Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Oileanaich bho SMO gu bhith cluich le cuid de ghaisgich chiùil na Gàidhlig

03/2014

Bidh oileanaich bho Sabhal Mòr Ostaig OGE a’ dol air chuairt an t-seachdain seo sna h-eileanan far am bi iad a’ cluich còmhla ri feadhainn den luchd-chiùil is seinneadairean Gàidhlig as fheàrr a th’ ann.

Bidh 15 oileanaich, bhon chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta, a’ tadhal air Uibhist a Tuath, Uibhist a Deas agus an t-Eilean Sgitheanach. Thèid ceithir cuirmean-ciùil agus aon bhùth-obrach a chumail leis na h-oileanaich eadar 7 is 20 Màrt, agus am measg an luchd-ciùil a bhios air an àrd-ùrlar còmhla riutha bidh Ailean Dòmhnallach, Art MacCarmaig, Christine Primrose, Blair Dùghlas agus Dàimh.

Tha a’ chuairt a’ togail air mar a shoirbhich do chuairt a ghabh na h-oileanaich an-uiridh mar aon de na tachartasan a chomharraich 40 bliadhna bho chaidh SMO a stèidheachadh.

Thuirt Stiùiriche a’ Chùrsa airson am BA (le Urram) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta, Dr Decker Forrest: “Tha a’ Cholaiste an-còmhnaidh a’ feuchainn ri barrachd cheanglaichean is coluadair a thogail eadar sinn fhìn agus na coimhearsnachdan Gàidhlig. An-uiridh, bha aig na h-oileanaich ri tòrr spàirn is obair chruaidh a dhèanamh an lùib na cuairt’ aca, agus b’ ann gu mòr an urra riutha fhèin a bha e a’ chuairt sin a chur air dòigh, ach bha iad gu mòr airson tilleadh gu cuid de na coimhearsnachdan air an do thadhail iad gus na ceanglaichean a rinn  iad a neartachadh, agus gus ceanglaichean a dhèanamh ri àiteachan ùra.

“Tha sinn uabhasach toilichte gun deach iarraidh oirnn tilleadh a Staoinebrig ann an Uibhist a Deas gus cluich còmhla ri luchd-ciùil bhon àite fhèin aig cèilidh agus gus bùth-obrach a chumail airson clann, agus an dà thachartas sin gan cumail ann an Talla Staoinebrig. Chòrd e gu mòr ris a’ choimhearsnachd an-uiridh agus bha miann mhòr againn a dhol air ais gus am faigheadh na h-oileanaich cothrom eile obair còmhla ri clann le Gàidhlig agus gus am faigheadh iad cothrom taic a thoirt don obair a bhios Fèis Tìr a’ Mhurain a’ dèanamh sa choimhearsnachd.”

Cuideachd mar phàirt den chuairt, bidh cuirm shònraichte aig na h-oileanaich ann an Uibhist a Tuath far am bi iad a’ cuimhneachadh air Ivan Dòmhnallach.

Thuirt Dr Forrest: “Nuair a bha sinn a’ cluich ann an Uibhist an-uiridh, bha sinn air aoigheachd aig Ivan Dòmhnallach, agus gu duilich dhuinn uile bhàsaich Ivan goirid às dèidh sin ann an tubaist san Earrach. B’ e pìobaire fìor mhath a bh’ ann an Ivan agus bha e na dheagh charaid do chuid de na h-oileanaich air a’ chùrsa. Bha iad a’ faireachdainn gur e dòigh mhath a bhiodh ann cuimhneachadh air Ivan, a chàirdeas agus a choibhneas, nan cuireadh iad consairt air dòigh ann an Talla Chàirinis còmhla ris a’ phìobaire Ailean Dòmhnallach, neach-ciùil air leth agus caraid do dh’Ivan.”

Bidh na h-oileanaich cuideachd a’ cluich aig dà thachartas san Eilean Sgitheanach. Thèid a’ chiad fhear a chumail san Talla ùr ann an Cille Mhoire far am bi Christine Primrose, Art MacCarmaig agus Blair Dùghlas a’ cluich agus a’ seinn còmhla riutha. An uair sin tillidh na h-oileanaich gu Sabhal Mòr Ostaig airson cuirm còmhla ris an t-sàr chòmhlan chiùil Ghàidhlig, Dàimh.

Thèid Cèilidh Coimhearsnachd a chumail ann an Talla Staoinebrig air Dihaoine 7 Màrt bho 7.30f, agus thèid a’ bhùth-obrach ciùil do chloinn a chumail san aon àite madainn Disathairne 8 Màrt eadar 10.30m-12.30f. Thèid an consairt ann an Talla Chàirinis a chumail air 8 Màrt cuideachd bho 7.30f le dannsa às a dhèidh. Thèid an consairt ann an Talla Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach a chumail air 15 Màrt bho 7.30f le dannsa às a dhèidh agus thèid an tachartas mu dheireadh a chumail san Talla Mhòr aig SMO air 20 Màrt bho 7.30f le dannsa às a dhèidh.

Bidh rafail ann aig gach consairt agus gheibhear tiogaidean aig an doras.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fòn gu Roinn na Margaidheachd aig SMO air 01471 888 218.