgioba bheag de dh’oileanaich eadar-nàiseanta- nach b’ urrainn tilleadh dhachaigh - a’ fuireach aig a’ Cholaiste, agus tha sgioba bheag de luchd-obrach a’ cumail taic riutha. Cuideachd, tha sgioba de luchd-obrach aig a’ Cholaiste bho àm gu àm fhad’s a tha na togalaichean againn dùinte, is iad a’ cur an gnìomh obair riatanach is cudromach a thaobh slàinte is sàbhailteachd.

Cuideachd, tha Sabhal Mòr air atharraichean a chur an sàs sna siostaman àbhaisteach rianachd, gun urrainn dhuinn a bhith ag obair gu luath is gu h-èifeachdach, air loidhne, leis na prìomh bhuidhnean maoineachaidh, leis na stakeholders air fad, agus leis a’ choimhearsnachd gu h-ionadail agus gu nàiseanta. Tha sinn ag obair leotha an-dràsta a thaobh dèiligeadh ri droch bhuaidh Covid-19 air buidseat na Colaiste. Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth taingeil airson cho tuigseach is cuideachail is a tha stakeholders air a bhith sna beagan làithean is seachdainean mu dheireadh.

Tha Sabhal Mòr Ostaig moiteil às agus a’ cur tòrr earbsa san luchd-obrach, agus tha sinn air leth taingeil airson an cuid foighidinn agus airson an obair chruaidh ag atharrachadh shiostaman ri linn stiùireadh an riaghaltais ann an suidheachadh Covid-19. Tha sinn airson daingneachadh gur e slàinte is sàbhailteachd luchd-obrach is oileanaich am prìomhachas againn aig an àm a tha seo.

Tha sinn a’ guidhe gum bi sinn agus sibh uile a’ cumail slàn is sàbhailte.

*******************************************************************************************

Tha am Prìomhaire agus Prìomh Mhinistear na h-Alba, le chèile, air mìneachadh a thoirt dhuinn air na h-adhbharan a bhith a’ dol a-mach às an dachaigh agus ‘s iad sin:

Airson biadh a cheannach, ach gun a bhith ga dhèanamh ro thric
Eacarsaich uair san latha a-muigh
Feumalachdan meidigeach no gus taic a thoirt do nàbaidhean a tha so-le`nte
A’ siubhal gu obair agus air ais, far a bheil seo riatanach agus far nach eil e comasach a dhèanamh bhon taigh.

‘S mar sin, cumaidh sinn ri na co-dhùnaidhean againn agus bidh togalaichean na Colaiste dùinte bho seo a-mach ach a-mhàin Bloc C far a bheil oileanaich eadar-nàiseanta agus mar a thuirt sinn roimhe, neach-càraidh tron latha agus neach-gleidhidh fad na h-oidhche.

Bidh na manaidsearan agaibh a conaltradh dhuibh a thaobh planaichean-obrach, modhan conaltraidh agus puingean sam bith eile feumail anns na làithean a tha romhainn.

Tha sinn an dùil agus an dòchas gun cùm gach neach-obrach ris an stiùireadh seo.  Le bhith a’ fantail aig an taigh, dh’fhaodadh sibh a’ dìon bheathannan.

 

*******************************************************************************************

 

Tha slàinte is sunnd luchd-obrach, oileanaich agus luchd-tadhail na phrìomhachas dhuinn.

Tha a’ bhuidheann Dìon Slàinte na h-Alba a’ gabhail smachd air freagairtean anns an t-suidheachadh seo agus gheibh sinn stiùir bhuapa.

Tha a h-uile fiosrachadh buntainneach slàinte poblach, a’ toirt a-steach ùrachadh cunbhalach, air làrach-lìn fiosrachadh NHS inform.

Ma tha dragh air daoine mun cuid slàinte ceangailte le amharas coronavirus, bidh sinn ag iarraidh gun lean iad comhairle agus fios a chur gu NHS24 tron àireamh 111.

Gheibhear barrachd comhairle mu dheidhinn siubhal gu sgìrean air a bheil buaidh, air làrach-lìn Fit for Travel.

 

*******************************************************************************************


'Se prìomhachas na Colaiste slàinte is sàbhailteachd an luchd-obrach agus oileanaich aig an àm dhùbhlannach seo. Leis gu bheil sinn air stad a chuir air teagasg aghaidh-ri-aghaidh tha sinn ag obair a dh' ionnsaigh ionnsachdh air loidhne cho luath sa ghabhas.
 
Tha SMO glè eòlach air a bhith a' lìbhrigeadh teagasg air loidhne agus ged 'se suidheachadh gu tur neò-àbhaisteach a tha seo dhuinn uile, tha sinn a' planadh gu faiceallach gus dèanamh cinnteach gun urrainn dhuibh leantainn air adhart le ur cuid ionnsachaidh ge bi càite bheil sibh.
 
Cha bhi deuchainnean a' tachairt air làrach na Colaiste sa bhliadhna acadaimigich seo 19/20 agus chan fheum oileanaich tilleadh gu làrach na Colaiste gu toiseach na bliadhna acadaimigich 20/21.
 
Bidh Seirbheisean nan Oileanach agus Seirbheis Comhairleachaidh SMO a' tabhainn seirbheis air loidhne bhon ath sheachdain.
 
Tha sinn a' tuigsinn gur e suidheachadh mì-chinnteach a tha seo dha coimhearsnachd na Colaiste againn ach cumaibh sùil air làrach-lìn airson an fhiosrachadh as ùire

Fiosrachadh is comhairle as ùire do dh’oileanaich mun Choròna-bhìoras (COVID-19) bhon Riaghaltas:
https://bit.ly/FiosrachadhdoOileanaich