Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsa ceuma ùr do thidsearan Gàidhlig gu bhith air a thabhann le Sabhal Mòr Ostaig

03/2017

Tha Sabhal Mòr Ostaig (SMO), an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, gu bhith lìbhrigeadh cùrsa ùr do dhaoine a tha airson a bhith nan tidsearan Gàidhlig. Fhuair an ceum, BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam, dearbhadh bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (OGE) agus barantas bho Chomhairle Choitcheann Luchd-Teagaisg na h-Alba (GTCS) o chionn ghoirid agus tòisichear a’ tabhann a’ chùrsa ùir san t-Sultain am-bliadhna.

Bidh an ceum ùr mar phàirt den phrògram oideachaidh aig SMO agus bidh an cùrsa air a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig agus bithear a’ cur cuideam air dòighean teagaisg cànain, bogadh cànain agus dà-chànanas. Seo a’ chiad turas a tha SMO air a bhith os cionn cùrsa trèanaidh do thidsearan, agus tha an cùrsa airson daoine a tha airson a bhith nan tidsearan bun-sgoile Gàidhlig no nan tidsearan àrd-sgoile a bhios a’ teagasg Gàidhlig mar chuspair.

Ron seo, bha SMO a’ lìbhrigeadh cùrsa do thidsearan ann an co-bhuinn ri Oilthigh Obar Dheathain, ach a-nis leis a’ cheum ùr seo, tha a’ Cholaiste air a dhol na h-ionad trèanaidh nàiseanta fa leth a bhios a’ toirt cothrom do thidsearan ùra Gàidhlig. Faodar oileanaich am BA (le urram) Gàidhlig is Foghlam a dhèanamh tro SMO no Colaisde a’ Chaisteil, agus gabhaidh an cùrsa a dhèanamh tro fhoghlam air astar no tro theagasg air làrach na Colaiste.

A’ bruidhinn air a’ cheum agus air an inbhe ùir don Cholaiste thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ollamh Boyd Robasdan: “Tha e iomchaidh gum biodh cùrsaichean trèanaidh son luchd-teagaisg air an liubhairt le Ionad Nàiseanta na Gàidhlig. Tha sinn a' faicinn seo mar a' chiad cheum ann a bhith cosnadh inbhe dhan Cholaiste mar phrìomh ionad trèanaidh luchd-teagaisg Gàidhlig agus luthaiginn gum biodh sreath de dhiofar chùrsaichean trèanaidh air an tabhann an ceann beagan bhliadhnaichean”.

Tha an ceum a’ toirt cothrom do dh’oileanaich ceum le urram agus teisteanas teagaisg a chosnadh taobh a-staigh ceithir bliadhna, agus tha e na shlighe dìreach a-steach gu trèanadh thidsearan ann an raon far a bheil gainnead luchd-obrach. Tha an cùrsa mar phàirt den t-slighe ionnsachaidh aig SMO agus thathar an dùil gum bi e na roghainn tharraingeach do dh’oileanaich le ùidh ann a bhith teagasg.

Thuirt an Leas-phrionnsapal agus Stiùiriche an Fhoghlaim, Iain Tormod MacLeòid: “’S e clach-mhìle chudromach a tha an seo dha SMO agus OGE ann a bhith ag ullachadh thidsearan airson an ama ri teachd, tidsearan a tha uidheamaichte agus misneachail ann a bhith a’ teagasg Gàidhlig agus tro mheadhan na Gàidhlig.  Tha an cùrsa a’ tabhann chothroman fa leth a bhith ag ionnsachadh cànan, foghlam agus modhan-obrach proifeasanta ann an suidheachaidhean bogaidh.”

Tha cùrsaichean teagaisg Gàidhlig rim faotainn aig Oilthigh Srath Chluaidh, Oilthigh Dhùn Èideann, OGE agus Sabhal Mòr Ostaig a-nis. Ged a tha an àireamh de thidsearan ùra air a dhol an àird sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, tha cruaidh fheum air barrachd dhiubh fhathast, agus tha Bòrd na Gàidhlig air ceann na h-iomairt gus barrachd dhaoine a thàladh gu teagasg tron Ghàidhlig.

Thuirt Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig, Mona Wilson: “Tha sinn a’ cur meal-a-naidheachd air Sabhal Mòr Ostaig agus iad air dearbhadh is barantas fhaighinn airson a’ chùrsa aca am BA (le Urram) Gàidhlig is Foghlam. Air sàillibh nam buannachdan a gheibhear bho fhoghlam tron Ghàidhlig, tha barrachd is barrachd theaghlaichean ag iarraidh gum faigh an cuid chloinne foghlam dà-chànanach le Gàidhlig is Beurla agus bheir an ceum seo taic don obair a thathar a’ dèanamh gus dèanamh cinnteach gum bi luchd-teagaisg againn aig a bheil misneachd agus na comasan gus frithealadh air an iarrtas a th’ ann. Tha Sabhal Mòr Ostaig na eisimpleir fìor mhath de dh’ionad foghlam Gàidhlig ann an Alba, agus leis a’ cheum seo airson Ciad-fhoghlam do Luchd-teagaisg Gàidhlig tha iad air clach-mhìle chudromach eile a ruighinn.” 

Tòisichidh an ceum ùr air 4 Sultain, agus gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun chùrsa aig http://www.smo.uhi.ac.uk/en/cursaichean/cursaichean-fo-cheum.