Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Pròiseact ealain na bun-sgoile ga thaisbeanadh aig Sabhal Mòr Ostaig

05/2018

Thèid a’ phròiseact ealain lèirsinneach, An Cuan Sgìth / The Little Minch, a thaisbeanadh aig Sabhal Mòr Ostaig bhon 14 Chèitean.  Tha a’ phròiseact air a bhith a’ ruith airson dà bhliadhna, le iomlaid eadar clann Bun-sgoil Shlèite san Eilean Sgitheanach, agus clann Bun-sgoil Bhaile a’ Mhanaich, Beinn na Faoghla.  Bha a’ chlann ag obair còmhla ris an luchd-ealain proifeiseanta Julie Brook, Ceit NicDhòmhnaill agus Kath NicLeòid anns a’ Ghàidhlig, fo stiùir Lasair Ealain agus le taic bho Shabhal Mòr Ostaig. 

’S e amas a’ phròiseict a bhith a’ brosnachadh agus a’ toirt chomasan do dhaoine òga ann a bhith a’ dealbhadh na h-àrainneachd aca fhèin, ag obair le luchd-ealain gus na beachdan aca fhèin a chur an cèill agus tuigse ùr fhaighinn air àite an àraich.

An dèidh sreath de bhùithtean-obrach a’ dealbhadh agus a’ peantadh nan àrainneachdan aca fhèin, thadhail clann Bhunsgoil Shlèite air clann Bheinn na Faoghla fad 3 latha, far an d’ fhuair iad cothroman obrachadh còmhla ann an caochladh àiteachan, falbh gu tachartasan feasgair sa Ghàidhlig agus a’ togail charaidean ùra. Aig deireadh an turais, ghabh sgoilearan Bhaile a’ Mhanaich an aiseag thar a’ Chuain Sgìth gu ruige an Eilein Sgitheanaich, a’ dealbhadh còmhla ris a’ chlann Sgitheanach agus na tidsearan aca air a’ bhàta. Dh’ionnsaich gach buidheann mar a chruthaicheas iad pìosan-ealain de dh’àiteachan sònraichte san àrainneachd, stèidhichte air dealbhan leabhair-sgeidse, agus a’ chlann a’ co-obrachadh air dealbhan mòra gual-fhiodha.

’S e na leabhraichean-sgeidse, dealbhan mòra gual-fhiodha agus fiolm den phròiseact a bhios mar phàirt den taisbeanadh agus iad a’ sealltainn turas ealanta agus fiosaigeach na cloinne.  Chaidh an obair ealain a thaisbeanadh na bu thràithe am bliadhna aig Taigh Chearsabhagh, Uibhist a Tuath, agus thathar dòchas gun tèid a shealltainn an Inbhir Nis nas fhaide air adhart sa bhliadhna.

Chaidh am pròiseact seo a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Young Films agus Lasair Ealain.

An Cuan Sgìth  15 Cèitean – 25 Ògmhios 2018 An Atrium, ACC, SMO

Fosgladh - Diluain 14 Cèitean (6.30f, An Atrium, ACC, SMO) le Cèilidh Teaghlaich (7.30 -9f, An talla Mòr)