Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Craoladh na Gàidhlig : ceistean, dùbhlain agus slighe air adhart

02/2016

Thèid saoghal craolaidh na Gàidhlig a chur fon phrosbaig aig co-labhairt an Oilthigh Dhùn Èideann anns a’ Mhàrt le riochdairean bho luchd-cleachdaidh, craoladairean is eile a’ deasbad an t-suidheachaidh a th’ann an dràsta, agus dè dh’fhaodadh a bhith an dàn.

Thèid a’ cho-labhairt a chur air dòigh air Dimàirt, Màrt 15 le roinn Ceiltis agus Eòlas na h-Alba aig Oilthigh Dhun Èideann agus bidh làthaireachd fosgailte do neach sam bith le ùidh sa ghnothach.

Am measg na bhios a’ bruidhinn aig a’ cho labhairt tha riochdairean bhon bhuidhinn coiteachaidh Gàidhlig-TV, MG ALBA/BBC ALBA agus eòlaichean à Alba, Èirinn agus a’ Chuimrigh, An Dotair Eithne O’Connell à Oilthigh Cathair-bhaile Bhaile Átha Cliath,  an t-Ollamh  Elin Haf Gruffydd Jones à Oilthigh Aberystwyth agus an t-Ollamh Philip Schlesinger à Oilthigh Ghlaschu.

Thuirt an t-Ollamh Rob Dunbar, ceannard na roinne:    “`S e àm gu math cudromach a tha seo do chraoladh na Gàidhlig agus do chraoladh mion-chànanach uile gu lèir, agus tha e air leth deatamach gun cluinnear caochladh bheachdan air na ceistean agus dùbhlain mhòra mu ar coinneimh, agus gum faigh daoine aig a bheil ùidh sa chuspair cothrom beachdachadh orra.”

Tòisichidh a’ cho-labhairt le clàradh air an latha bho 0930 agus bidh an gnothach a’ tòiseachadh aig 1000. Mairidh e gu 1630 feasgar, aig Ionad Outreach ùr Oilthigh Dhùn Èideann, air Rathad Thaigh an Ròid.  Tha cìs £20 gach neach ri phàigheadh mu choinneamh nan cosgaisean (lasachadh £10) agus bidh cofaidh ga thairgse tron latha.  Cha bhi lòn ri fhaighinn mar phàirt dhen chìs, ach tha goireasan bidhe faisg air làimh far am faigh daoine na bhios a dhìth.

Faodar clàradh ro-làimh an seo taobh-staigh latha no dha.   

Tha dùil gum bi fèill mhòr air àiteachan aig a’ cho-labhairt agus leis sin, tha sinn a’ moladh iarrtasan làthaireachd a chur a-staigh cho luath sa ghabhas.