Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Danny Alexander a' Tadhal air a' Cholaiste

03/2012

Thadhail Danny Alexander BP, Àrd-Rùnaire an Ionmhais, air a' Cholaiste air Diardaoin 1mh den Mhàrt. Bha e anns an eilean airson toiseach sgeama ùr a chomharrachadh aig Riaghaltas Westminster son prìs a' chonnaidh a lùghdachadh. Choinnich Mgr Alexander ri stiùirichean na Colaiste agus ghabh e cuairt timcheall air togalach Fàs. Bha ùidh mhòr aige anns a' bhuaidh eacanomaigich a th' aig a' Cholaiste air an sgìre agus planaichean leasachaidh an
t-Sabhail.