Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Teisteanas For-Cheumnach ann an Cultar agus Dualchas na h-Alba

09/2014


Cothrom  rannsachadh a dhèanamh air dualchas na h-Alba mar a bha agus mar a tha e, bhon dachaigh, as bith càite bheil sin anns an t-saoghal.

’S e am prògram seo, teisteanas for-cheumnach ùr ann an Cultar agus Dualchas na h-Alba, a’ chiad fhear de sheòrsa a thèid a lìbhrigeadh gu tur air-loidhne. Bheir e cothrom barraichte a dhol an sàs ann an cultar na h-Alba, tron t-saoibhreas de dhualchas anns a’ Ghàidhlig, a’ Bheurla Ghallda, agus a’ Bheurla; tro thasglannan-fuaim tùsail a tha a-nis rim faighinn airson a’ chiad uair riamh ann an cruth didseatach; agus tro dheasbadan eadar-nàiseanta mu inbhe an dualchais anns an linn againn fhìn.

’S e co-obrachadh a th’ anns a’ phrògram seo eadar Roinn na Ceiltis agus Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann agus Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach.Tha gach buidheann air cliù eadar-nàiseanta a chosnadh air sgàth obair-teagaisg agus obair-rannsachaidh bharraichte, agus air sgàth an cuid ghoireasan airson sgoilearachd na h-Alba, gu seachd sònraichte na bhuineas ri cànanan, cultaran, agus dualchasan.

Thèid an cùrsa a lìbhrigeadh fo stiùir a’ Phroifeiseir Ùisdean Cheape bho SMO agus an Dr Gary West bho Oilthigh Dhùn Èideann.

Thuirt am Proifeasair Cheape: “Tha an cùrsa ùr seo stèidhichte air goireasan sònraichte a bheir sealladh is fiosrachadh dhuinn air eachdraidh is cultar na h-Alba. ’S e cùrsa air leth tarraingeach a th’ ann seach gu bheil e a’ toirt cothrom dhuinn guthan ar sinnsirean a chluinntinn, agus rugadh tòrr de na daoine a tha rin cluinntinn san 19mh linn. Seo agaibh cùrsa a bhios a’ toirt cothrom dhuibh feum a dhèanamh de bheul-aithris gus sùil a thoirt air eachdraidh.”

Thuirt an Dr West: “Tha sinn fìor thoilichte a bhith ag obair còmhla ri ar co-obraichean aig SMO, agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith tòiseachadh a’ chùrsa ùir seo, a bhios air a theagasg air astar, nas fhaide air a’ mhìos seo. Le bhith dèanamh feum de na goireasan is an luchd-teagaisg bhon dà ionad foghlaim, b’ urrainn dhuinn cùrsa fìor mhath a chruthachadh. Tha oileanaich gu bhith againn, chan ann a-mhàin à Alba, ach bho cheàrnaidhean eile den t-saoghal, leithid na Stàitean Aonaichte is Àisia, agus bidh sinn fhìn agus na h-oileanaich a’ brosnachadh a chèile fhad ’s a tha sinn ag obair còmhla air a’ chùrsa seo.”

Seach gach goireas eile tha làrach-lìn dhidseatach an fhuaim-lann Tobar an Dualchais/Kist o Riches, anns a bheil an-dràsta faisg air 33,000 clàradh anns a’ Ghàidhlig, a’ Bheurla Ghallda, agus a’ Bheurla: ceòl traidiseanta, òrain, sgeulachdan, eachdraidh shòisealta, gu dearbh gach uile seòrsa de dhualchas.

Thèid foghlam air astar a lìbhrigeadh gu subailte tro Mhoodle, àrainneachd-ionnsachaidh air-loidhne (VLE). Gheibhear òraidean ann an cruth bhideo agus podcast, agus thèid deasbadan air-loidhne a thoirt seachad ann an seòmar-clas air astar fo sgèith Oilthigh Dhùn Èideann. As bith dè an ìre de dh’eòlas a th’ aca mu ionnsachadh air-loidhne, gheibh gach uile oileanach stiùireadh agus taic theicnigeach.

Thèid an àrainneachd rannsachaidh a dhaingneachadh le àireamh de dh’irisean-d agus de leabhraichean-d a tha sìor leudachadh, agus leis an sgaoilteachd mhòir de ghoireasan didseatach mu sgoilearachd na h-Alba. Nam measg, tha na goireasan-fuaim didseatach agus na goireasan-dhealbh bho na tasglannan, le taic bho sheirbheisean leabharlannan gach buidhne. Bidh an stuth uile gu lèir ri fhaighinn aig bàrr nan corragan nuair a bhios  neach air-loidhne.

A’ tòiseachadh san t-Sultain 2014, tha am prògram ri thoirt seachad làn-thìde thar 1 bhliadhna (2 sheamastair), air neo pàirt-thìde thar 2 bhliadhna (4 seamastairean).