Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsaichean Goirid 2020

03/2020

 

Tha sinn uabhasach duilich ach tha sinn air co-dhùnadh a dhèanamh Cùrsaichean Goirid na Càisge a chur dheth. Bidh a’ Cholaiste a’ stad teagasg aghaidh-ri-aghaidh bho Dihaoine agus mar sin bhiodh e glic leantainn le sin airson nan cùrsaichean eile cuideachd.  Tha sinn den bheachd gur e seo an slighe as glice airson ar n-oileanaich, luchd-obrach, luchd-tadhail agus a’ choimhearsnachd fhèin a dhìon ann an suidheachadh a tha ag atharrachadh cha mhòr gach uair a thìde an-dràsta.

 

 

Thig còrr is 1000 duine gu Sabhal Mòr Ostaig às a h-uile ceàrnaidh den t-saoghal a h-uile bliadhna airson am bogadh fhèin ann an cànan is cultar nan Gàidheal. Bidh a’ Cholaiste anns an Eilean Sgitheanach àlainn a’ lìbhrigeadh chùrsaichean còig latha ann an Gàidhlig, ceòl, òrain, dannsa is dualchas tro làithean-saora na Càisge agus as t-samhradh.

 

Bidh cuid den luchd-chiùil thraidiseanta as fheàrr an Alba a’ teagasg air na cùrsaichean ciùil. Tha Iain MacPhàrlain air neach-ciùil cho cliùiteach ’s a th’ ann an saoghal ceòl nan Garbh-chrìochan. Bidh Iain a’ teagasg cuid den eòlais is de na puirt a th’ aige air an fhidhill, air prògram nan Cùrsaichean Goirid aig àm na Càisge, eadar puirt Ghàidhlig is ridhleachan pìoba, cho math ri eachdraidh is beul-aithris nam port. Bidh Christine Primrose (òrain Ghàidhlig), Ingrid NicEanruig (piàna), Ross Martin (giotàr) agus Hamish Napier (duiseal is fìdeag) a’ teagasg aig àm na Càisge cuideachd. 

 

Bidh an sàr fhìdhlear Duncan Chisholm cuide rinn air Prògram Samhraidh 2020. ’S e fìdhlear is sgrìobhadair ciùil air leth a th’ ann an Duncan is e aithnichte airson a chuid ciùil, dhòighean cluich is sgeadachaidh air seann phuirt Ghàidhealach cho math ris a’ cheòl ùr aige fhèin. Anns an Iuchar, bidh cothrom air leth ann do phìobairean is drumairean (eadar aoisean 12 is 21) airson seachdain a chur seachad aig Sabhal Mòr Ostaig is iad a’ leasachadh is a’ neartachadh an cuid cluiche fo stiùir an t-sàr luchd-chiùil, Iain MacPhaidein agus Anndra Mac a’ Phearsain. Bidh oidean eile a’ tilleadh ann an 2020 agus Alasdair Fraser (fidheall), Natalie Hass (cello), Fergie Dòmhnallach (bogsa-phutan), Robert Nairn (bogsa-phutan), Addie Harper (bogsa piàno), Finlay Alison (Ukulele) agus Charlie McKerron (fidheall) nam measg. 

A thuilleadh air na cùrsaichean Gàidhlig, aig ìrean eadar fìor luchd-tòiseachaidh agus àrd eadar-mheadhanach, bidh cùrsaichean goirid ann dhaibhsan a tha fileanta sa chànan cheana, a leithid ‘Beul-aithris is Dualchas’ air dualchas, nòsan, beul-aithris is creideamhan nan Gàidheal, cuide ris an sgrìobhadair is seinneadair Ghàidhlig, Màiri Sine Chaimbeul. Tha cùrsaichean eile ann a leithid ‘Siubhal an Eilein’, ‘Gàidhlig san Àrainneachd’, ‘Dealbhadaireachd Dhidseatach’ agus ‘Ionnsachadh tro Chultar Beò’ do dhaoine leis am bu mhiann ionnsachadh sa bhlàr a-muigh. Bidh sinn cuideachd a’ neartachadh ar ceanglaichean le ar bràithrean is peathraichean Èireannach anns na cùrsaichean Gàidhlig na h-Alba do Ghàidheil na h-Èireann agus Gàidhlig na h-Èireann do Ghàidheil na h-Alba.

Bidh an t-eòlaiche dannsa, Mats Melin, a’ teagasg dannsa-ceum Innse Gall is Cheap Breatainn anns an Lùnastal. Bidh an cùrsa aig Mats ag amas air na ceuman a thoirt an lùib nan dannsaichean sòisealta a leithid sheataichean ceàrnagach is ridhleachan agus mar a bhithear gan taisbeanadh ann an suidheachadh sòisealta. Bidh an cùrsa seo ann aig an aon àm ’s a bhios an cùrsa fìdhlearachd le Eòghan MacEanruig agus ‘Còmhlan Ceòl Traidiseanta’ le Innes MacBhatair ann.

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tairgsinn seachdainean bogaidh, agus tha biadh is àiteachan-fuirich rim faighinn air an làraich, agus cothrom aig oileanaich a thighinn an sàs ann an tachartasan a leithid chearcallan còmhraidh, sheiseanan ciùil, oidhcheannan nan ceist agus chèilidhean air an oidhche. Tha an tuilleadh fiosrachaidh agus liosta de na cùrsaichean goirid gu lèir air làrach-lìn Shabhal Mòr Ostaig.